FaclairDictionary EnglishGàidhlig

979: Donald Alexander Mackenzie (3) 979: Dòmhnall Alasdair MacCoinnich (3)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Dòmhnall Alasdair MacCoinnich (3)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun Chaillich Bheura mar a tha i a’ nochdadh anns an leabhar Wonder Tales from Scottish Myth and Legend le Dòmhnall Alasdair MacCoinnich. Anns an dàrna caibideil, tha MacCoinnich ag innse dhuinn mu Bhrìde.

Fad a’ gheamhraidh, bha bana-phrionnsa òg aig a’ Chaillich ann am bruid. B’ ise Brìde. Bha farmad air a’ Chaillich ri bòidhchead Brìde. Bha i cruaidh air an tè òig.

Latha a bha seo, thug a’ Chailleach rùsg-caorach donn do Bhrìde. ‘Glan seo anns an allt,’ thuirt a’ Chailleach, ‘gus am bi e cho geal ris an t-sneachd’.

Thug Brìde an rùsg a-bhàn don allt. Chuir i seachad an latha, feuch an rùsg donn a dhèanamh geal. Ach bha e do-dhèante. ‘Chan eil feum sam bith annad,’ thuirt a’ Chailleach. ‘Chan eil e dad nas gile na bha e nuair a thòisich thu.’

Thill Brìde don aon obair air na làithean an dèidh sin. Ach cha robh dòigh ann airson clòimh dhonn a dhèanamh geal. Bha Brìde a’ sileadh nan deur nuair a thàinig bodach. ‘Dè tha a’ cur ort?’ dh’fhaighnich e. Mhìnich Brìde an suidheachadh dha.

‘Is mise Bodach a’ Gheamhraidh,’ thuirt e. ‘Thoir dhomh an rùsg-caorach. Nì mi fhìn geal e.’

Thug Brìde an rùsg dha. Chrath e trì tursan e agus cha robh e donn tuilleadh. Bha e cho geal ris an t-sneachd. Nuair a thug am Bodach an rùsg air ais do Bhrìde, thug e cuideachd bad de ghealagan-làir – lus beag a dhearbhas gu bheil an geamhradh seachad. ‘Ma nì a’ Chailleach trod,’ thuirt e, ‘inns dhi gun d’ fhuair thu iad anns a’ choille-ghiuthais. Agus dh’fhalbh am Bodach.

Thill Brìde gu daingneach na Caillich. Chuir i an rùsg-caorach air an làr. Ach cha robh a’ Chailleach a’ coimhead air. Bha a sùilean air na gealagan-làir. ‘Càit an d’ fhuair thu na flùraichean sin?’ thuirt i.

‘Tha iad a’ fàs anns a’ choille-ghiuthais,’ thuirt Brìde.

‘Is uabhasach an naidheachd agad!’ thuirt a’ Chailleach. ‘Teich às mo shealladh!’ Bha a’ Chailleach feargach. Bha fios aice gun robh an geamhradh a’ tighinn gu ceann. Innsidh mi dhuibh tuilleadh an-ath-sheachdain.

Donald Alexander Mackenzie (3)

English Beurla

I was telling you about the Cailleach Bheur as she appears in the book ‘Wonder Tales from Scottish Myth and Legend’ by Donald Alexander Mackenzie. In the second chapter, Mackenzie tells us about Bride.

All winter long, the Cailleach had kept a young princess in captivity. She was Bride. The Cailleach was envious of Bride’s beauty. She was hard on the young lass.

One day, the Cailleach gave Bride a brown fleece. ‘Clean this in the burn,’ said the Cailleach, ‘until it is as white as snow’.

Bride took the fleece down to the burn. She spent the day trying to turn the brown fleece white. But it was impossible. ‘You are useless,’ said the Cailleach. ‘It’s no whiter than it was when you started.’

Bride returned to the same work on the days following that. But there was no way to make brown wool white. Bride was weeping when an old man came. ‘What is upsetting you?’ he asked. Bride explained the situation to him.

‘I am Father Winter,’ he said. ‘Give me the fleece. I’ll make it white myself.’

Bride gave him the fleece. He shook it three times and it was no longer brown. It was as white as snow. When the Bodach gave the fleece back to Bride, he also gave [her] a bunch of snowdrops – a wee plant that shows that the winter is over. ‘If the Cailleach scolds you,’ he said, ‘tell her that you got them in the pine wood. And the Bodach left.

Bride returned to the Cailleach’s stronghold. She put the fleece on the floor. But the Cailleach wasn’t looking at it. Her eyes were on the snowdrops. ‘Where did you get those flowers?’ she said.

‘They are growing in the pine wood,’ said Bride.

‘That’s appalling!’ said the Cailleach. ‘Get out of my sight!’ The Cailleach was angry. She knew that the winter was coming to an end. I’ll tell you more next week.

Dòmhnall Alasdair MacCoinnich (3)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mun Chaillich Bheura mar a tha i a’ nochdadh anns an leabhar Wonder Tales from Scottish Myth and Legend le Dòmhnall Alasdair MacCoinnich. Anns an dàrna caibideil, tha MacCoinnich ag innse dhuinn mu Bhrìde.

Fad a’ gheamhraidh, bha bana-phrionnsa òg aig a’ Chaillich ann am bruid. B’ ise Brìde. Bha farmad air a’ Chaillich ri bòidhchead Brìde. Bha i cruaidh air an tè òig.

Latha a bha seo, thug a’ Chailleach rùsg-caorach donn do Bhrìde. ‘Glan seo anns an allt,’ thuirt a’ Chailleach, ‘gus am bi e cho geal ris an t-sneachd’.

Thug Brìde an rùsg a-bhàn don allt. Chuir i seachad an latha, feuch an rùsg donn a dhèanamh geal. Ach bha e do-dhèante. ‘Chan eil feum sam bith annad,’ thuirt a’ Chailleach. ‘Chan eil e dad nas gile na bha e nuair a thòisich thu.’

Thill Brìde don aon obair air na làithean an dèidh sin. Ach cha robh dòigh ann airson clòimh dhonn a dhèanamh geal. Bha Brìde a’ sileadh nan deur nuair a thàinig bodach. ‘Dè tha a’ cur ort?’ dh’fhaighnich e. Mhìnich Brìde an suidheachadh dha.

‘Is mise Bodach a’ Gheamhraidh,’ thuirt e. ‘Thoir dhomh an rùsg-caorach. Nì mi fhìn geal e.’

Thug Brìde an rùsg dha. Chrath e trì tursan e agus cha robh e donn tuilleadh. Bha e cho geal ris an t-sneachd. Nuair a thug am Bodach an rùsg air ais do Bhrìde, thug e cuideachd bad de ghealagan-làir – lus beag a dhearbhas gu bheil an geamhradh seachad. ‘Ma nì a’ Chailleach trod,’ thuirt e, ‘inns dhi gun d’ fhuair thu iad anns a’ choille-ghiuthais. Agus dh’fhalbh am Bodach.

Thill Brìde gu daingneach na Caillich. Chuir i an rùsg-caorach air an làr. Ach cha robh a’ Chailleach a’ coimhead air. Bha a sùilean air na gealagan-làir. ‘Càit an d’ fhuair thu na flùraichean sin?’ thuirt i.

‘Tha iad a’ fàs anns a’ choille-ghiuthais,’ thuirt Brìde.

‘Is uabhasach an naidheachd agad!’ thuirt a’ Chailleach. ‘Teich às mo shealladh!’ Bha a’ Chailleach feargach. Bha fios aice gun robh an geamhradh a’ tighinn gu ceann. Innsidh mi dhuibh tuilleadh an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1283

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile