FaclairDictionary EnglishGàidhlig

22: The Falklands 22: Na h-Eileanan Falcland

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Na h-Eileanan Falcland

Gaelic Gàidhlig

Nochd pìos de rosg Gàidhlig mu Na h-Eileanan Falcland ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a dhà (1842). Agus nochd e a-rithist o chionn ghoirid ann an leabhar ùr. ’S e an tiotal a th’ air an leabhar ùr Ri Linn nan Linntean: taghadh de rosg Gàidhlig. Tha mi a’ dol a leughadh beagan dheth. Bidh e nas sìmplidhe na bha e bho thùs….

Tha mu cheud eilean fon ainm seo – Eileanan Falcland. Tha iad nan laighe dlùth dha chèile. Tha iad ann an cuan mòr na h-àirde Deas. Tha iad mu cheithir cheud agus ceithir fichead mìle an taobh seo de dh’Ameireagaidh a Deas.

Tha an t-eilean as mò sia fichead mìle air fad, agus leth-cheud mìle air leud. Tha bàghan agus calachan ann. Chan eil duine beò a’ còmhnaidh air an eilean seo. Tha an t-eilean seo gu math mòr. Tha e cho mòr ri Muile, Ìle, ’s an t-Eilean Sgitheanach còmhla. Chan eil crodh no caoraich no eich san eilean. Bidh am feur a’ grodadh air an làr o bhliadhna gu bliadhna!

Tha an dara h-eilean as mò ceithir fichead mìle air fad agus leth-cheud mìle air leud. Tha caol eadar an dà eilean. Tha acarsaidean fasgach air gach taobh dhen chaol. Tha baile beag air an eilean seo. Canaidh iad Port Leòdhais ris. Tha ochd duine deug a’ còmhnaidh air an eilean seo. Tha iad de mhuinntir Ameireagaidh a Deas. Ach tha na h-eileanan le Breatainn.

Tha eileanan beaga eile mun cuairt don dà eilean mhòr seo. Tha iad mu mheudachd Cholla is Chanaigh is Eilean nam Muc. Chan eil duine a’ fuireach orra. Tha na h-eileanan uabhasach coltach ri h-Innse-Gall na h-Alba…

Bu mhath leam rudeigin a ràdh mu Phort Leòdhais. An e ainm Gàidhlig a bh’ ann? An robh Leòdhasaich a’ fuireach ann? Cha chreid mi gu robh. ’S e Port Leòdhais a ghabh an sgrìobhadair Gàidhealach air. ’S e Port Louis an t-ainm a bh’ air ann am Fraingis. Chuir na Frangaich baile ann, ann an seachd ceud deug, seasgad ’s a ceithir (1764). Ach ghabh na Spàinntich thairis e. Agus chuir na Spàinntich ainm ùr air – Puerto Soledad – “am port uaigneach”.

Faclan is abairtean: nochd pìos de rosg Gàidhlig mu Na h-Eileanan Falcland: a piece of Gaelic prose about the Falkland Islands appeared; a-rithist o chionn ghoirid: again recently; taghadh: selection; nas sìmplidhe na bha e bho thùs: more simple than it was originally; tha iad nan laighe dlùth dha chèile: they lie close to each other; cuan mòr na h-àirde Deas: the great ocean of the south; Ameireaga a Deas: South America; bàghan agus calachan: bays and harbours; chan eil duine beò a’ còmhnaidh air: no living person inhabits; cho mòr ri Muile, Ìle, ’s an t-Eilean Sgitheanach còmhla: as large as Mull, Islay and Skye together; bidh am feur a’ grodadh air an làr: the grass rots on the ground; an dara h-eilean as mò: the second largest island; tha acarsaidean fasgach air gach taobh dhen chaol:there are sheltered anchorages on each side of the channel/sound; tha iad de mhuinntir Ameireagaidh a Deas: they are natives of South America; ach tha na h-eileanan le Breatainn: but the islands are owned by Britain; mu mheudachd Cholla is Chanaigh is Eilean nam Muc: about the size of Coll, Canna and Muck; uabhasach coltach ri h-Innse-Gall:very similar to the Western Isles; bu mhath leam rudeigin a ràdh: I would like to say something; cha chreid mi gu robh: I don’t think so; ’s e Port Leòdhais a ghabh an sgrìobhadair Gàidhealach air: the Gaelic writer called in Port Leòdhais; ’s e Port Louis an t-ainm a bh’ air ann am Fraingis: its name was Port Louis in French; ghabh na Spàinntich thairis e: the Spaniards took it over; uaigneach: lonely.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 326

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile