FaclairDictionary EnglishGàidhlig

29: Reverend Norman MacLeod (3) 29: An t-Urramach Tormod MacLeòid (3)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An t-Urramach Tormod MacLeòid (3)

Gaelic Gàidhlig

Bha an teaghlach aig Tormod MacLeòid còmhla ris ann an Alba Nuadh. Ach cha robh Tormod toilichte. Bha e mì-thoilichte ann am Pictou. Bha e a’ smaoineachadh nach robh daoine gu leòr a’ leantainn Chrìosda.

Bha e airson a dhol a dh’fhuireach ann an Ohio. Bha feadhainn a bha dìleas dha airson falbh còmhla ris. Bha iad a’ dol a dhol ann ann am bàta. Bha iad a’ dol a sheòladh sìos costa sear Ameireagaidh. Bha iad a’ dol a dhol gu Gulf Mheagsago agus suas Abhainn Mhississippi. Ach cha robh bàta aca. Thog iad bàta ann am Pictou.

’S e The Ark an t-ainm a bh’ air a’ bhàta. Dh’fhàg i Pictou le sgioba de dh’fhir as t-fhoghar ochd ceud deug ’s a naoi-deug (1819). Ach cha do ràinig i Ohio. Gu dearbh, cha do ràinig i Abhainn Mhississippi.

Sheòl iad gu tuath an toiseach. Chaidh iad seachad air ceann a tuath Eilein Cheap Bhreatainn. An uair sin bha iad anns a’ chuan mhòr. Lean iad costa Cheap Bhreatainn gu deas. Feasgar a bha seo, chunnaic iad bàgh. Stad iad ann airson iasgach. Ghlac iad èisg gu leòr. Dh’fhuirich iad an oidhche an sin.

An ath là, thug iad sùil air an àite. Bha am bàgh brèagha. Bha cnuic is coilltean ann. Bha na h-uisgeachan làn èisg. Cha mhòr gu robh duine a’ fuireach ann. Chaidh iad air tìr. Bha sin far a bheil Baile Anna an-diugh. Bha na fir toilichte leis an àite. Dh’aontaich iad fuireach ann, seach a bhith a’ dol gu Ohio.

Thagh gach duine aca pìos fearainn. Thog gach duine aca bothan. An uair sin, thill iad a Phictou airson a’ gheamhraidh. Bha iad a’ dol a thilleadh an ath bhliadhna. Nuair a thill iad a Phictou, reic iad an Ark. Thog gach duine aca bàta beag.

Dh’fhalbh seachd bàtaichean còmhla as t-Earrach. Cha robh cùisean furasta. Dh’èirich stoirm. Chaidh na bàtaichean a chur far an cùrsa. Mu dheireadh, fhuair a h-uile tè ach aonan tron chaolas eadar tìr-mòr Alba Nuaidh agus Ceap Breatainn. Fhuair iad fasgadh ann am Baile Pheadair. Tha sin ann an ceann a deas Cheap Bhreatainn.

Ach cha robh sgeul air a’ cheannard aca, Tormod. Anns an stoirm, chaidh esan air tìr ann an Eilean a’ Phrionnsa. Ach fhuair e taic bhon t-sagart anns an eilean, an t-Athair Urramach Aonghas MacEachairne. Bha Tormod gu mòr an aghaidh teagasg na h-Eaglaise Caitligich. Ach bho sin a-mach bha spèis aige do na sagairt innte.

Faclan is abairtean: còmhla ris ann an Alba Nuadh: with him in Nova Scotia; nach robh daoine gu leòr a’ leantainn Chrìosda: that not enough people were following Christ; bha e airson a dhol a dh’fhuireach: he wanted to go and live; feadhainn a bha dìleas dha: some who were loyal to him; costa sear Ameireagaidh: the east coast of America; bha iad a’ dol a dhol gu Gulf Mheagsago agus suas Abhainn Mhississippi: they were going to go to the Gulf of Mexico and up the Mississippi River; dh’fhàg i Pictou le sgioba de dh’fhir as t-fhoghar: she left Pictou with a crew of men in the autumn; cha do ràinig i Ohio: she didn’t reach Ohio; gu dearbh: indeed; gu tuath:northwards; seachad air ceann a tuath Eilein Cheap Bhreatainn: past the north of Cape Breton Island; chunnaic iad bàgh: they saw a bay; ghlac iad èisg gu leòr: they caught lots of fish; thug iad sùil air an àite: they examined the place; bha cnuic is coilltean ann: there were hills and forests there; cha mhòr gu robh duine a’ fuireach ann: hardly a person lived there; far a bheil Baile Anna an-diugh: where St Ann’s exists today; dh’aontaich iad fuireach ann, seach a bhith a’ dol gu Ohio: they agreed to stay there, instead of going to Ohio; thagh gach duine aca pìos fearainn: each man of them chose a piece of land; thill iad a Phictou airson a’ gheamhraidh: they returned to Pictou for the winter; dh’fhalbh seachd bàtaichean còmhla as t-Earrach: seven boats left together in the Spring; chaidh na bàtaichean a chur far an cùrsa: the boats were swept from their course; mu dheireadh, fhuair a h-uile tè ach aonan tron chaolas: eventually every one of them except one made it through the narrows; fasgadh ann am Baile Pheadair: shelter in St Peter’s; cha robh sgeul air a’ cheannard aca: there was no sign of their leader; Eilean a’ Phrionnsa:Prince Edward Island; fhuair e taic bhon t-sagart: he received assistance from the priest; An t-Athair Urramach Aonghas MacEachairne:The Rev. Father Angus McEachern; gu mòr an aghaidh teagasg na h-Eaglaise Caitligich:very much against the doctrine of the Catholic Church; bho sin a-mach bha spèis aige do na sagairt innte: henceforth he had respect for the priests in it [in her – as eaglais is feminine].

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 333

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile