FaclairDictionary EnglishGàidhlig

292: Graveyard watch 292: Faire chlaidh

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Faire chlaidh

Gaelic Gàidhlig

An cuala sibh riamh mu faire chlaidh? Graveyard watch. Faire chlaidh. Bha daoine a’ creidsinn gun robh an spiorad aig duine a bha air a thiodhlacadh a’ cumail faire air na mairbh. Bha e a’ dèanamh sin gus an robh duine eile air a thiodhlacadh. Bha daoine ag iarraidh nach robh aig spiorad an duine sin a bhith a’ cumail faire ro fhada. Uaireannan dh’adhbharaich sin strì is sabaid.

Dh’inns Iain Dòmhnallach, Bàrd Loch Abar, do Chalum MacGhilleathain naidheachd mu dheidhinn. Bha ministear a bha seo a’ gabhail cuairt. Bha e faisg air àth air bruach Abhainn Spiothain. Thàinig dà bhuidhinn de dhaoine. Bha iad a’ dol don chladh air taobh thall na h-aibhne. Bha ciste-laighe aig gach buidhinn. Bha argamaid ann. Thòisich iad air sabaid. Fhuair a’ bhuidheann a bhuannaich an cothrom a dhol don chladh an toiseach. Cha robh aig spiorad an duine aca ri feitheamh fada mus tigeadh an ath dhuine marbh.

Bha faire de sheòrsa eile a’ dol anns na cladhan cuideachd. Bha clach-uaighe ann an Cladh Chill Mo Naomhaig faisg air Drochaid an Aonachain. Bha toll anns a’ chloich. Chaidh an toll a dhèanamh le peilear.

Bha feadhainn a’ goid chorp bho chladhan – daoine mar Burke is Hare. Bha fear à Loch Abar na oileanach ann an Dùn Èideann. Bha e a’ dèanamh dotaireachd. Thàinig corp don deuchainn-lann. ’S e boireannach a bha ann. Bha fiaclan math aice. Bha an t-oileanach dhen bheachd gun robh na fiaclan coltach ri fiaclan tè às an sgìre aige fhèin. ’S e bean Dhòmhnaill ’ic Iain an t-ainm a bha oirre.

Sgrìobh an t-oileanach dhachaigh. Dh’fhaighnich e an robh duine sam bith air bàs fhaighinn o chionn ghoirid. Thàinig fios gun do chaochail bean Dhòmhnaill ’ic Iain.

Co-dhiù, oidhche a bha seo bha athair Iain Dhòmhnallaich ann an Cladh Chill Mo Naomhaig. Bha e a’ cumail faire an aghaidh mèirlich nan corp. Bha gunna aige. Dh’fhàs e sgìth. Thuit e na chadal. Dhùisg e gu h-obann. Chunnaic e rudeigin. Loisg e an gunna. Ach chan e mèirleach a bha ann. ’S e clach-uaighe a bha ann. Agus rinn am peilear toll anns a’ chloich.

Graveyard watch

English Beurla

Have you ever heard of faire chlaidh? Graveyard watch. Faire chlaidh . People were believing that the spirit of a person who had been buried was keeping watch over the dead. He was doing that until another man was buried. People were wanting that that man’s spirit would not be keeping vigil too long. Sometimes that caused discord and fighting.

John MacDonald, the Lochaber Bard, told Calum Maclean an anecdote about it. A particular minister was taking a stroll. He was near a ford on the bank of the Spean River. Two groups of people came. They were going to the cemetery on the far side of the river. Each group had a coffin. There was an argument. They started to fight. The group that won got the opportunity to go to the graveyard first. The spirit of their man was not having to wait long until the next dead person came.

Another type of watching also took place in the graveyards. There was a gravestone in Kilmonivaig Cemetery near Spean Bridge. There was a hole in the stone. The hole was made by a bullet.

Some people were stealing bodies from graveyards – people like Burke and Hare. A man from Lochaber was a student in Edinburgh. He was doing medicine. A body came to the laboratory. It was a woman. She had good teeth. The student thought that the teeth were like those of a woman from his own area. Her name was “the wife of Donald son of John”.

The student wrote [a letter] home. He asked if anybody had died recently. News came that “the wife of Donald son of John” [had] died.

Anyway, on a particular night, John MacDonald’s father was in Kilmonivag Cemetery. He was keeping watch against grave robbers. He had a gun. He became tired. He fell asleep. He suddenly woke up. He saw something. He fired the gun. But it wasn’t a robber. It was a gravestone. And the bullet made a hole in the stone.

Faire chlaidh

Gaelic Gàidhlig

An cuala sibh riamh mu faire chlaidh? Graveyard watch. Faire chlaidh. Bha daoine a’ creidsinn gun robh an spiorad aig duine a bha air a thiodhlacadh a’ cumail faire air na mairbh. Bha e a’ dèanamh sin gus an robh duine eile air a thiodhlacadh. Bha daoine ag iarraidh nach robh aig spiorad an duine sin a bhith a’ cumail faire ro fhada. Uaireannan dh’adhbharaich sin strì is sabaid.

Dh’inns Iain Dòmhnallach, Bàrd Loch Abar, do Chalum MacGhilleathain naidheachd mu dheidhinn. Bha ministear a bha seo a’ gabhail cuairt. Bha e faisg air àth air bruach Abhainn Spiothain. Thàinig dà bhuidhinn de dhaoine. Bha iad a’ dol don chladh air taobh thall na h-aibhne. Bha ciste-laighe aig gach buidhinn. Bha argamaid ann. Thòisich iad air sabaid. Fhuair a’ bhuidheann a bhuannaich an cothrom a dhol don chladh an toiseach. Cha robh aig spiorad an duine aca ri feitheamh fada mus tigeadh an ath dhuine marbh.

Bha faire de sheòrsa eile a’ dol anns na cladhan cuideachd. Bha clach-uaighe ann an Cladh Chill Mo Naomhaig faisg air Drochaid an Aonachain. Bha toll anns a’ chloich. Chaidh an toll a dhèanamh le peilear.

Bha feadhainn a’ goid chorp bho chladhan – daoine mar Burke is Hare. Bha fear à Loch Abar na oileanach ann an Dùn Èideann. Bha e a’ dèanamh dotaireachd. Thàinig corp don deuchainn-lann. ’S e boireannach a bha ann. Bha fiaclan math aice. Bha an t-oileanach dhen bheachd gun robh na fiaclan coltach ri fiaclan tè às an sgìre aige fhèin. ’S e bean Dhòmhnaill ’ic Iain an t-ainm a bha oirre.

Sgrìobh an t-oileanach dhachaigh. Dh’fhaighnich e an robh duine sam bith air bàs fhaighinn o chionn ghoirid. Thàinig fios gun do chaochail bean Dhòmhnaill ’ic Iain.

Co-dhiù, oidhche a bha seo bha athair Iain Dhòmhnallaich ann an Cladh Chill Mo Naomhaig. Bha e a’ cumail faire an aghaidh mèirlich nan corp. Bha gunna aige. Dh’fhàs e sgìth. Thuit e na chadal. Dhùisg e gu h-obann. Chunnaic e rudeigin. Loisg e an gunna. Ach chan e mèirleach a bha ann. ’S e clach-uaighe a bha ann. Agus rinn am peilear toll anns a’ chloich.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 596

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile