FaclairDictionary EnglishGàidhlig

700: The Golden Retriever 700: An Cù-eunaich Buidhe

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Cù-eunaich Buidhe

Gaelic Gàidhlig

Tha mòran air feadh an t-saoghail measail air a’ chù-eunaich bhuidhe. Tha mi a’ ciallachadh le sin an golden retriever. Chaidh a chruthachadh air Gàidhealtachd na h-Alba ann an ochd ceud deug, seasgad ʼs a h-ochd (1868). Càite? Uill, ann an Taigh a’ Ghiùthsachain faisg air Tomaich. Tha Tomaich faisg air Canaich gu siar air Loch Nis.

B’ e am fear a chruthaich e am Morair Tweedmouth leis an robh Taigh a’ Ghiùthsachain. Bha e ag iarraidh cù le beul bog a bhiodh math air eòin mharbh a thoirt air ais gun chron a dhèanamh orra. Bha e cuideachd ag iarraidh cù a bhiodh comasach air coiseachd thar bhoglaichean agus air seasamh ri droch shìde. Bha e ag iarraidh gum biodh bian fada, dìonach air.

Chuir am Morair Tweedmouth dà sheòrsa ri chèile – wavy-coated retriever agus Tweed water-spaniel. Agus b’ e an cù-eunaich buidhe – an golden retriever – a dh’èirich às. Cha robh an t-ainm oifigeil air, ge-tà, gus an deach an Golden Retriever Club a chur air chois ann an naoi ceud deug is fichead (1920).

A-nise tha fèill mhòr air an t-seòrsa seo air feadh an t-saoghail, ach gu h-àraidh ann an Astràilia, Ameireagaidh a Tuath agus san Roinn Eòrpa. Cha bhi mòran de na coin sin an sàs ann an eunach, ge-tà. ʼS e peataichean a tha annta. Tha iad, mar as trice, gu math dòigheil, laghach nan nàdar.

Tha Taigh a’ Ghiùthsachain a-nise na thobhta. Ach do mhòran ʼs e àite sònraichte a tha ann. Bidh feadhainn a’ dol ann air eilthireachd.

Am-bliadhna, tha ceud gu leth bliadhna air a dhol seachad bhon a chaidh an cù-eunaich buidhe a chruthachadh. Thàinig na ceudan cruinn còmhla as t-samhradh ann an Tomaich is Canaich airson sin a chomharrachadh. Bha mi a’ bruidhinn ri feadhainn às na Stàitean Aonaichte agus Astràilia a thàinig a dh’Alba a dh’aona-ghnothach air sgàth ʼs gun robh an fhèill seo a’ dol air adhart.

Air an latha mu dheireadh, chaidh dealbh a thogail air beulaibh Taigh a’ Ghiùthsachain. Tha trì cheud, seasgad ʼs a h-aon coin – dhen aon seòrsa – anns an dealbh! Mar sin leibh an-dràsta.

The Golden Retriever

English Beurla

Many people across the world like the golden birding-dog. I mean by that the golden retriever. It was created in the Highlands of Scotland in 1868. Where? Well, at Guisachan House near Tomich. Tomich is near Cannich, west of Loch Ness.

The man who created it was Lord Tweedmouth who owned Guisachan House. He was wanting a dog with a soft mouth that would be good at retrieving dead birds without damaging them. He was also wanting a dog that would be capable of walking through bogs and of withstanding bad weather. He was wanting it to have a long waterproof coat.

Lord Tweedmouth combined two breeds – wavy-coated retriever and Tweed water-spaniel. And it was the golden retriever that arose from it. It didn’t have the official name, however, until the Golden Retriever Club was established in 1920.

Now this breed is very popular globally, but particularly in Australia, North America and Europe. Not many of those dogs are involved in birding, however. They are pets. They normally have an easy-going and nice nature.

Guisachan House is now a ruin. But to many people it’s a special place. Some people go there on a pilgrimage.

This year 150 years have elapsed since the golden retriever was created. Hundreds of people came together during the summer in Tomich and Cannich to celebrate that. I was speaking to some people from the United States and Australia who came to Scotland specifically because this gathering was happening.

On the final day, a picture [photo] was taken in front of Guisachan House. There are 361 dogs – of the one breed – in the picture! Cheerio just now.

An Cù-eunaich Buidhe

Gaelic Gàidhlig

Tha mòran air feadh an t-saoghail measail air a’ chù-eunaich bhuidhe. Tha mi a’ ciallachadh le sin an golden retriever. Chaidh a chruthachadh air Gàidhealtachd na h-Alba ann an ochd ceud deug, seasgad ʼs a h-ochd (1868). Càite? Uill, ann an Taigh a’ Ghiùthsachain faisg air Tomaich. Tha Tomaich faisg air Canaich gu siar air Loch Nis.

B’ e am fear a chruthaich e am Morair Tweedmouth leis an robh Taigh a’ Ghiùthsachain. Bha e ag iarraidh cù le beul bog a bhiodh math air eòin mharbh a thoirt air ais gun chron a dhèanamh orra. Bha e cuideachd ag iarraidh cù a bhiodh comasach air coiseachd thar bhoglaichean agus air seasamh ri droch shìde. Bha e ag iarraidh gum biodh bian fada, dìonach air.

Chuir am Morair Tweedmouth dà sheòrsa ri chèile – wavy-coated retriever agus Tweed water-spaniel. Agus b’ e an cù-eunaich buidhe – an golden retriever – a dh’èirich às. Cha robh an t-ainm oifigeil air, ge-tà, gus an deach an Golden Retriever Club a chur air chois ann an naoi ceud deug is fichead (1920).

A-nise tha fèill mhòr air an t-seòrsa seo air feadh an t-saoghail, ach gu h-àraidh ann an Astràilia, Ameireagaidh a Tuath agus san Roinn Eòrpa. Cha bhi mòran de na coin sin an sàs ann an eunach, ge-tà. ʼS e peataichean a tha annta. Tha iad, mar as trice, gu math dòigheil, laghach nan nàdar.

Tha Taigh a’ Ghiùthsachain a-nise na thobhta. Ach do mhòran ʼs e àite sònraichte a tha ann. Bidh feadhainn a’ dol ann air eilthireachd.

Am-bliadhna, tha ceud gu leth bliadhna air a dhol seachad bhon a chaidh an cù-eunaich buidhe a chruthachadh. Thàinig na ceudan cruinn còmhla as t-samhradh ann an Tomaich is Canaich airson sin a chomharrachadh. Bha mi a’ bruidhinn ri feadhainn às na Stàitean Aonaichte agus Astràilia a thàinig a dh’Alba a dh’aona-ghnothach air sgàth ʼs gun robh an fhèill seo a’ dol air adhart.

Air an latha mu dheireadh, chaidh dealbh a thogail air beulaibh Taigh a’ Ghiùthsachain. Tha trì cheud, seasgad ʼs a h-aon coin – dhen aon seòrsa – anns an dealbh! Mar sin leibh an-dràsta.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1004

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile