FaclairDictionary EnglishGàidhlig

840: Covid-19 840: Covid-19

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Covid-19

Gaelic Gàidhlig

Tha an saoghal air a bhith ann an grèim galair. A bheil am briathrachas agaibh airson bruidhinn mu dheidhinn ‘Covid-19’ ann an Gàidhlig? An toiseach, a’ Ghàidhlig air virus. ’S e sin bhìoras le ‘bh’. Canaidh sinn a’ bhìoras airson ‘the virus’. Agus coronavirus? Uill, tha sin furasta – coròna-bhìoras. Coròna-bhìoras. Bidh sinn a’ bruidhinn air Covid-19 cuideachd. Agus bidh sinn a’ sgrìobhadh sin le ‘v’ seach ‘bh’.

Bidh sinn ag ràdh galar airson infectious disease. Nuair a tha e a’ sgaoileadh gu mòr, ’s e mòr-ghalar no galar-sgaoilte a th’ ann – an epidemic. Ach dè mu dheidhinn pandemic – nuair a bhios galar sgaoilte air feadh an t-saoghail? ’S e sin galar mòr-sgaoilte. Tha sin a’ dèanamh ciall, nach eil? Galar mòr-sgaoilte. Bidh gu leòr, ge-tà, a cleachdadh pandemic, mar a tha ann am Beurla.

Agus infection? Uill, tha am facal fillte galar-ghabhail ann. Tha an ìre de ghalar-ghabhail ro mhòr an-dràsta. The rate of infection is too great just now. Ghabh e Covid-19. He caught or was infected by Covid-19. Tha gabhaltach a’ ciallachadh infectious. Tha an galar seo uabhasach fhèin gabhaltach. Tha na gnèithean ùra dhen bhìoras nas gabhaltaiche. The new strains of the virus are more infectious.

Bu mhath leam a-nise sùil a thoirt air na fuasglaidhean airson Covid-19. Tha dìonachd no ion-dhìonachd a’ ciallachadh immunity. Chan eil dìonachd – no dìreach dìon – on ghalar seo aig gu leòr de dhaoine fhathast. Aig a’ cheann thall, ’s e ion-dhìonachd sluaigh a bhios mar fhuasgladh dhuinn. Sin herd immunity, nuair a tha dìon on ghalar aig earrann mhòr dhen t-sluagh.

Tha dà dhòigh airson ion-dhìonachd sluaigh a bhith ann. Anns a’ chiad àite, le sgaoileadh a’ ghalair fhèin. Bhiodh gu leòr a’ tighinn beò, agus iad air an dìon. Bhiodh anti-cuirp aca. Anti-cuirp – antibodies. Ach le Covid-19, bhiodh mòran daoine a’ faighinn bàs.

’S e an dòigh eile – a’ bhanachdach. Vaccination no vaccine. Gheibh daoine snàthad leis a’ bhanachdach ann. Agus bidh am bodhaigean a’ cruthachadh anti-cuirp.

Sin briathrachas feumail dhuibh. Bidh sinn beò an dòchas nach bi sinn feumach air, ach airson ùine bheag a bharrachd.

Covid-19

English Beurla

The world has been in the grip of a disease. Do you have the vocabulary to speak about Covid-19 in Gaelic? To begin with, the Gaelic for virus. That’s bhìoras with a ‘bh’. We say a’ bhìoras for ‘the virus’. And coronavirus? Well, that’s easy – coròna-bhìoras. Coròna-bhìoras. We also speak about Covid-19. And we write that with a ‘v’ rather than a ‘bh’.

We say galar for infectious disease. When it spreads a great deal, it is a mòr-ghalar or galar-sgaoilte – an epidemic. But what about a pandemic – when a disease is spread throughout the world? That’s a galar mòr-sgaoilte. That makes sense, doesn’t it? Galar mòr-sgaoilte. Plenty of folk, however, use ‘pandemic’, as it is in English.

And ‘infection’? Well, there is the word galar-ghabhail. Tha an ìre de ghalar-ghabhail ro mhòr an-dràsta. The rate of infection is too great just now. Ghabh e Covid-19. He caught or was infected by Covid-19. Gabhaltach means infectious. This disease is particularly infectious. Tha na gnèithean ùra dhen bhìoras nas gabhaltaiche. The new strains of the virus are more infectious.

I would like now to look at the solutions for Covid-19. Dìonachd or ion-dhìonachd mean ‘immunity’. Not enough people are yet protected from the disease. In the fullness of time, it is ion-dhìonachd sluaigh that will be our solution. That is [means] ‘herd immunity’, when a large section of the population are protected from the disease.

There are two ways to achieve herd immunity. In the first place, with the spread of the disease itself. Plenty of people would survive, protected. They would have anti-cuirp. Anti-cuirp – antibodies. But with Covid-19, many people would die.

The other way is [with] a’ bhanachdach. Vaccination or vaccine. People [will] get a jag [needle] with the vaccine in it. And their bodies will create antibodies.

That’s a useful vocabulary for you. We shall live in hope that we won’t need it, except for a short time ahead.

Covid-19

Gaelic Gàidhlig

Tha an saoghal air a bhith ann an grèim galair. A bheil am briathrachas agaibh airson bruidhinn mu dheidhinn ‘Covid-19’ ann an Gàidhlig? An toiseach, a’ Ghàidhlig air virus. ’S e sin bhìoras le ‘bh’. Canaidh sinn a’ bhìoras airson ‘the virus’. Agus coronavirus? Uill, tha sin furasta – coròna-bhìoras. Coròna-bhìoras. Bidh sinn a’ bruidhinn air Covid-19 cuideachd. Agus bidh sinn a’ sgrìobhadh sin le ‘v’ seach ‘bh’.

Bidh sinn ag ràdh galar airson infectious disease. Nuair a tha e a’ sgaoileadh gu mòr, ’s e mòr-ghalar no galar-sgaoilte a th’ ann – an epidemic. Ach dè mu dheidhinn pandemic – nuair a bhios galar sgaoilte air feadh an t-saoghail? ’S e sin galar mòr-sgaoilte. Tha sin a’ dèanamh ciall, nach eil? Galar mòr-sgaoilte. Bidh gu leòr, ge-tà, a cleachdadh pandemic, mar a tha ann am Beurla.

Agus infection? Uill, tha am facal fillte galar-ghabhail ann. Tha an ìre de ghalar-ghabhail ro mhòr an-dràsta. The rate of infection is too great just now. Ghabh e Covid-19. He caught or was infected by Covid-19. Tha gabhaltach a’ ciallachadh infectious. Tha an galar seo uabhasach fhèin gabhaltach. Tha na gnèithean ùra dhen bhìoras nas gabhaltaiche. The new strains of the virus are more infectious.

Bu mhath leam a-nise sùil a thoirt air na fuasglaidhean airson Covid-19. Tha dìonachd no ion-dhìonachd a’ ciallachadh immunity. Chan eil dìonachd – no dìreach dìon – on ghalar seo aig gu leòr de dhaoine fhathast. Aig a’ cheann thall, ’s e ion-dhìonachd sluaigh a bhios mar fhuasgladh dhuinn. Sin herd immunity, nuair a tha dìon on ghalar aig earrann mhòr dhen t-sluagh.

Tha dà dhòigh airson ion-dhìonachd sluaigh a bhith ann. Anns a’ chiad àite, le sgaoileadh a’ ghalair fhèin. Bhiodh gu leòr a’ tighinn beò, agus iad air an dìon. Bhiodh anti-cuirp aca. Anti-cuirp – antibodies. Ach le Covid-19, bhiodh mòran daoine a’ faighinn bàs.

’S e an dòigh eile – a’ bhanachdach. Vaccination no vaccine. Gheibh daoine snàthad leis a’ bhanachdach ann. Agus bidh am bodhaigean a’ cruthachadh anti-cuirp.

Sin briathrachas feumail dhuibh. Bidh sinn beò an dòchas nach bi sinn feumach air, ach airson ùine bheag a bharrachd.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1144

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile