FaclairDictionary EnglishGàidhlig

401: Extinct animals, on Scottish Maps (3) 401: Beathaichean, a chaidh à bith, air mapaichean na h-Alba (3)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Beathaichean, a chaidh à bith, air mapaichean na h-Alba (3)

Gaelic Gàidhlig

Ri taobh rathad mòr an A9 aig Druim Uachdair, tha beinn mhòr ann. ’S e An Torc an t-ainm a tha oirre. Ann am Beurla, The Boar of Badenoch. Tha feadhainn a’ smaoineachadh gu bheil i coltach ri druim tuirc.

Gu deas air an Torc, tha beinn eile, The Sow of Atholl. Tha seann ainm Gàidhlig oirre cuideachd – Meall an Dobharchain. Tha mi a’ dèanamh dheth gu bheil sin a’ ciallachadh meall na crìche no the hill of the boundary. Tha a’ chrìoch eadar Athall is Bàideanach eadar Meall an Dobharchain agus an Torc.

Carson a tha an torc ann an ainmean-àite ann an Alba? Uill, bha iad uaireigin beò an seo. Cuideachd, tha cumadh air cuid de bheanntan a tha coltach ri cumadh tuirc. Ach tha adhbhar eile ann cuideachd. Beul-aithris. Tha stòiridhean ann an grunn àiteachan mu dheidhinn torc-nimhe. ’S e am fear as ainmeile dhiubh Diarmad agus Gràinne.

Tha Loch an Tuirc agus Càrn Loch an Tuirc ann an Ros an Ear, deas air Beinn Uais. Rin taobh tha Beinn a’ Ghuilbein. Far a bheil guilbein no gulbain no a leithid air beinn, gu tric tha Diarmad agus Gràinne co-cheangailte ris. Anns an sgeulachd sin, tha Diarmad a’ marbhadh torc-nimhe. Ach tha an torc-nimhe ag adhbharachadh bàs Dhiarmaid cuideachd.

Tha Càrn an Tuirc eadar Gleann Sìth agus Bràigh Mhàrr. Faisg air làimh tha Beinn Ghulbain. ’S e sin an t-àite as ainmeile ann an Alba airson stòiridh Dhiarmaid agus Gràinne. ’S ann air Beinn Ghulbain a chaidh an torc, agus Diarmad, a mharbhadh.

Faisg air Loch an Lagain, deas air Creag Mèagaidh, tha cnoc ann air a bheil Tòrr a’ Ghuilbinn. Faisg air, tha Lochan an Tuirc. Tha mi an dùil gun robh muinntir an àite sin ag innse an stòiridh cuideachd.

An e sin e do bheathaichean a bha uaireigin ann an Alba agus a chaidh à bith? Uill, chan e buileach. An-ath-sheachdain, anns an Litir mu dheireadh air a’ chuspair seo, bheir sinn sùil air dà chreutair eile. Bidh sibh eòlach gu leòr air an dàrna fear dhiubh. Ach am fear eile? Chanainn gun cuir sin iongnadh oirbh. Chun na h-ath-sheachdain, beannachd leibh.

Extinct animals, on Scottish Maps (3)

English Beurla

Beside the A9 at Drumochter, there is a big mountain. It’s name is An Torc. In English The Boar of Badenoch. Some people think it’s like a boar’s back.

South of An Torc, there is another mountain, The Sow of Atholl. It also bears an old Gaelic name – Meall an Dobharchain . I reckon that means the hill of the boundary. The boundary between Atholl and Badenoch runs between Meall an Dobharchain and An Torc.

Why is the wild boar in place names in Scotland? Well, they once lived here. Also, some mountains have a shape reminiscent of a boar’s shape. But there is also another reason. Oral tradition. There are stories in a few places about a wild boar. The most famous one is Diarmad and Gràinne.

Loch an Tuirc and Càrn Loch an Tuirc are in Easter Ross, south of Ben Wyvis. Beside them there is Beinn a’ Ghuilbein. Where a ben carries the descriptor guilbein or gulbain or the like, Diarmad and Gràinne is often connected to it. In that story, Diarmad kills a wild boar. But the wild boar also causes Diarmad’s death.

Càrn an Tuirc is between Glenshee and the Braes of Mar. Nearby is Ben Gulabin. That is the most famous place in Scotland for the story of Diarmad and Gràinne. It’s on Ben Gulabin that the wild boar and Diarmad were killed.

Near Loch Laggan, south of Creag Meagaidh, there is a hill called Tòrr a’ Ghuilbinn. Close to it there is Lochan an Tuirc. I imagaine that the people of that place were telling the story as well.

Is that it for animals that were once in Scotland and became extinct? Well, not entirely. Next week, in the final Litir on this subject, we’ll look at two other creatures. You’ll be familiar enough with the first one. But the other? I’d say that will surprise you. Till next week, cheerio.

Beathaichean, a chaidh à bith, air mapaichean na h-Alba (3)

Gaelic Gàidhlig

Ri taobh rathad mòr an A9 aig Druim Uachdair, tha beinn mhòr ann. ’S e An Torc an t-ainm a tha oirre. Ann am Beurla, The Boar of Badenoch. Tha feadhainn a’ smaoineachadh gu bheil i coltach ri druim tuirc.

Gu deas air an Torc, tha beinn eile, The Sow of Atholl. Tha seann ainm Gàidhlig oirre cuideachd – Meall an Dobharchain. Tha mi a’ dèanamh dheth gu bheil sin a’ ciallachadh meall na crìche no the hill of the boundary. Tha a’ chrìoch eadar Athall is Bàideanach eadar Meall an Dobharchain agus an Torc.

Carson a tha an torc ann an ainmean-àite ann an Alba? Uill, bha iad uaireigin beò an seo. Cuideachd, tha cumadh air cuid de bheanntan a tha coltach ri cumadh tuirc. Ach tha adhbhar eile ann cuideachd. Beul-aithris. Tha stòiridhean ann an grunn àiteachan mu dheidhinn torc-nimhe. ’S e am fear as ainmeile dhiubh Diarmad agus Gràinne.

Tha Loch an Tuirc agus Càrn Loch an Tuirc ann an Ros an Ear, deas air Beinn Uais. Rin taobh tha Beinn a’ Ghuilbein. Far a bheil guilbein no gulbain no a leithid air beinn, gu tric tha Diarmad agus Gràinne co-cheangailte ris. Anns an sgeulachd sin, tha Diarmad a’ marbhadh torc-nimhe. Ach tha an torc-nimhe ag adhbharachadh bàs Dhiarmaid cuideachd.

Tha Càrn an Tuirc eadar Gleann Sìth agus Bràigh Mhàrr. Faisg air làimh tha Beinn Ghulbain. ’S e sin an t-àite as ainmeile ann an Alba airson stòiridh Dhiarmaid agus Gràinne. ’S ann air Beinn Ghulbain a chaidh an torc, agus Diarmad, a mharbhadh.

Faisg air Loch an Lagain, deas air Creag Mèagaidh, tha cnoc ann air a bheil Tòrr a’ Ghuilbinn. Faisg air, tha Lochan an Tuirc. Tha mi an dùil gun robh muinntir an àite sin ag innse an stòiridh cuideachd.

An e sin e do bheathaichean a bha uaireigin ann an Alba agus a chaidh à bith? Uill, chan e buileach. An-ath-sheachdain, anns an Litir mu dheireadh air a’ chuspair seo, bheir sinn sùil air dà chreutair eile. Bidh sibh eòlach gu leòr air an dàrna fear dhiubh. Ach am fear eile? Chanainn gun cuir sin iongnadh oirbh. Chun na h-ath-sheachdain, beannachd leibh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 705

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile