FaclairDictionary EnglishGàidhlig

765: Sailing vocabulary 765: Briathrachas seòlaidh

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Briathrachas seòlaidh

Gaelic Gàidhlig

ʼS toigh leam seòladh. Airson sgilean seòlaidh ionnsachadh, rinn mi cùrsaichean fo sgèith Chomann Rìoghail na Luingearachd. Mar a thuigeas sibh, ʼs ann ann am Beurla a bha an t-oideachadh. Mar sin, chan eil mi cho eòlach air briathrachas Gàidhlig an t-seòlaidh ʼs a bu mhath leam a bhith.

An latha eile, thàinig mi tarsainn air abairtean feumail mu sheòladh ann an seann leabhran – The Tourists Hand-book of Gaelic and English Phrases. Nochd e ann an clò o chionn còrr is ceud bliadhna. Bha e air a chur ri chèile leis a’ bhana-bhàrd chliùiteach, Màiri NicEalair à Loch Abar.

Bha an leabhran – a tha cuideachd ri fhaighinn air an eadar-lìon – airson luchd-turais a bha a’ tighinn don Ghàidhealtachd airson spòrs air a’ bhlàr a-muigh. Aig an àm sin, bha tòrr dhen luchd-obrach air na h-oighreachdan Gàidhealach gun Bheurla aca.

Seo cuid de na h-abairtean ann. Mach am bàta. Out with the boat. Mach am bàta. Suas an seòl. Up with the sail. Suas an seòl. Gabh an stiùir. Take the helm. Gabh an stiùir.

ʼS e sgòd a chanas sinn ri ròp a tharraingeas air seòl airson a theannachadh no a lasachadh. Ann am Beurla, sheet. Airson ‘ haul the sheet’, canaidh sinn ‘tarraing an sgòd’ ann an Gàidhlig. Tarraing an sgòd. Tarraing teann e ‘haul it taught’. Tarraing teann e. Lasaich e ‘slacken it’. Lasaich e. Airson ‘down with the sail’, tha Màiri ag innse dhuinn gu sìmplidh ‘Nuas an seòl’.

Tha briathrachas a bharrachd mu a leithid ann am Faclair Dwelly. Mar eisimpleir – sgòd an t-siùil thoisich ‘foresail sheet’ agus sgòd an t-siùil mheadhain ‘mainsheet’.

Ma dh’fhalbhas a’ ghaoth, agus i ro chiùin airson seòladh, seo sreath abairtean bhon leabhran a dh’fhaodadh a bhith feumail: Nuas an seòl. Dh’fhalbh a’ ghaoth. Mach na ràimh. Iomraibh, ʼillean gasta. Sin sibh fhèin, ʼillean. Is math a rinn sibh. Fhuair sinn latha math. Cadal math dhuibh!

Chan eil guth air ‘outboard motor’ anns na h-abairtean. Cha robh a leithid ann aig an àm sin. Nuair nach robh gaoth ann, bha na gillean a’ toirt a-mach nan ràmh airson am bàta iomradh gu tìr.

Sailing vocabulary

English Beurla

I like sailing. To learn sailing skills, I did courses under the auspices of the Royal Yachting Association. As you would understand, the instruction was in English. Thus, I am not as familiar with the Gaelic vocabulary of sailing as I would like to be.

The other day, I came across useful phrases about sailing in an old booklet - The Tourists Hand-book of Gaelic and English Phrases. It appeared in print over a hundred year ago. It was compiled by the famous poetess, Mary MacKellar from Lochaber.

The booklet – which is also available on the internet – was for tourists who were coming to the Highlands for sporting pursuits. At that time, many of the workers on Highland estates had no command of the English language.

Here are some of the phrases in it. Mach am bàta. Out with the boat. Mach am bàta. Suas an seòl.Up with the sail. Suas an seòl. Gabh an stiùir. Take the helm. Gabh an stiùir.

We say sgòd for a rope that draws on a sail to tighten or loosen it. In English, a sheet. For ‘haul the sheet’, we say ‘tarraing an sgòd’in Gaelic. Tarraing an sgòd. Tarraing teann e‘haul it taught’. Tarraing teann e. Lasaich e‘slacken it’. Lasaich e. For ‘down with the sail’, Mary tells us simply ‘Nuas an seòl’.

There is further vocabulary in Dwelly’s dictionary. For example – sgòd an t-siùil thoisich ‘foresail sheet’ and sgòd an t-siùil mheadhain ‘mainsheet’.

If the wind disappears, and it is too calm to sail, here is a series of phrases from the booklet that could be useful. Down with the sail. The wind has gone. Out with the oars. Row, fine lads. There you are, lads. You did well. We had a good day. May you sleep soundly!

There is no mention of ‘outboard motor’ in the phrases. There was no such thing at the time. When there was no wind, the lads were taking out the oars in order to row the boat to land.

Briathrachas seòlaidh

Gaelic Gàidhlig

ʼS toigh leam seòladh. Airson sgilean seòlaidh ionnsachadh, rinn mi cùrsaichean fo sgèith Chomann Rìoghail na Luingearachd. Mar a thuigeas sibh, ʼs ann ann am Beurla a bha an t-oideachadh. Mar sin, chan eil mi cho eòlach air briathrachas Gàidhlig an t-seòlaidh ʼs a bu mhath leam a bhith.

An latha eile, thàinig mi tarsainn air abairtean feumail mu sheòladh ann an seann leabhran – The Tourists Hand-book of Gaelic and English Phrases. Nochd e ann an clò o chionn còrr is ceud bliadhna. Bha e air a chur ri chèile leis a’ bhana-bhàrd chliùiteach, Màiri NicEalair à Loch Abar.

Bha an leabhran – a tha cuideachd ri fhaighinn air an eadar-lìon – airson luchd-turais a bha a’ tighinn don Ghàidhealtachd airson spòrs air a’ bhlàr a-muigh. Aig an àm sin, bha tòrr dhen luchd-obrach air na h-oighreachdan Gàidhealach gun Bheurla aca.

Seo cuid de na h-abairtean ann. Mach am bàta. Out with the boat. Mach am bàta. Suas an seòl. Up with the sail. Suas an seòl. Gabh an stiùir. Take the helm. Gabh an stiùir.

ʼS e sgòd a chanas sinn ri ròp a tharraingeas air seòl airson a theannachadh no a lasachadh. Ann am Beurla, sheet. Airson ‘ haul the sheet’, canaidh sinn ‘tarraing an sgòd’ ann an Gàidhlig. Tarraing an sgòd. Tarraing teann e ‘haul it taught’. Tarraing teann e. Lasaich e ‘slacken it’. Lasaich e. Airson ‘down with the sail’, tha Màiri ag innse dhuinn gu sìmplidh ‘Nuas an seòl’.

Tha briathrachas a bharrachd mu a leithid ann am Faclair Dwelly. Mar eisimpleir – sgòd an t-siùil thoisich ‘foresail sheet’ agus sgòd an t-siùil mheadhain ‘mainsheet’.

Ma dh’fhalbhas a’ ghaoth, agus i ro chiùin airson seòladh, seo sreath abairtean bhon leabhran a dh’fhaodadh a bhith feumail: Nuas an seòl. Dh’fhalbh a’ ghaoth. Mach na ràimh. Iomraibh, ʼillean gasta. Sin sibh fhèin, ʼillean. Is math a rinn sibh. Fhuair sinn latha math. Cadal math dhuibh!

Chan eil guth air ‘outboard motor’ anns na h-abairtean. Cha robh a leithid ann aig an àm sin. Nuair nach robh gaoth ann, bha na gillean a’ toirt a-mach nan ràmh airson am bàta iomradh gu tìr.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1069

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile