FaclairDictionary EnglishGàidhlig

784: The dam on Loch Moy 784: An dàm air Loch na Maighe

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An dàm air Loch na Maighe

Gaelic Gàidhlig

Bha linn ann, agus na Cuimeanaich agus Clann ʼic an Tòisich nan dearg nàimhdean do chèile. Chuir na Cuimeanaich armailt mhòr ri chèile. Chaidh iad gu ruige A’ Mhuigh, deas air Inbhir Nis, àros aig ceann-cinnidh Clann ʼic an Tòisich. Ach cha robh sgeul air Mac an Tòisich no a luchd-leantainn. Bha iad air a dhol gu eilean ann an Loch na Maighe. Bha ceithir cheud duine cruinn còmhla air an eilean. Bha iad sàbhailte an sin, airson greis co-dhiù.

A rèir beul-aithris, chruthaich na Cuimeanaich plana car annasach. Tha Allt Fionntaig a’ sruthadh a-mach à Loch na Maighe. Thog na Cuimeanaich dàm air an allt. Air taobh an locha dhen dàm, bha dèileachan fiodha. Nuair a dh’èireadh Loch na Maighe, bhiodh an t-eilean air a chòmhdachadh le uisge.

Eadhon mus do dh’èirich an loch ro fhada, bha e follaiseach do Chloinn ʼic an Tòisich gun robh am biadh aca a’ fàs gann. Thàinig fear dhiubh air adhart le plana. Fhuair e cead a dhol air adhart leis.

Thog e ràth – tha mi an dùil, le logaichean. Rinn e fàsagan – no bungs – de dh’fhiodh. Thug e leis sreang, ròp agus tora, no auger, airson tuill a dhèanamh anns na dèileachan.

Dh’fhalbh e a-mach ann an dorchadas na h-oidhche. Ràinig e an dàm. Chan fhaca na Cuimeanaich e. Rinn e tuill anns na dèileachan. Chuir e fàsag anns gach toll, agus cheangail e sreangan is ròp ris na fàsagan. Tharraing e air an ròp, agus thàinig na fàsagan uile a-mach aig an aon àm. Ruith uisge tro na tuill le neart. Sguabaich e an dàm air falbh. Bha tuil mhòr ann.

Gu mì-fhortanach do na Cuimeanaich, cha robh luchd-faire aca. Bha iad a’ campachadh dìreach fon dàm. Chaidh tòrr dhiubh a mharbhadh anns an tuil. Cha robh gaisgeach na Maighe luath gu leòr ann a bhith a’ pleadhagaich an ràtha aige air falbh. Chaidh a bhàthadh-san anns an tuil cuideachd. No mharbh na Cuimeanaich e. Cha do mhair e beò, co-dhiù.

A bheil fìrinn sam bith anns an stòiridh? Chan eil fhios a’m. Mas breug bhuam e, is breug thugam e.

The dam on Loch Moy

English Beurla

There was a time when the Cummings and the Mackintoshes were deadly enemies of each other. The Cummings put together a military force. They went to Moy, south of Inverness, an abode of the Mackintosh clan chief. But there was no sign of Mackintosh or his followers. They had gone to an island on Loch Moy. There were four hundred people gathered together on the island. They were safe there, for a while anyway.

According to tradition, the Cummings created an unusual plan. The Funtack Burn flows out of Loch Moy. The Cummings built a dam on the burn. On the loch side of the dam were wooden planks. When the level of Loch Moy rose, the island would become covered with water.

Even before the loch rose too much, it was obvious to the Mackintoshes that their food was getting scant. One of them came forward with a plan. He received permission to go ahead with it.

He built a raft – I imagine, with logs. He made bungs of wood. He took with him string, rope and an auger, to make holes in the planks.

He set out in the darkness of the night. He reached the dam. The Cummings didn’t see him. He made holes in the planks. He put a bung in each hole, and he tied strings and rope to the bungs. He pulled on the rope, and the bungs all came out at the same time. Water ran through the holes with force. It swept the dam away. There was a great flood.

Unfortunately for the Cummings, they had no watchmen. They were camped directly below the dam. Many of them were killed in the flood. The hero of Moy was not quick enough in paddling his raft away. He was also drowned in the flood. Or the Cummings killed him. He didn’t survive, anyway.

Is there any truth in the story? I don’t know. If I’m telling a lie, it’s because I heard it as a lie.

An dàm air Loch na Maighe

Gaelic Gàidhlig

Bha linn ann, agus na Cuimeanaich agus Clann ʼic an Tòisich nan dearg nàimhdean do chèile. Chuir na Cuimeanaich armailt mhòr ri chèile. Chaidh iad gu ruige A’ Mhuigh, deas air Inbhir Nis, àros aig ceann-cinnidh Clann ʼic an Tòisich. Ach cha robh sgeul air Mac an Tòisich no a luchd-leantainn. Bha iad air a dhol gu eilean ann an Loch na Maighe. Bha ceithir cheud duine cruinn còmhla air an eilean. Bha iad sàbhailte an sin, airson greis co-dhiù.

A rèir beul-aithris, chruthaich na Cuimeanaich plana car annasach. Tha Allt Fionntaig a’ sruthadh a-mach à Loch na Maighe. Thog na Cuimeanaich dàm air an allt. Air taobh an locha dhen dàm, bha dèileachan fiodha. Nuair a dh’èireadh Loch na Maighe, bhiodh an t-eilean air a chòmhdachadh le uisge.

Eadhon mus do dh’èirich an loch ro fhada, bha e follaiseach do Chloinn ʼic an Tòisich gun robh am biadh aca a’ fàs gann. Thàinig fear dhiubh air adhart le plana. Fhuair e cead a dhol air adhart leis.

Thog e ràth – tha mi an dùil, le logaichean. Rinn e fàsagan – no bungs – de dh’fhiodh. Thug e leis sreang, ròp agus tora, no auger, airson tuill a dhèanamh anns na dèileachan.

Dh’fhalbh e a-mach ann an dorchadas na h-oidhche. Ràinig e an dàm. Chan fhaca na Cuimeanaich e. Rinn e tuill anns na dèileachan. Chuir e fàsag anns gach toll, agus cheangail e sreangan is ròp ris na fàsagan. Tharraing e air an ròp, agus thàinig na fàsagan uile a-mach aig an aon àm. Ruith uisge tro na tuill le neart. Sguabaich e an dàm air falbh. Bha tuil mhòr ann.

Gu mì-fhortanach do na Cuimeanaich, cha robh luchd-faire aca. Bha iad a’ campachadh dìreach fon dàm. Chaidh tòrr dhiubh a mharbhadh anns an tuil. Cha robh gaisgeach na Maighe luath gu leòr ann a bhith a’ pleadhagaich an ràtha aige air falbh. Chaidh a bhàthadh-san anns an tuil cuideachd. No mharbh na Cuimeanaich e. Cha do mhair e beò, co-dhiù.

A bheil fìrinn sam bith anns an stòiridh? Chan eil fhios a’m. Mas breug bhuam e, is breug thugam e.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1088

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile