FaclairDictionary EnglishGàidhlig

787: William Wallace (1) 787: Uilleam Uallas (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Uilleam Uallas (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi airson innse dhuibh mu fhear a tha ainmeil ann an eachdraidh na h-Alba. Seo tuairisgeul dheth. Chaidh a sgrìobhadh ann an Gàidhlig ann an ochd ceud deug, seasgad ʼs a seachd (1867). ‘[Bha e] garbh-chnàmhach ... [bha] falt soilleir donn [aige], sùilean soilleir geur-sheallach [agus] sgor air taobh clì na smiogaid ...’

Seo tuilleadh. Bha e ‘air a dhùsgadh suas mar leòmhann ... a rùnaich ... gun rotadh e mach ... a h-uile Sasannach ... eadar ceann a tuath agus ceann a deas na h-Alba.’

Bha an duine beò o chionn còrr is seachd ceud bliadhna. ʼS e Uilleam Uallas a bha ann. Bha e an sàs ann an cogaidhean neo-eisimeileachd na h-Alba.

Tha an cunntas anns an leabhar ‘Eachdraidh na h-Alba’. B’ e an t-ùghdar Aonghas MacCoinnich à Geàrrloch. An do thuig sibh an tuairisgeul dheth? Bha e garbh-chnàmhach. Gu litreachail, ‘he was rough-boned’, a’ ciallachadh ‘heavy boned’, tha mi cinnteach. Bha falt soilleir donn aige. He had light-brown hair. Agus sùilean soilleir geur-sheallach. And bright, keen eyes. Agus bha sgor air taobh clì na smiogaid. And there was a gash on the left side of his chin.

Chan eil sinn cinnteach a bheil an fhìrinn ghlan againn mu Uilleam Uallas. Tha tòrr dhen fhiosrachadh a’ tighinn bho dhàn aig a’ bhàrd, Eanraig Dall. Sgrìobh Eanraig an dàn faisg air dà cheud bliadhna an dèidh bàs Uallais. Agus ʼs dòcha nach robh an fhìrinn aige.

Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh naidheachd no dhà mu dheidhinn Uilleim Uallais. Thàinig iad bhon leabhar aig Aonghas MacCoinnich.

Rugadh Uilleam timcheall na bliadhna dà cheud deug is seachdad (1270). Aig an àm sin, bha Alasdair III air an rìgh-chathair. Nuair a bha Uilleam na dheugaire, chaochail an rìgh. B’ i oighre a’ chrùin Mairead, a’ Mhaighdean Lochlannach.

Ach bha Mairead na pàiste. Bha i a’ fuireach ann an Nirribhidh. Chaidh buidheann a chur air chois airson Alba a riaghladh. Nuair a chaidh Mairead a dh’Alba, chaochail i air an turas. Bha Alba gun rìgh no banrigh. Bha Uilleam Uallas mu fhichead bliadhna a dh’aois. Innsidh mi tuilleadh mu dheidhinn an-ath-sheachdain.

William Wallace (1)

English Beurla

I want to tell you about a man who was famous in the history of Scotland. Here is a description of him. It was written in Gaelic in 1867. ‘[He was] rough-boned … [he had] light-brown hair, bright, keen eyes [and] a gash on the left side of his chin…’

Here’s more. He was ‘awakened like a lion … who resolved … that he would drive out every Englishman between the north and south of Scotland.’

The man lived more than seven hundred years ago. He was William Wallace. He was involved in the Scottish wars of independence.

The account is in the book ‘The History of Scotland’. The author was Angus Mackenzie from Gairloch. Did you understand the description of him? He was ‘garbh-chnàmhach’ . Literally, he was rough-boned, meaning heavy-boned, I’m sure. He had ‘falt soilleir donn’. He had light-brown hair. And ‘sùilean soilleir geur-sheallach’. And bright, keen eyes. And there was a ‘sgor air taobh clì na smiogaid’. And there was a gash on the left side of the chin.

We are not sure if we have the full truth about William Wallace. Much of the information comes from a poem written by the bard, Blind Harry. Harry wrote the poem nearly two hundred years after Wallace’s death. And perhaps he didn’t know the truth.

I’m going to tell you an anecdote or two about William Wallace. They came from Angus Mackenzie’s book.

William was born around the year 1270. At that time, Alexander III was on the throne. When William was a teenager, the king died. The heir to the throne was Margaret, the Maid of Norway.

But Margaret was a child. She was living in Norway. A group was set up to govern Scotland. When Margaret went to Scotland, she died on the journey. Scotland was without a king or queen. William Wallace was about twenty years of age. I’ll tell more about him next week.

Uilleam Uallas (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi airson innse dhuibh mu fhear a tha ainmeil ann an eachdraidh na h-Alba. Seo tuairisgeul dheth. Chaidh a sgrìobhadh ann an Gàidhlig ann an ochd ceud deug, seasgad ʼs a seachd (1867). ‘[Bha e] garbh-chnàmhach ... [bha] falt soilleir donn [aige], sùilean soilleir geur-sheallach [agus] sgor air taobh clì na smiogaid ...’

Seo tuilleadh. Bha e ‘air a dhùsgadh suas mar leòmhann ... a rùnaich ... gun rotadh e mach ... a h-uile Sasannach ... eadar ceann a tuath agus ceann a deas na h-Alba.’

Bha an duine beò o chionn còrr is seachd ceud bliadhna. ʼS e Uilleam Uallas a bha ann. Bha e an sàs ann an cogaidhean neo-eisimeileachd na h-Alba.

Tha an cunntas anns an leabhar ‘Eachdraidh na h-Alba’. B’ e an t-ùghdar Aonghas MacCoinnich à Geàrrloch. An do thuig sibh an tuairisgeul dheth? Bha e garbh-chnàmhach. Gu litreachail, ‘he was rough-boned’, a’ ciallachadh ‘heavy boned’, tha mi cinnteach. Bha falt soilleir donn aige. He had light-brown hair. Agus sùilean soilleir geur-sheallach. And bright, keen eyes. Agus bha sgor air taobh clì na smiogaid. And there was a gash on the left side of his chin.

Chan eil sinn cinnteach a bheil an fhìrinn ghlan againn mu Uilleam Uallas. Tha tòrr dhen fhiosrachadh a’ tighinn bho dhàn aig a’ bhàrd, Eanraig Dall. Sgrìobh Eanraig an dàn faisg air dà cheud bliadhna an dèidh bàs Uallais. Agus ʼs dòcha nach robh an fhìrinn aige.

Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh naidheachd no dhà mu dheidhinn Uilleim Uallais. Thàinig iad bhon leabhar aig Aonghas MacCoinnich.

Rugadh Uilleam timcheall na bliadhna dà cheud deug is seachdad (1270). Aig an àm sin, bha Alasdair III air an rìgh-chathair. Nuair a bha Uilleam na dheugaire, chaochail an rìgh. B’ i oighre a’ chrùin Mairead, a’ Mhaighdean Lochlannach.

Ach bha Mairead na pàiste. Bha i a’ fuireach ann an Nirribhidh. Chaidh buidheann a chur air chois airson Alba a riaghladh. Nuair a chaidh Mairead a dh’Alba, chaochail i air an turas. Bha Alba gun rìgh no banrigh. Bha Uilleam Uallas mu fhichead bliadhna a dh’aois. Innsidh mi tuilleadh mu dheidhinn an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1091

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile