FaclairDictionary EnglishGàidhlig

803: The sika deer 803: Am Fiadh Iapanach

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Am Fiadh Iapanach

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ coiseachd gu mall tro choille bheithe. Bha an talamh garbh agus cas. Fada fodham, bha Loch Nis. Bha fraoch a’ bhadain agus am fraoch Frangach fo bhlàth. Bha mi air mo dhòigh.

Bha mi leam fhìn agus gu math sàmhach. Air an talamh, far an robh poll, bha lorgan-coise aig fiadh. Bha iad na bu lugha na lorgan-coise an fhèidh ruaidh. Agus bha buachar ann car coltach ri buachar caorach.

Chunnaic mi eilid. Bha i eadar donn is glas. Bha stiall far an robh a cnàmh-droma. Chan fhac’ i mi. Chaidh mi ga h-ionnsaigh gu slaodach. Bha a’ ghaoth fàbharach dhomh.

Bha mi faisg oirre nuair a chlisg i. Cha robh i air m’ fhaicinn, ach fhuair i rabhadh bho fhiadh eile. Bha am fuaim neònach, rudeigin mar chomhartaich aig abhag. Bha am fuaim-rabhaidh ag innse dhomh gum b’ e seo am fiadh Iapanach. Ann am Beurla canaidh daoine sika deer riutha. Bidh iad a’ dèanamh tòrr dhiofar fhuaimean, eadar fead, sgreuch, glagadaich is gnòst.

Tha am fiadh Iapanach beagan nas lugha na ʼm fiadh ruadh. Tha na leabhraichean ag innse dhuinn nach e beathach sòisealta a tha ann ach a-mhàin sa gheamhradh. Ach chunnaic mi fhìn na dhà dhiubh làimh ri chèile. Bha iad a’ spioladh ʼs ag ionaltradh còmhla.

Tha am fiadh Iapanach pailt ann an cuid de dh’àiteachan air tìr-mòr na Gàidhealtachd agus anns na Crìochan. Tha iad cuideachd ann an Sasainn agus Èirinn. Bha iad air an toirt a-steach a dh’aona-ghnothach le uachdaran anns an naoidheamh linn deug.

Is bochd sin, oir bidh iad a’ dèanamh tar-ghineachadh leis an fhiadh ruadh. Ann an cuid de sgìrean, tha sin a’ toirt atharrachadh air an fhiadh ruadh – gnè a tha dùthchasach. Bidh na fèidh Iapanach cuideachd a’ dèanamh sgrios air craobhan. Air an làimh eile, bidh cuid de dh’oighreachdan gam marbhadh. Bidh iad a’ reic an cuid feòla.

Cha chreid mi gum faigh sinn cuidhteas na fèidh Iapanach a-chaoidh. Tro thìde, bidh sinn fàs cleachdte ris na fuaimean àraidh a tha iad a’ dèanamh.

The sika deer

English Beurla

I was walking slowly through a birchwood. The ground was rough and steep. Far below me was Loch Ness. The bell heather and cross-leaved heath were in bloom. I was happy.

I was by myself and very quiet. On the ground, where there was mud, there were deer hoofprints. They were smaller than red deer hoofprints. And there were droppings that were rather like sheep droppings.

I saw a hind. She was between brown and grey. There was a strip where her spine was. She didn’t see me. I went towards her slowly. The wind was favourable to me.

I was close to her when she started. She hadn’t seen me, but she received a warning from another deer. The sound was strange, something like a terrier’s bark. The warning sound was telling me that this was the Japanese deer. In English, people call it sika deer. They make many different sounds, such as a whistle, scream, clacking and groaning.

The sika deer is a bit smaller than the red deer. The books tell us that it is not a social deer except in winter. But I myself saw two of them next to one another. They were browsing and grazing together.

The sika deer is numerous in some places on the Highland mainland and in the Borders. They are also in England and Ireland. They were introduced deliberately by a landowner in the 19th century.

That’s a pity, because they interbreed with the red deer. In some areas, that is changing the red deer – a native species. The sika deer also damage trees. On the other hand, some estates kill them. They sell their meat.

I don’t reckon we’ll ever get rid of the sika deer. In time, we’ll get used to the unusual sounds they make.

Am Fiadh Iapanach

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ coiseachd gu mall tro choille bheithe. Bha an talamh garbh agus cas. Fada fodham, bha Loch Nis. Bha fraoch a’ bhadain agus am fraoch Frangach fo bhlàth. Bha mi air mo dhòigh.

Bha mi leam fhìn agus gu math sàmhach. Air an talamh, far an robh poll, bha lorgan-coise aig fiadh. Bha iad na bu lugha na lorgan-coise an fhèidh ruaidh. Agus bha buachar ann car coltach ri buachar caorach.

Chunnaic mi eilid. Bha i eadar donn is glas. Bha stiall far an robh a cnàmh-droma. Chan fhac’ i mi. Chaidh mi ga h-ionnsaigh gu slaodach. Bha a’ ghaoth fàbharach dhomh.

Bha mi faisg oirre nuair a chlisg i. Cha robh i air m’ fhaicinn, ach fhuair i rabhadh bho fhiadh eile. Bha am fuaim neònach, rudeigin mar chomhartaich aig abhag. Bha am fuaim-rabhaidh ag innse dhomh gum b’ e seo am fiadh Iapanach. Ann am Beurla canaidh daoine sika deer riutha. Bidh iad a’ dèanamh tòrr dhiofar fhuaimean, eadar fead, sgreuch, glagadaich is gnòst.

Tha am fiadh Iapanach beagan nas lugha na ʼm fiadh ruadh. Tha na leabhraichean ag innse dhuinn nach e beathach sòisealta a tha ann ach a-mhàin sa gheamhradh. Ach chunnaic mi fhìn na dhà dhiubh làimh ri chèile. Bha iad a’ spioladh ʼs ag ionaltradh còmhla.

Tha am fiadh Iapanach pailt ann an cuid de dh’àiteachan air tìr-mòr na Gàidhealtachd agus anns na Crìochan. Tha iad cuideachd ann an Sasainn agus Èirinn. Bha iad air an toirt a-steach a dh’aona-ghnothach le uachdaran anns an naoidheamh linn deug.

Is bochd sin, oir bidh iad a’ dèanamh tar-ghineachadh leis an fhiadh ruadh. Ann an cuid de sgìrean, tha sin a’ toirt atharrachadh air an fhiadh ruadh – gnè a tha dùthchasach. Bidh na fèidh Iapanach cuideachd a’ dèanamh sgrios air craobhan. Air an làimh eile, bidh cuid de dh’oighreachdan gam marbhadh. Bidh iad a’ reic an cuid feòla.

Cha chreid mi gum faigh sinn cuidhteas na fèidh Iapanach a-chaoidh. Tro thìde, bidh sinn fàs cleachdte ris na fuaimean àraidh a tha iad a’ dèanamh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1107

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile