FaclairDictionary EnglishGàidhlig

853: The Stories of Heroes 853: Sgeulachdan nan Gaisgeach

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Sgeulachdan nan Gaisgeach

Gaelic Gàidhlig

O chionn ghoirid, chuir mi fhìn is mo mhac, Calum, làrach-lìn ùr air chois. ’S e an t-ainm a th’ oirre Sgeulachdan nan Gaisgeach. Tha i ri lorg aig gaisgeach.com. Air an làraich, tha fichead sgeulachd a bhuineas do bheul-aithris nan Gàidheal ann an Alba. Tha iad air an aithris ann an Gàidhlig an latha an-diugh. Tha iad mu dheidhinn nam Fianna agus gaisgich eile.

Thàinig cuid de na sgeulachdan bhon sgeulaiche, Seòras Mac a’ Phearsain à Gleann Dail anns an Eilean Sgitheanach. Tha mi airson tè ghoirid dhiubh innse dhuibh an-dràsta. No geàrr-chunntas dhith, co-dhiù. ’S e an t-ainm a th’ oirre ‘Gaisge Oscair’.

B’ e Oscar ogha Fhinn mhic Cumhail. Bha e na bhriseadh-dùil do a sheanair oir cha bhiodh e a’ gabhail pàirt ann an spòrs nam Fianna. Bha e leisg. Bhiodh e a’ falbh a laighe fo sgàil craoibhe nuair a bha càch a’ sealg. Ach thuirt am Buidseach Grìs-fhionn ri Fionn, ‘Leig leis. Bidh e na fhear as gaisgeile de na Fianna fhathast.’

Cha robh Fionn ro dhèidheil air a’ bheachd sin, ach leig e leis a’ ghille a bhith mar a bha e. Thàinig latha nuair a bha Fionn agus na Fianna glacte air a’ bheinn-sheilg. Thàinig feachd de nàimhdean. Thug iad ionnsaigh air na Fianna. Bha na Fianna ann an èiginn.

Bha Oscar air a dhol a chadal fo chraobh. Ach chuala e èigheachd nam Fianna agus fuaim sabaid. Dhùisg e, leum e gu a chasan, agus choimhead e timcheall air. Chunnaic e a sheanair, Fionn, agus na Fianna. Bha iad fo ìmpidh. Cha robh ball-airm aig Oscar. A dh’aindeoin sin, ge-tà, ruith e a dh’ionnsaigh blàr a’ chatha.

Ruith e seachad air craobh-dharaich mhòr. Spìon e a’ chraobh bhon talamh. Ruith e air cùl nàimhdean Fhinn. Ghabh e dhaibh leis a’ chraoibh, agus mharbh e mòran dhiubh. Thionndaidh na nàimhdean air an sàilean agus theich iad ro Oscar. ’S ann mar sin a choisinn Oscar cliù dha fhèin mar am ball a bu ghaisgeile de na Fianna. ’S iomadh turas an dèidh sin a bhiodh e a’ dearbhadh a ghaisge.

The Stories of Heroes

English Beurla

A short while ago, my son Calum and I set up a new website. It’s called Sgeulachdan nan Gaisgeach. It’s to be found at gaisgeach.com. On the site, there are twenty stories that belong to the oral tradition of the Gaels in Scotland. They are told in modern Gaelic. They are about the Fianna and other heroes.

Some of the stories came from the storyteller, George MacPherson from Glendale on the Isle of Skye. I want to tell you a short one just now. Or a shortened version of it, at least. It’s called ‘The Heroism of Oscar’.

Oscar was Fionn mac Cumhail’s grandson. He was a disappointment to his grandather because he wouldn’t take part in the sports of the Fianna. He was lazy. He’d go and lie in the shade of a tree when the others were hunting. But the Old Grey Magician [‘the grizzled wizard’] said to Fionn, ‘Leave him be. He will be the most heroic of the Fianna yet.’

Fionn was not too keen on that opinion, but he allowed the lad to be as he was. A day came when Fionn and the Fianna were stuck on the hunting mountain. An enemy force came. They attacked the Fianna. The Fianna were in dire straits.

Oscar had gone to sleep under a tree. But he heard the shouting of the Fianna and the noise of fighting. He awoke, he jumped to his feet, and he looked around him. He saw his grandfather, Fionn, and the Fianna. They were under pressure. Oscar did not have a weapon. Despite that, however, he ran towards the battlefield.

He ran past a large oak tree. He pulled the tree from the ground. He ran behind Fionn’s enemies. He laid about them with the tree, and he killed many of them. The enemies turned on their heels and they fled before Oscar. That’s how Oscar won a reputation for himself as the most heroic member of the Fianna. On many occasions after that, he would prove his heroism.

Sgeulachdan nan Gaisgeach

Gaelic Gàidhlig

O chionn ghoirid, chuir mi fhìn is mo mhac, Calum, làrach-lìn ùr air chois. ’S e an t-ainm a th’ oirre Sgeulachdan nan Gaisgeach. Tha i ri lorg aig gaisgeach.com. Air an làraich, tha fichead sgeulachd a bhuineas do bheul-aithris nan Gàidheal ann an Alba. Tha iad air an aithris ann an Gàidhlig an latha an-diugh. Tha iad mu dheidhinn nam Fianna agus gaisgich eile.

Thàinig cuid de na sgeulachdan bhon sgeulaiche, Seòras Mac a’ Phearsain à Gleann Dail anns an Eilean Sgitheanach. Tha mi airson tè ghoirid dhiubh innse dhuibh an-dràsta. No geàrr-chunntas dhith, co-dhiù. ’S e an t-ainm a th’ oirre ‘Gaisge Oscair’.

B’ e Oscar ogha Fhinn mhic Cumhail. Bha e na bhriseadh-dùil do a sheanair oir cha bhiodh e a’ gabhail pàirt ann an spòrs nam Fianna. Bha e leisg. Bhiodh e a’ falbh a laighe fo sgàil craoibhe nuair a bha càch a’ sealg. Ach thuirt am Buidseach Grìs-fhionn ri Fionn, ‘Leig leis. Bidh e na fhear as gaisgeile de na Fianna fhathast.’

Cha robh Fionn ro dhèidheil air a’ bheachd sin, ach leig e leis a’ ghille a bhith mar a bha e. Thàinig latha nuair a bha Fionn agus na Fianna glacte air a’ bheinn-sheilg. Thàinig feachd de nàimhdean. Thug iad ionnsaigh air na Fianna. Bha na Fianna ann an èiginn.

Bha Oscar air a dhol a chadal fo chraobh. Ach chuala e èigheachd nam Fianna agus fuaim sabaid. Dhùisg e, leum e gu a chasan, agus choimhead e timcheall air. Chunnaic e a sheanair, Fionn, agus na Fianna. Bha iad fo ìmpidh. Cha robh ball-airm aig Oscar. A dh’aindeoin sin, ge-tà, ruith e a dh’ionnsaigh blàr a’ chatha.

Ruith e seachad air craobh-dharaich mhòr. Spìon e a’ chraobh bhon talamh. Ruith e air cùl nàimhdean Fhinn. Ghabh e dhaibh leis a’ chraoibh, agus mharbh e mòran dhiubh. Thionndaidh na nàimhdean air an sàilean agus theich iad ro Oscar. ’S ann mar sin a choisinn Oscar cliù dha fhèin mar am ball a bu ghaisgeile de na Fianna. ’S iomadh turas an dèidh sin a bhiodh e a’ dearbhadh a ghaisge.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1157

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile