FaclairDictionary EnglishGàidhlig

934: The Sailor and the Lion 934: An Seòladair agus an Leòmhann

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Seòladair agus an Leòmhann

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air làrach-lìn ‘Tobar an Dualchais’? Tha i làn stuth iongantach. Bho àm gu àm, bidh mi a’ tarraing rudeigin às an ‘Tobar’ dhuibh – mar bhrosnachadh dhuibh a dhol air an làraich.

An-diugh, tha mi airson sgeul goirid innse dhuibh. Chaidh a chlàradh ann am Muile. Mus tòisich mi, tha mi airson bruidhinn mun Ghàidhlig air shark. Tha dà fhacal ann sa choitcheannas – siorc agus cearban. Tha cearban, mar as trice, a’ seasamh airson basking shark. Tha sin a’ fàgail siorc. Ach dè tha am bodach Muileach ag ràdh anns an sgeul seo? Uill, tha esan ag ràdh ‘siarc’. Air sàillibh sin, tha mi fhìn a’ dol a ràdh siarc. A bharrachd air sin, tha am fear-aithris ag ràdh madadh-alla airson ‘wolf’, seach madadh-allaidh. Canaidh mi sin cuideachd.

ʼS e an t-ainm air an sgeul ‘An Seòladair agus an Leòmhann’. Bha an seòladair a’ seòladh ann an long-chogaidh. Bha e a’ gabhail fadachd nach robh e a’ faotainn aiste. Bha an long air acair ann am bàgh. Smaoinich an seòladair gun snàmhadh e gu tìr.

Leum e a-mach. Cha robh e fad’ air an t-snàmh nuair a thàinig siarc as a dhèidh. Bha an seòladair math air snàmh. Bha e a’ tighinn faisg air tìr agus bha madadh-alla ga choimhead.

Mhothaich an snàmhadair dha agus chaidh e fodha. Leum am madadh-alla a-steach agus dh’ith an siarc e. Mar sin, fhuair an seòladair gu tìr.

Ràinig e àite far an robh leòmhann. Thug an leòmhann nuallan aiste. Thog i a cas toisich. Thug an seòladair an aire gun robh a cas air at. Bha stob de dh’fhiodh innte. Thug an seòladair an stob aiste.

Lean feadhainn eile bhon luing e. Bha iad a’ dol ga pheanasachadh airson teicheadh bhon luing. Chaidh iad air tìr agus ghlac iad an leòmhann. Chuir iad ann an cèids’ i.

Ghlac iad an seòladair cuideachd. Thilg iad don chèids’ e. Ach dh’imlich an leòmhann e! Oir dh’aithnich i an duine. Leig an criutha an seòladair air falbh. Chaidh an sgeul seo innse le Dòmhnall MacPhàrlain a bha na chìobair anns an Ros Mhuileach.

The Sailor and the Lion

English Beurla

Do you know the ‘Tobar an Dualchais’ website? It’s full of amazing stuff. From time to time, I’ll be drawing something from the well for you – to encourage you to go on the site.

Today, I want to tell you a short story. It was recorded on Mull. Before I start, I want to speak about the Gaelic for ‘shark’. There are two words in general – siorc and cearban. Cearban usually stands for the basking shark. That leaves siorc. But what does the Mull bodach say in this story? Well, he says ‘siarc’. Because of that, I’m going to say ‘siarc’ myself. In addition, the reciter says madadh-alla for ‘wolf’, rather than madadh-allaidh. I’ll say that as well.

The story is called ‘The Sailor and the Lion’. The sailor was sailing in a warship. He was growing fed up with not getting off her. The ship was at anchor in a bay. The sailor thought he would swim to shore.

He jumped out. He wasn’t swimming for long when a shark came after him. The sailor was good at swimming. He was coming close to land and a wolf was watching him.

The swimmer noticed it and he submerged. The wolf leapt in and the shark ate it. Thus, the sailor got to land.

He reached a place where there was a lion. The lion gave a howl. It [she, according to the storyteller] lifted her front paw. The sailor saw that her foot was swollen. There was a splinter of wood in it. The sailor removed the splinter.

Others from the ship followed him. They were going to punish him for fleeing from the ship. They went on land, and they caught the lion. They put it in a cage.

They caught the sailor too. They threw him into the cage. But the lion licked him! Because it recognised the man. The crew released the sailor. This story was told by Donald MacFarlane who was a shepherd on the Ross of Mull.

An Seòladair agus an Leòmhann

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air làrach-lìn ‘Tobar an Dualchais’? Tha i làn stuth iongantach. Bho àm gu àm, bidh mi a’ tarraing rudeigin às an ‘Tobar’ dhuibh – mar bhrosnachadh dhuibh a dhol air an làraich.

An-diugh, tha mi airson sgeul goirid innse dhuibh. Chaidh a chlàradh ann am Muile. Mus tòisich mi, tha mi airson bruidhinn mun Ghàidhlig air shark. Tha dà fhacal ann sa choitcheannas – siorc agus cearban. Tha cearban, mar as trice, a’ seasamh airson basking shark. Tha sin a’ fàgail siorc. Ach dè tha am bodach Muileach ag ràdh anns an sgeul seo? Uill, tha esan ag ràdh ‘siarc’. Air sàillibh sin, tha mi fhìn a’ dol a ràdh siarc. A bharrachd air sin, tha am fear-aithris ag ràdh madadh-alla airson ‘wolf’, seach madadh-allaidh. Canaidh mi sin cuideachd.

ʼS e an t-ainm air an sgeul ‘An Seòladair agus an Leòmhann’. Bha an seòladair a’ seòladh ann an long-chogaidh. Bha e a’ gabhail fadachd nach robh e a’ faotainn aiste. Bha an long air acair ann am bàgh. Smaoinich an seòladair gun snàmhadh e gu tìr.

Leum e a-mach. Cha robh e fad’ air an t-snàmh nuair a thàinig siarc as a dhèidh. Bha an seòladair math air snàmh. Bha e a’ tighinn faisg air tìr agus bha madadh-alla ga choimhead.

Mhothaich an snàmhadair dha agus chaidh e fodha. Leum am madadh-alla a-steach agus dh’ith an siarc e. Mar sin, fhuair an seòladair gu tìr.

Ràinig e àite far an robh leòmhann. Thug an leòmhann nuallan aiste. Thog i a cas toisich. Thug an seòladair an aire gun robh a cas air at. Bha stob de dh’fhiodh innte. Thug an seòladair an stob aiste.

Lean feadhainn eile bhon luing e. Bha iad a’ dol ga pheanasachadh airson teicheadh bhon luing. Chaidh iad air tìr agus ghlac iad an leòmhann. Chuir iad ann an cèids’ i.

Ghlac iad an seòladair cuideachd. Thilg iad don chèids’ e. Ach dh’imlich an leòmhann e! Oir dh’aithnich i an duine. Leig an criutha an seòladair air falbh. Chaidh an sgeul seo innse le Dòmhnall MacPhàrlain a bha na chìobair anns an Ros Mhuileach.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1238

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile