FaclairDictionary EnglishGàidhlig

185: Ptarmigan 185: Tàrmachan

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Tàrmachan

Gaelic Gàidhlig

Chan eil e follaiseach gun tàinig am facal ptarmigan bhon Ghàidhlig. Ach thàinig – bhon fhacal tàrmachan. Tha e mì-fhortanach gu bheil am “p” ann aig an toiseach. Tha am facal a’ coimhead Grèigeach, seach Albannach.

Tha àite sònraichte aig an tàrmachan ann an Alasga. ’S e an tàrmachan an t-eun-stàite aca. Chaidh a thaghadh mar sin ann an naoi ceud deug, caogad ’s a còig (1955). Tha tàrmachain uabhasach pailt ann an Alasga. Tha mòran daoine gan sealg is gan ithe.

Chan eil an tàrmachan ann an Alasga co-ionnan ris an tàrmachan againne. Tha e nas coltaiche ris a’ chirc-fhraoich againne. Ach tha e a’ dol geal anns a’ gheamhradh mar a tha an tàrmachan againne. Cha bhi a’ chearc-fhraoich ag atharrachadh a dath anns a’ gheamhradh ann an Alba.

Tha baile beag ann an Alasga air a bheil Chicken mar ainm. Seadh, Chicken. Chicken, Alasga. Sluagh – seachd duine deug. Uill, thuirt mi gur e baile beag a tha ann. Ach ciamar a fhuair e ainm neònach mar sin? Uill, tha e co-cheangailte ris an tàrmachan. Agus am “p” nach bu chòir a bhith ann!

Tha Chicken ann an taobh an ear Alasga faisg air a’ chrìch le Canada. Chaidh daoine ann anns an naoidheamh linn deug. ’S e mèinnearan a bha annta. Bha iad a’ lorg òr.

Aig toiseach an fhicheadamh linn, bha daoine gu leòr anns an sgìre. Bha gu leòr ann airson oifis puist fhosgladh. Ach, airson sin, bha aca ri ainm a thaghadh airson a’ bhaile. Dè bha iad a’ dol a thaghadh mar ainm?

Uill, bha tàrmachain pailt anns an sgìre. Bha na mèinnearan fhèin measail orra. Mar sin, cho-dhùin iad “Ptarmigan” a bhith air a’ bhaile mar ainm. Ptarmigan le “p” neo-fhuaimnichte. Ach, bha am “p” na thrioblaid. Bha easaonta ann.

Cha robh na daoine ag aontachadh ri chèile mar a litricheadh iad an t-ainm. Mar sin, leig iad “Ptarmigan” seachad. Thagh iad “Chicken” na àite!

Ptarmigan

English Beurla

It’s not obvious that the word ptarmigan came from Gaelic. But it did – from the word tàrmachan. It’s unfortunate that the “p” is there at the start. The word looks Greek, rather than Scottish.

The ptarmigan has a special place in Alaska. The ptarmigan is their state bird. It was chosen as that in 1955. Ptarmigan are very plentiful in Alaska. Many people hunt them and eat them.

The ptarmigan in Alasga is not identical with our ptarmigan. It’s more like our grouse [“heather-hen”]. But it goes white in the winter like our ptarmigan does. The grouse doesn’t change its colour in the winter in Scotland.

There is a small town in Alaska called Chicken. Yup, Chicken. Chicken, Alaska. Population – seventeen. Well, I did say it was a small town. But how did it get a strange name like that? Well, it’s connected to the ptarmigan. And the “p” that shouldn’t be there!

Chicken is in the east of Alaska close to the border with Canada. People went there in the 19th Century. They were miners. They were looking for gold.

At the start of the Twentieth Century, there were plenty of people in the area. There were enough to open a post office. But, for that, they had to choose a name for the town. What were they going to choose as a name?

Well, ptarmigan were numerous in the area. The miners themselves liked them. Thus, they decided that the town would be called “Ptarmigan”. Ptarmigan with a silent [unsounded] “p”. But the “p” was a problem. There was disagreement.

The people weren’t agreeing with each other on how they would spell the name. So they discarded “Ptarmigan”. They chose “Chicken” instead!

Tàrmachan

Gaelic Gàidhlig

Chan eil e follaiseach gun tàinig am facal ptarmigan bhon Ghàidhlig. Ach thàinig – bhon fhacal tàrmachan. Tha e mì-fhortanach gu bheil am “p” ann aig an toiseach. Tha am facal a’ coimhead Grèigeach, seach Albannach.

Tha àite sònraichte aig an tàrmachan ann an Alasga. ’S e an tàrmachan an t-eun-stàite aca. Chaidh a thaghadh mar sin ann an naoi ceud deug, caogad ’s a còig (1955). Tha tàrmachain uabhasach pailt ann an Alasga. Tha mòran daoine gan sealg is gan ithe.

Chan eil an tàrmachan ann an Alasga co-ionnan ris an tàrmachan againne. Tha e nas coltaiche ris a’ chirc-fhraoich againne. Ach tha e a’ dol geal anns a’ gheamhradh mar a tha an tàrmachan againne. Cha bhi a’ chearc-fhraoich ag atharrachadh a dath anns a’ gheamhradh ann an Alba.

Tha baile beag ann an Alasga air a bheil Chicken mar ainm. Seadh, Chicken. Chicken, Alasga. Sluagh – seachd duine deug. Uill, thuirt mi gur e baile beag a tha ann. Ach ciamar a fhuair e ainm neònach mar sin? Uill, tha e co-cheangailte ris an tàrmachan. Agus am “p” nach bu chòir a bhith ann!

Tha Chicken ann an taobh an ear Alasga faisg air a’ chrìch le Canada. Chaidh daoine ann anns an naoidheamh linn deug. ’S e mèinnearan a bha annta. Bha iad a’ lorg òr.

Aig toiseach an fhicheadamh linn, bha daoine gu leòr anns an sgìre. Bha gu leòr ann airson oifis puist fhosgladh. Ach, airson sin, bha aca ri ainm a thaghadh airson a’ bhaile. Dè bha iad a’ dol a thaghadh mar ainm?

Uill, bha tàrmachain pailt anns an sgìre. Bha na mèinnearan fhèin measail orra. Mar sin, cho-dhùin iad “Ptarmigan” a bhith air a’ bhaile mar ainm. Ptarmigan le “p” neo-fhuaimnichte. Ach, bha am “p” na thrioblaid. Bha easaonta ann.

Cha robh na daoine ag aontachadh ri chèile mar a litricheadh iad an t-ainm. Mar sin, leig iad “Ptarmigan” seachad. Thagh iad “Chicken” na àite!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 489

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile