FaclairDictionary EnglishGàidhlig

665: The Cassiopeia and Ursa Minor  665: A’ Chathair agus an Dreagbhod

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

A’ Chathair agus an Dreagbhod

Gaelic Gàidhlig

Thairis air a’ cheala-deug a dh’fhalbh, bha mi a’ toirt sùil air trì reul-bhadan – an Sealgair Mòr, An Grioglachan agus An Crann-arain. Tha dà rionnaig a tha mar phàirt dhen Chrann-arain air a bheil Merak agus Dubhe. Ma tharraingeas sibh loidhne bho Mherak gu Dubhe, agus ma leanas sibh oirbh, ruigidh sibh an Reul-iùil no Pole Star. Bidh daoine a’ cleachdadh na Rèil-iùil airson a bhith ri iùl no steòrnadh air an oidhche.

Ma chumas sibh a dol air an aon loidhne tron Reul-iùil, ruigidh sibh reul-bhad eile. Tha e ann an cumadh ‘w’. ʼS e sin A’ Chathair – the seat. A’ Chathair. Ann am Beurla – Cassiopeia.

ʼS e banrigh a bh’ ann an Cassiopeia – ann am faoinsgeulan na Grèige. Chaidh i a-mach air Poseidon, dia na mara. Chaidh a cur don iarmailt ann an cathair mar pheanas. Chan eil mi cinnteach an ann bhon sgeulachd sin a tha an t-ainm Gàidhlig a’ tighinn, no bho rudeigin coltach ann am beul-aithris nan Gàidheal fhèin.

Tilleamaid don Reul-iùil. Tha i mar phàirt de reul-bhad air a bheil Ursa Minor no Little Bear no Little Dipper. ʼS e An Dreagbhod ainm Gàidhlig an reul-bhaid seo. Saoilidh mi gu bheil an t-ainm gu math sean. ʼS dòcha gu bheil e a’ tighinn bho dreag ‘ meteor’ agus bad ‘constellation’. A h-uile bliadhna mu àm na Nollaig, bidh frasan dhreagan ann a tha a’ tòiseachadh far am faicear an Dreagbhod.

Tha faclair Dwelly ag innse dhuinn gu bheil dà rionnaig anns an Dreagbhod air a bheil Na Laoigh mar ainm. The calves. Na Laoigh. Gu mì-fhortanach, chan eil e ag innse dhuinn cò an dà rionnaig a tha sin. Ma tha fios agaibhse, nach cuir sibh fios thugamsa.

Tha cuid de phlanaidean car coltach ri rionnagan – mar eisimpleir, Bheunas. Nuair a chì sinn i aig àm dol-fodha na grèine, ʼs e Reul an Fheasgair a chanas sinn rithe. Ach tha ainm snog eile againn oirre ann an Gàidhlig. ʼS e sin Rionnag a’ Bhuachaille. Nuair a bha Rionnag a’ Bhuachaille a’ nochdadh anns na speuran, bha an t-àm aig gach buachaille falbh dhachaigh leis an sprèidh.

The Cassiopeia and Ursa Minor 

English Beurla

Over the last fortnight, I was looking at three constellations – Orion, The Pleiades and The Plough. There are two stars which are part of the Plough called Merak and Dubhe. If you draw a line from Merak to Dubhe, and if you continue, you’ll reach the Pole Star. People use the Pole Star to navigate by the stars at night.

If you continue on the same line through the Pole Star, you’ll reach another constellation. It’s in the shape of a ‘w’. That’s A’ Chathair – the seat. A’ Chathair. In English – Cassiopeia.

Cassiopeia was a queen – in the Greek legends. She fell out with Poseidon – the god of the sea. She was sent to the heavens in a chair as punishment. I’m not sure if the Gaelic name comes from that story or from something similar in the folklore of the Gaels themselves.

Let’s return to the Pole Star. It’s part of a constellation called Ursa Minor or Little Bear or Little Dipper. An Dreagbhod is the Gaelic name for this constellation. I reckon the name is very old. Perhaps it comes from dreag ‘meteor’ and bad ‘constellation’. Every year around Christmas time, showers of meteors occur which start in the region where is seen.

Dwelly’s dictionary tells us that there are two stars in Ursa Minor called Na Laoigh. The calves. Na Laoigh . Unfortunately, it doesn’t tell us which are those two stars. If you know, please let me know.

Some planets are similar to stars – for example, Venus. When we see it at sunset, we call it ‘the evening star’. But there is another nice Gaelic name for it. That is ‘the cowherd’s star’. When ‘the cowherd’s star’ appeared in the sky, it was time for all cowherds to go home with the cattle.

A’ Chathair agus an Dreagbhod

Gaelic Gàidhlig

Thairis air a’ cheala-deug a dh’fhalbh, bha mi a’ toirt sùil air trì reul-bhadan – an Sealgair Mòr, An Grioglachan agus An Crann-arain. Tha dà rionnaig a tha mar phàirt dhen Chrann-arain air a bheil Merak agus Dubhe. Ma tharraingeas sibh loidhne bho Mherak gu Dubhe, agus ma leanas sibh oirbh, ruigidh sibh an Reul-iùil no Pole Star. Bidh daoine a’ cleachdadh na Rèil-iùil airson a bhith ri iùl no steòrnadh air an oidhche.

Ma chumas sibh a dol air an aon loidhne tron Reul-iùil, ruigidh sibh reul-bhad eile. Tha e ann an cumadh ‘w’. ʼS e sin A’ Chathair – the seat. A’ Chathair. Ann am Beurla – Cassiopeia.

ʼS e banrigh a bh’ ann an Cassiopeia – ann am faoinsgeulan na Grèige. Chaidh i a-mach air Poseidon, dia na mara. Chaidh a cur don iarmailt ann an cathair mar pheanas. Chan eil mi cinnteach an ann bhon sgeulachd sin a tha an t-ainm Gàidhlig a’ tighinn, no bho rudeigin coltach ann am beul-aithris nan Gàidheal fhèin.

Tilleamaid don Reul-iùil. Tha i mar phàirt de reul-bhad air a bheil Ursa Minor no Little Bear no Little Dipper. ʼS e An Dreagbhod ainm Gàidhlig an reul-bhaid seo. Saoilidh mi gu bheil an t-ainm gu math sean. ʼS dòcha gu bheil e a’ tighinn bho dreag ‘ meteor’ agus bad ‘constellation’. A h-uile bliadhna mu àm na Nollaig, bidh frasan dhreagan ann a tha a’ tòiseachadh far am faicear an Dreagbhod.

Tha faclair Dwelly ag innse dhuinn gu bheil dà rionnaig anns an Dreagbhod air a bheil Na Laoigh mar ainm. The calves. Na Laoigh. Gu mì-fhortanach, chan eil e ag innse dhuinn cò an dà rionnaig a tha sin. Ma tha fios agaibhse, nach cuir sibh fios thugamsa.

Tha cuid de phlanaidean car coltach ri rionnagan – mar eisimpleir, Bheunas. Nuair a chì sinn i aig àm dol-fodha na grèine, ʼs e Reul an Fheasgair a chanas sinn rithe. Ach tha ainm snog eile againn oirre ann an Gàidhlig. ʼS e sin Rionnag a’ Bhuachaille. Nuair a bha Rionnag a’ Bhuachaille a’ nochdadh anns na speuran, bha an t-àm aig gach buachaille falbh dhachaigh leis an sprèidh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 969

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile