FaclairDictionary EnglishGàidhlig

955: The Autumn 955: Am Foghar

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Am Foghar

Gaelic Gàidhlig

Cuin a tha am foghar a’ tòiseachadh? Tha mi a’ ciallachadh ‘when does autumn begin?’ Tha am facal foghar, fomhair, foghar a’ ciallachadh harvest a bharrachd air autumn. Ach an-dràsta tha mi a’ smaoineachadh air ràithean na bliadhna – an t-earrach, an samhradh, am foghar ʼs an geamhradh.

Bha uair ann, agus ʼs e Ciad Mhìos an Fhoghair a bha aig na Gàidheil air mìos an Lùnastail. Mar sin, bha am foghar a’ tòiseachadh air Latha Lùnastail. B’ e an t-Sultain – September – Mìos Meadhanach an Fhoghair. Agus b’ e an Dàmhair – October – Mìos mu Dheireadh an Fhoghair.

Bha na Gàidheil eòlach air a’ chòigeamh latha deug no siathamh latha deug dhen t-Sultain mar Lath Leth an Fhoghair. Tha abairt againn mun aimsir co-cheangailte ris an latha sin: ‘Bha dùil aig na seann daoine, air Latha Leth an Fhoghair, nan cumadh damh a chabar tioram gus an laigheadh a’ ghrian, gum biodh a’ chuid eile dhen fhoghair tioram.’

Beagan làithean an dèidh sin tha Co-fhad-thràth an Fhoghair. ʼS e sin an latha as t-fhoghar nuair a tha an oidhche cho fada ris an latha. Ann am Beurla – the autumnal equinox.

Bha beachd inntinneach air an fhoghar aig an iasgair agus seanchaidh, Seòras MacLeòid – Seòras Chaluim Sheòrais. Bha esan à Beàrnaraigh Leòdhais. Sgrìobh e an leabhar Muir is Tìr. Bha Seòras dhen bheachd gun robh am foghar a’ tòiseachadh air an treas latha fichead dhen t-Sultain aig trì uairean feasgar.

Seo agaibh dà sheanfhacal co-cheangailte ris an fhoghar. Seo a’ chiad fhear: am fear nach cuir sa Mhàrt, cha bhuain e as t-fhoghar ‘he who doesn’t sow in March won’t reap in autumn’. Am fear nach cuir sa Mhàrt, cha bhuain e as t-fhoghar. Agus an dàrna fear: comharra air foghar math – cuiridh na deargadan a-mach thu ’s cuiridh na meanbh-chuileagan a-steach thu! ‘the sign of a good autumn – the fleas force you out of the house and the midges force you back in!’ Cuiridh na deargadan a-mach thu ’s cuiridh na meanbh-chuileagan a-steach thu. Tha mi an dòchas gum bi foghar math agaibh ach nach cuir na deargadan a-mach às an taigh sibh!

The Autumn

English Beurla

When does the autumn begin? I mean ‘when does autumn begin?’ The word foghar, fomhair, foghar [different pronunciations] means ‘harvest’ as well as ‘autumn’. But at the moment I’m thinking of the seasons of the year – spring, summer, autumn and winter.

There was a time when the Gaels called the month of August ‘the first month of autumn’. Thus autumn was starting on Lammas Day (1 August). September was ‘the middle month of autumn’. And October was ‘the final month of autumn’.

The Gaels knew the fifteenth or sixteenth day of September as ‘the autumn half-day’. We have a phrase about the weather connected to that day: ‘The old people expected, on the autumn half-day, if a stag kept its antlers dry until sunset, that the remainder of the autumn would be dry.’

A few days after that there is the autumnal equinox. That’s the autumnal day when the night is as long as the day. In English – the autumnal equinox.

The fisherman and tradition-bearer, George MacLeod – George son of Calum son of George had an interesting opinion on autumn. He was from Great Bernera. He wrote the book Muir ir Tìr. George reckoned that autumn started on the 23rd of September at 3 pm.

Here are two proverbs connected to autumn. Here is the first: am fear nach cuir sa Mhàrt, cha bhuain e as t-fhoghar ‘he who doesn’t sow in March won’t reap in autumn’. Am fear nach cuir sa Mhàrt, cha bhuain e as t-fhoghar. And the second: comharra air foghar math – cuiridh na deargadan a-mach thu ’s cuiridh na meanbh-chuileagan a-steach thu! ‘the sign of a good autumn – the fleas force you out of the house and the midges force you back in!’ Cuiridh na deargadan a-mach thu ’s cuiridh na meanbh-chuileagan a-steach thu. I hope you have a good autumn but that the fleas don’t put you out of the house!

Am Foghar

Gaelic Gàidhlig

Cuin a tha am foghar a’ tòiseachadh? Tha mi a’ ciallachadh ‘when does autumn begin?’ Tha am facal foghar, fomhair, foghar a’ ciallachadh harvest a bharrachd air autumn. Ach an-dràsta tha mi a’ smaoineachadh air ràithean na bliadhna – an t-earrach, an samhradh, am foghar ʼs an geamhradh.

Bha uair ann, agus ʼs e Ciad Mhìos an Fhoghair a bha aig na Gàidheil air mìos an Lùnastail. Mar sin, bha am foghar a’ tòiseachadh air Latha Lùnastail. B’ e an t-Sultain – September – Mìos Meadhanach an Fhoghair. Agus b’ e an Dàmhair – October – Mìos mu Dheireadh an Fhoghair.

Bha na Gàidheil eòlach air a’ chòigeamh latha deug no siathamh latha deug dhen t-Sultain mar Lath Leth an Fhoghair. Tha abairt againn mun aimsir co-cheangailte ris an latha sin: ‘Bha dùil aig na seann daoine, air Latha Leth an Fhoghair, nan cumadh damh a chabar tioram gus an laigheadh a’ ghrian, gum biodh a’ chuid eile dhen fhoghair tioram.’

Beagan làithean an dèidh sin tha Co-fhad-thràth an Fhoghair. ʼS e sin an latha as t-fhoghar nuair a tha an oidhche cho fada ris an latha. Ann am Beurla – the autumnal equinox.

Bha beachd inntinneach air an fhoghar aig an iasgair agus seanchaidh, Seòras MacLeòid – Seòras Chaluim Sheòrais. Bha esan à Beàrnaraigh Leòdhais. Sgrìobh e an leabhar Muir is Tìr. Bha Seòras dhen bheachd gun robh am foghar a’ tòiseachadh air an treas latha fichead dhen t-Sultain aig trì uairean feasgar.

Seo agaibh dà sheanfhacal co-cheangailte ris an fhoghar. Seo a’ chiad fhear: am fear nach cuir sa Mhàrt, cha bhuain e as t-fhoghar ‘he who doesn’t sow in March won’t reap in autumn’. Am fear nach cuir sa Mhàrt, cha bhuain e as t-fhoghar. Agus an dàrna fear: comharra air foghar math – cuiridh na deargadan a-mach thu ’s cuiridh na meanbh-chuileagan a-steach thu! ‘the sign of a good autumn – the fleas force you out of the house and the midges force you back in!’ Cuiridh na deargadan a-mach thu ’s cuiridh na meanbh-chuileagan a-steach thu. Tha mi an dòchas gum bi foghar math agaibh ach nach cuir na deargadan a-mach às an taigh sibh!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1259

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile