Bliadhna Mhath Ùr dhuibh uile, ’s gum bi sìth is sonas agaibh anns na mìosan romhainn. Anns an Litir mu dheireadh bha mi ag innse dhuibh mun leabhar aig
    Seòsamh Watson –  Saoghal Bana-mharaiche  – agus mun bheul-aithris Ghàidhlig a chruinnich e anns na bailtean beaga ann am Machair Rois. Is iad sin
    Baile a’ Chnuic, Baile an Todhair agus Seannduaig.
    Faisg air Seannduaig tha baile air a bheil Broomton ann am Beurla. Nise, dè a’ Ghàidhlig a bhiodh air sin?  Baile nan Sguab  ’s dòcha? Uill, chan e,
oir tha ainm a’ bhaile a’ dèanamh luaidh air an lus  broom, seach air an rud a bhios daoine a’ dèanamh airson sguabadh. ’S e a’ Ghàidhlig air broom     bealaidh. ’S e a’ Ghàidhlig air Broomton  Baile a’ Bhealaidh.
    A bheil sibh math air amalaidhean-cainnt, no  tongue-twisters ? Chruinnich Seòsamh Watson amaladh-cainnt anns an sgìre sin, co-cheangailte ri Baile
    a’ Bhealaidh. Tha e a’ dol mar seo:  Caoraich Baile a’ Bhealaidh ag ithe bealaidh aig beulaibh Baile a’ Bhealaidh.  Chan eil sin ro
    dhoirbh, a bheil? Feuchaibh e. Caoraich Baile a’ Bhealaidh ag ithe bealaidh aig beulaibh Baile a’ Bhealaidh. Bidh na diofar l’s a’ dol an lùib a chèile
    beagan. Nise nas luaithe – uill ’s dòcha gum fàg mi sin agaibh fhèin.
Mus lean mi orm, tha e inntinneach nach eil am facal  bealaidh  aig na h-Èireannaich no na Manainnich. Tha iadsan a’ gabhail     giolcach shléibhe  agus  giucklagh  air an lus, Agus, gu dearbh, tha  giolcach-slèibhe  aig Dwelly, ged as e  bealaidh  as
    cumanta ann an Alba. Ach bha MacBheathain dhen bheachd gur dòcha gun tàinig  bealaidh  don Ghàidhlig bho sheann chànan nan Cruithneach.
    Bha mi ann am Machair Rois o chionn ghoirid airson feasgar de sgeulachdan is naidheachdan. Bha seann luchd-eòlais agam an làthair, leithid Essie Stiùbhart
    is Ailig Iain MacUilleim, agus Tom Muir à Arcaibh is Lawrence Tulloch à Sealtainn. Le tàlant mar sin ann, tuigidh sibh gun do chòrd e rium gu mòr. Ach bha
    mi air a dhol ann gu sònraichte airson èisteachd ri tè a bhuineas do Mhachair Rois fhèin, oir tha i suas ann am bliadhnaichean agus tha làn chlaigeann de
    bheul-aithris aice bhon sgìre sin. Is ise Doilidh NicDhòmhnaill.
    B’ i màthair Doilidh Isbeil Anna (bean Uilleim MhicAonghais), nach maireann. B’ i Isbeil an neach as motha a thug beul-aithris na sgìre do Sheòsamh Watson.
    Agus, ged nach eil Doilidh fhèin buileach fileanta ann an Gàidhlig, tha beagan aice, agus tha i uabhasach fiosrachail mu dhualchas na sgìre.
    Thug i rann Ghàidhlig seachad mun Linnet Mhòr – soitheach a chaidh fodha ann an stoirm anns an naoidheamh linn deug:
     Linnet Mhòr bha siubhal a’ chuain 
     Thàinig i steach air oidhche ghruaim 
     Is thilg an stoirm a Chadabol i. 
    ’S e Cadabol baile beag làimh ri Baile a’ Chnuic – agus an cois a’ chladaich. Tha beul-aithris aig an t-sluagh fhathast mun oidhche stoirmeil sin anns an
    Fhaoilleach, ochd ceud deug, ceathrad ’s a trì (1843). Chan e dìreach soitheach a chaidh a chall, ach cuid de mhuinntir an àite a bharrachd.
    Uill, b’ e oidhche mhath a bh’ againn airson oidhche nan sgeulachdan, gu h-àraidh airson èisteachd ri a leithid de bheul-aithris, oir bha i gu math
    stoirmeil. Agus bha sinn faisg air a’ chladach agus faisg air an àite far an tàinig an Linnet Mhòr gu tìr.
     Linnet Mhòr bha siubhal a’ chuain 
     Thàinig i steach air oidhche ghruaim 
     Is thilg an stoirm a Chadabol i. 
    An ath-sheachdain innsidh mi tuilleadh dhuibh mun Linnet Mhòr agus mar a chuimhnich na Gàidheil ann am bàrdachd i.