FaclairDictionary EnglishGàidhlig

637: Buaidh nan Gàidheal air Innis Tìle (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Buaidh nan Gàidheal air Innis Tìle (2)

Gaelic Gàidhlig

Tha an Íslendingabók ag innse dhuinn gun robh papar – dìthreabhaich Ghàidhealach – a’ fuireach ann an Innis Tìle nuair a chaidh na Lochlannaich ann an toiseach mar luchd-tuineachaidh. Bha sin anns a’ bhliadhna ochd ceud is seachdad (870). Dh’fhàg na papar an t-eilean goirid às dèidh do na Lochlannaich nochdadh oir cha robh sìth ann dhaibh tuilleadh. Dh’fhàg iad clagan agus leabhraichean às an dèidh.

Ach an tug iad buaidh air na Lochlannaich ann an Innis Tìle? Tha e coltach nach tug. Dh’fhalbh iad agus cha do thill iad. Airson buaidh nan Gàidheal air na Tìlich a thuigsinn, feumaidh sinn coimhead air na thachair às deidh nam papar. Stèidhichte air fianais DNA, eachdraidh, ainmean-àite is cànan, tha a’ chuid as motha de dh’eòlaichean a’ gabhail ris gun robh an luchd-tuineachaidh na mheasgachadh de Lochlannaich agus Gàidheil. Thathar a’ tomhas na bh’ ann de Ghàidheil anns an t-sluagh aig an toiseach eadar ceithir-deug agus ceathrad às a’ cheud.

Tha cuid de luchd-eachdraidh ag ràdh gun robh tràillean dìreach a’ dèanamh dìreach beag-chuid de na Ghàidheil. Tha feadhainn eile ag ràdh gun robh tràillean anns a’ mhòr-chuid. Ach thathar ag aontachadh gun robh na tràillean Gàidhealach.

Nan robh a’ mhòr-chuid de na Gàidheil nan tràillean, bhiodh sin a’ mìneachadh cho beag ’s a nochd de dh’ainmean pearsanta Gàidhealach am measg nan Tìleach. Chaidh ainmean Lochlannach a chur orra. Agus chaill iad an cànan an ceann ginealach no dhà.

Ach an robh iad ag innse sgeulachdan? An ann bho na tràillean Gàidhealach a fhuair na Tìlich an gràdh a th’ aca air stòiridhean? Chan eil gaisgich Ghàidhealach anns na sgeulachdan Tìleach. Ach ’s dòcha gun deach iarraidh air na tràillean stòiridhean aithris mu ghaisgich Lochlannach. Agus tha rudan ann a tha coltach eadar an dà dhualchas, co-dhiù nuair a thathar a’ coimhead air na faoinsgeulan Tìleach as sine.

Mus leig mi soraidh le Innis Tìle bu mhath leam innse dhuibh mu thuras a ghabh mi ann an ceann a deas an eilein. Airson mu uair a thìde bha mi a’ dràibheadh air rathad greabhail. Chunnaic mi dìreach aon chàr. Air mo thaobh chlì bha tè de na beanntan as ainmeile anns an eilean. Tha i mun aon àirde ri Beinn Nibheis agus bho àm gu àm bidh i a’ spreadhadh. ’S e bholcàno a th’ innte. ’S e an t-ainm oirre – Hekla.

Uair no uaireigin bidh Hekla a’ spreadhadh a-rithist. Chaidh i suas ceithir tursan anns an fhicheadamh linn. Chuir mi sin às mo cheann nuair a bha mi air an rathad sin, ge-tà. Ach dè mu dheidhinn a h-ainm? Tha hekla a’ ciallachadh cleòca – agus, gu dearbh, bidh ceò na laighe oirre mar chleòca cha mhòr fad na h-ùine.

Càite eile a bheil beinn air a bheil Hecla? Tha ann an Uibhist a Deas. Chanainn gum bi ceò na laighe oirrese cuideachd ach dh’fhaodadh muinntir Uibhist mo chur ceart air sin! Tha cuid air smuain a chur air adhart, ge-tà, gur ann à Uibhist a thàinig an t-ainm Tìleach. Tha iad ag ràdh gun deach feadhainn às na h-Eileanan an Iar a dh’fhuireach ann an Innis Tìle o chionn fhad an t-saoghail agus gun tug iad an t-ainm sin leotha. ’S e smuain a tha sin. Ach tha aon rud fìor. Tha e nas sàbhailte a bhith a’ fuireach faisg air a’ Hecla ann an Uibhist!

Faclan na Litreach: dìthreabhaich: hermits, people living in the wilderness; Innis Tìle: Iceland; luchd-tuineachaidh: settlers, colonists; clagan:bells; tràillean: slaves; gaisgich: heroes; a’ spreadhadh: erupting; bholcàno: volcano; cleòca: cloak; Uibhist a Deas: South Uist.

Abairtean na Litreach: goirid às dèidh do na Lochlannaich nochdadh: shortly after the Norse appeared; cha robh sìth ann dhaibh tuilleadh: they no longer had peace; airson buaidh nan Gàidheal air na Tìlich a thuigsinn: to understand the effect of the Gaels on the Icelanders; stèidhichte air fianais DNA: based on DNA evidence; tha a’ chuid as motha de dh’eòlaichean a’ gabhail ris: most experts accept; thathar a’ tomhas na bh’ ann de Ghàidheil anns an t-sluagh: it is reckoned that the number of Gaels in the population was; ceathrad às a’ cheud: forty percent; gun robh tràillean anns a’ mhòr-chuid: that slaves were in the majority; thathar ag aontachadh gun robh na tràillean Gàidhealach: it is agreed that the slaves were Gaelic; cho beag ’s a nochd de dh’ainmean pearsanta Gàidhealach am measg nan Tìleach: how few Gaelic personal names appeared amongst the Icelanders; an ceann ginealach no dhà: after a generation or two; an gràdh a th’ aca air stòiridhean: the love they have for stories; nuair a thathar a’ coimhead air na faoinsgeulan Tìleach as sine:when the oldest Icelandic sagas are examined; mus leig mi soraidh le: before I bid farewell to bha mi a’ dràibheadh air rathad greabhail: I was driving on a gravel road; mun aon àirde ri Beinn Nibheis: about the same height as Ben Nevis; ceithir tursan anns an fhicheadamh linn: four times in the twentieth century; chuir mi sin às mo cheann: I put that out of my thoughts; bidh ceò na laighe oirre: mist lies on her; dh’fhaodadh muinntir Uibhist mo chur ceart: the people of Uist could put me right; nas sàbhailte: safer.

Puing-chànain na Litreach: gun robh an luchd-tuineachaidh na mheasgachadh de Lochlannaich agus Gàidheil: that the settlers were a mixture of Norse and Gaels. Luchd is a tricky word to deal with as it is conceptually plural but must be dealt with as a singular masculine word in terms of the grammatical rules. We would say gun robh iad nam measgachadh de… or gun robh na Tìlich nam measgachadh de… using the plural form (“in their mixture”). But with luchdwe have to say na mheasgachadh (“in his mixture”). With clann, which is a singular word but of feminine gender (although conceptually plural) we’d say bha a’ chlann na measgachadh de … (“in her mixture”).

Gnàthas-cainnt na Litreach: o chionn fhad an t-saoghail: a very long time ago.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 333

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean