Tha loch an an sgìre Gheàrrloch ann an Ros an Iar a tha clàraichte air na mapaichean mar Loch an Draing. Tha e gu siar air baile beag air a bheil An
Uamhghaidh ann an Gàidhlig. Tha am baile clàraichte air a’ mhapa mar Cove, an t-ainm a th’ air ann am Beurla. Tha Loch an Draing ann an
suidheachadh brèagha le druim agus coille nàdarrach air a chùlaibh.
Chan eil ciall an ainm, Loch an Draing, soilleir idir. Agus, gu dearbh, chan ann mar sin a chanas muinntir an àite e co-dhiù. Canaidh iadsan “Locha Druing”
no “Locha Dring”. Bha Uilleam MacBhàtair dhen bheachd gur e ainm Gàidhlig a bh’ ann, ’s dòcha ainm pearsanta. Gu cinnteach, ’s e ainmean Gàidhlig a th’ air
na lochan eile faisg air làimh.
Ach, a thaobh druing, tha mi a’ mothachadh gun robh facal anns an t-Seann Lochlannais – drengr – a’ ciallachadh “gaisgeach”; tha e
fhathast ann an cànan Innis Tìle, a’ ciallachadh “gille” no “balach”. Chan eil fhios agam a bheil ceangal aig an fhacal seo agus ainm an locha, ach tha e
inntinneach gu bheil seann stòiridh às an sgìre mu shìthiche a bha a’ fuireach anns a’ choille ri taobh an locha. B’ e ainm an t-sìthiche
“An Gille Dubh”.
Cha robh aodach ceart aig a’ Ghille Dhubh. Chuireadh e duilleagan chraobhan agus còinneach uime. A rèir aithris a chaidh a sgrìobhadh anns an naoidheamh
linn deug, chunnacas e grunn tursan anns an leth mu dheireadh dhen ochdamh linn deug. Chan urrainn dhomh a ràdh cò às a thàinig e ach bha athair, a rèir
aithris, à Asainte.
Cha chanadh e guth ri duine, ach a-mhàin ri caileag òg air an robh Seònaid NicRath; bha ise a’ fuireach faisg air Locha Druing. Feasgar samhraidh a bha
seo, bha i air chall anns a’ choille – feumaidh gun robh a’ choille na bu mhotha an uair sin na tha i a-nise. Thàinig an Gille Dubh dha h-ionnsaigh agus
rinn e cobhair oirre. An ath mhadainn, thug e dhachaigh i slàn sàbhailte.
Shaoileadh tu le sin gum biodh muinntir an àite toilichte gun robh an Gille Dubh a’ fuireach faisg orra. Cha do rinn e cron air duine. Ach bha an t-eagal
air feadhainn roimhe. Ràinig Seònaid ìre agus phòs i fear Iain MacCoinnich a bha na thuathanach faisg air Locha Druing. Cha do ghabh ise dragh mun Ghille
Dhubh. Ach cha b’ ionann e do chuid de na h-uaislean. Thàinig còignear de dh’uaislean na sgìre còmhla airson an sìthiche a mharbhadh.
Chaidh iad uile gu ruige taigh Iain MhicCoinnich, an tuathanach, airson na h-oidhche. Thug Iain biadh mòr dhaibh. Chan eilear ag innse co-dhiù an robh
Seònaid ann. Chuir na h-uaislean seachad an oidhche air leabannan fraoich ann an sabhal Iain MhicCoinnich. Ach nuair a dh’èirich iad airson a dhol tron
choille, agus iad deiseil airson an Gille Dubh a mharbhadh, cha robh sgeul air an t-sìthiche.
Chan eil fhios a’m an robh e am falach no dìreach doirbh fhaicinn, agus e còmhdaichte le duilleagan is còinneach. Bu mhath leam smaoineachadh gun tug
Seònaid rabhadh dha gun robh droch dhaoine air a thòir! Às dèidh sin, a rèir beul-aithris, dh’aontaich e falbh a dh’Asainte, dùthaich
athar, agus cha do thill e gus an robh an t-uachdaran aig Locha Druing air a dhol fon fhòid.