FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Na Curdaich

A bheil e ceart ri ràdh – ma tha thu

Audio is playing in pop-over.

Na Curdaich

A bheil e ceart ri ràdh – ma tha thu nad cheannard air dùthaich anns an Roinn-Eòrpa, neo faisg air an Roinn-Eòrpa – agus ma tha thu airson geur-leanmhainn a dhèanamh air mion-shluagh anns an dùthaich agad fhèin – faigh ballrachd ann an NATO an toiseach? Tha mi a’ cur na ceist, as dèidh do NATO a’ chùis a dhèanamh air a’ cheann-suidhe Mhilosevic ann an cogadh Chosobho, air sgath ’s gu bheil feadhainn ann an tè de dhùthchannan NATO a’ cur na ceist cuideachd. ’S i an dùthaich sin – an Turc. Agus ’s e am mion-shluagh a th’ aca anns an Turc, a tha a’ cur na ceist – na Curdaich, neo Kurds.

Tha eachdraidh dhuilich aig na Curdaich. Nuair a bha mòran de rìoghachdan beaga na Roinn-Eòrpa air an cruthachadh as ùr as dèidh a’ Chiad Chogaidh, bha na Curdaich ag iarraidh dùthaich dhaibh fhèin cuideachd. Ach cha d’ fhuair iad i. Agus an-diugh tha na muilleanan aca a’ fuireach air talamh a bh’ aca airson ceudan bhliadhna – ach eadar còig dùthchannan eadar-dhealaichte – Ioràc, Siria, Ioràn, Airmìnia … agus an Turc.

As dèidh a’ chogaidh ann an Ioràc o chionn beagan bhliadhnaichean, chuir Aimearaga agus Breatainn casg air feachd-adhair Ioràic bho bhith a’ dol thairis air dùthaich nan Curdach anns a’ cheann a tuath. Bha sin air sgath ’s gu robh Saddam Hussein air geur-leanmhainn a dhèanamh air na Curdaich.

Ach an do rinn iad an dearbh rud nuair a chuir riaghaltas na Tuirc saighdearan gu dùthaich nan Curdach anns an Turc, far an do rinn iad fhèin geur-leanmhainn air an t-sluagh? Cha do rinn. Tha an Turc na bhall de NATO.

Is tha an aon cheist a’ nochdadh mu Chosobho. Bha e ceart gu leòr do NATO gnothach a ghabhail ri Cosobho agus ris a’ gheur-leanmhainn a rinn na Searbaich ann a sin. Bha e ceart gu leòr dhaibh a ràdh gur ann airson math muinntir an àite a bha iad a’ leigeil bomaichean air na Searbaich. Ach dè mu dheidhinn sluagh Curdach na Tuirc?

Tha e ceart ri ràdh nach eil an suidheachadh anns an Turc co-ionann ri suidheachadh Chosobho neo, gu dearbh, suidheachadh Ioràic. Bho fhuair iad cuidhteas an t-arm mar riaghladairean ann an naoi ceud deug, ceithir fichead ’s a trì (1983), tha an Turc air a bhith a’ feuchainn ri deomòcrasaidh a stèidheachadh anns an dùthaich. Agus tha iad a’ cumail a-mach nach eil e na amas dhaibh cron sam bith a dhèanamh air na Curdaich. Tha iad dìreach a’ strì an aghaidh ceannarcaich – ris an canar am PKK – a th’ air mìltean a mhuirt. Ach, aig bun na cùise, ’s e an duilgheadas a th’ ann nach eil an riaghaltas ann an Ancara ag aithneachadh gur e sluagh fa leth a th’ anns na Curdaich. Tha iad a’ gabhail “Turcaich nam Beann” orra. Ach chan e sin beachd nan Curdach – neo mòran aca, co-dhiù.

Agus, a’ fàgail Chosobho air an darna taobh airson mionaid, de shaoileadh na Cuimrich an-diugh nan canadh riaghaltas Bhreatainn nach robh a leithid de shluagh ann, is gur e dìreach “Sasannaich nam Beann” a bh’ annta. Agus dè dhèanadh na Cuimrich mura robh cothrom aca an cànan a chleachdadh ann am foghlam is craoladh is beatha poblach na dùthcha. Gu mi-fhortanach ’s e poileasaidh mar sin a thathar a’ cur an sàs fhathast anns an Turc.

Agus bu chòir do leasan a bhith ann a sin do riaghaltas na Tuirc. Tha dà rathad ann air am beulaibh – rathad Chosobho, far am bi bàs, is fulangas, is geur-leanmhainn ann - neo rathad na Cuimrigh, far a bheil deomocrasaidh air Cothrom na Fèinne a thoirt don chànan is cultar mu dheireadh thall. Saoil dè an rathad a ghabhas iad ann an Ancara?

Litir 8 Litir 8 Litir 10 Litir 10

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!