Bha mi a’ bruidhinn mu chraobhan a tha ainmichte anns a’ Bhìoball. Thuirt mi gu bheil a’ chraobh-chrithinn a’ nochdadh dìreach dà thuras ann, agus gur e ‘poplar’ a’ Bheurla oirre, seach ‘aspen’. Nise, ann an Leabhar Isaiah 44:4, a rèir aon dreach dhen Bhìoball, tha seo: ... your descendants ... will spring up like ... poplar trees by flowing streams.
Anns a’ Bhìoball Ghàidhlig, tha seo: ... fàsaidh iad suas ... mar gheugan seilich ri taobh nan sruth-chlaisean. An àite poplar trees ann am Beurla, tha geugan seilich ‘willow branches’ ann an Gàidhlig. Chaidh mi gu dreach eile dhen Bhìoball Bheurla, agus seo na th’ aca – as willows by the water courses. Chan eil a h-uile eadar-theangair air an aon ràmh a thaobh dè na craobhan a thathar a’ ciallachadh.
Nise, an aithnicheadh sibh bratach nàiseanta Leabanoin? Tha i trì-phàirteach, le dà bhann dhearg, agus bann geal eatarra. Air a’ bhann gheal tha craobh – an Seudar Leabanach. Chan eil ìomhaigh nas làidire na sin nuair a thathar a’ samhlachadh Leabanon.
Tha Leabanon a’ nochdadh grunn tursan anns a’ Bhìoball. Tha i a’ riochdachadh bòidhchead agus goireasan nàdarrach, am measg eile. Bha beanntan agus coilltean brèagha ann an Leabanon.
Tha seo ann an Leabhar Isaiah, Caibideil 60, Rann 13: Thig glòir Leabanoin gad ionnsaigh – an giuthas, an gall-ghiuthas agus an crann-bogsa le chèile, a chur maise air mo naomh ionad-sa ...
Ann am Beurla: The glory of Lebanon will come to you – the fir tree, the pine tree and the box together, to beautify the place of my sanctuary ...
Tha craobhan Leabanoin nan samhlaidhean cumhachdach anns a’ Bhìoball. Mar eisimpleir, ann an Eseciel Caibideil 31, thathar a’ samhlachadh bòidhchead air coltas an t-Seudair Leabanaich.
A bharrachd air sin, bha na craobhan-seudair cudromach ann an togail teampall agus lùchairt – no taigh-frìthe – Sholaimh. Ann an 1 Rìgh, Caibideil 7, tha sinn ag ionnsachadh gun deach gu leòr de mhuinntir Israeil a Leabanon airson am fiodh a thoirt a Ierusalem. Thàinig am fiodh eadar an dà dhùthaich mar ràthan aig muir.
Tha an geanm-chnò, no chestnut, a’ nochdadh anns a’ Bhìoball an siud ’s an seo. Ach a-rithist, chan eil a h-uile eadar-theangair air an aon ràmh. Ann an cuid de dhreachan na Beurla, thathar a-mach air oriental plane tree, seach chestnut.
Ma tha sibh air a bhith anns an Ear-mheadhanach, bidh fios agaibh gu bheil an olive tree a’ fàs gu math ann. Dè a’ Ghàidhlig air sin? Tha crann-olaidh no craobh-ola. Tha e a’ nochdadh ann an Genesis 8:11 nuair a thilleas an calman gu Noah an dèidh na tuile, agus ‘duilleag craoibh-ola ... aige na ghob’.
Mu dheireadh, dè mu dheidhinn ‘rìgh na coille’ – an darach? Tha sin anns a’ Bhìoball grunn tursan. A bharrachd air darach, tha e ann mar darag. Ann an Isaiah 1:30 tha seo ann: Oir bidh sibh mar dharaig aig a bheil an duilleach air seargadh. Chì sibh gu bheil craobhan a’ samhlachadh rudan anns a’ Bhìoball – ’s dòcha nach eil e gu cus diofair a bheil eas-aonta ann air na gnèithean a thathar a’ ciallachadh.