FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Mullock, Mulag is Mulcan

Bha mi turas còmhla ri m’ athair-chèile nach maireann ann an sgìre far an robh mèinnearachd a’ dol uaireigin.

Audio is playing in pop-over.

Mullock, Mulag is Mulcan

Bha mi turas còmhla ri m’ athair-chèile nach maireann ann an sgìre far an robh mèinnearachd a’ dol uaireigin. Bha esan a’ fuireach ann am Bhictoria ann an ceann an earra-dheas Astràilia. Bha uaireigin mèinnearachd gu leòr a’ dol ann am Bhictoria – gu h-àraidh mèinnearachd òir.

Bha coltas iongantach air an dùthaich. Bha cnapan talmhainn air feadh an àite. Chanainn gun robh feadhainn aca cho mòr ri taigh, agus cumadh rudeigin cruinn orra. Bha feadhainn aca car biorach gu h-àrd coltach ri beinn bheag Ailpeach. Ach cha robh iad nàdarrach. Bha iad air an dèanamh le daoine.

Bha ainm aig m’ athair-chèile airson na leithid – mullock heap. Tha sin gu math aithnichte air feadh Astràilia, co-dhiù far an robh daoine ri mèinnearachd. Sin nuair a bha iad ag obair leotha fhèin le spaid, a’ cladhach tuill agus a’ fàgail ùir agus clachan air aon taobh. Nuair a chuala mi an abairt sin – mullock heap – smaoinich mi air a’ Ghàidhlig. Saoil dè an cànan às an tàinig mullock – M-U-L-L-O-C-K? Tha faclan car coltach ann an Gàidhlig, nach eil?

Tha aon fhaclair Beurla ag ràdh: mullock – ‘Australian – waste material from a mine’. Tha am buadhair ann – mullocky – resembling the waste material from a mine, worthless or useless’. Saoil, ma-thà, an e an stuth fhèin a tha mullock a’ ciallachadh, seach na cnapan dheth?

Co-dhiù, tha na faclairean ag innse dhuinn gur ann bhon Bheurla Mheadhanaich a thàinig e a-steach do Bheurla an latha an-diugh, agus gu bheil e càirdeach don t-seann fhacal mul – M-U-L – a bha a’ ciallachadh ‘dust, mould, rubbish’.

Ge-tà, tha fios againn gun robh gu leòr de dhaoine à Alba agus Èirinn ri mèinnearachd òir ann an Astràilia ann am meadhan an naoidheamh linn deug. Agus seo na tha sinn a’ lorg ann am faclairean Gàidhlig: mul ‘a conical heap, mound’; mulachan ‘small heap’; mulag ‘small mound, heap, pile’.

Agus ann an Gàidhlig na h-Èireann, tha mul, mulachan agus mulag – no mullóg – ann cuideachd, leis an aon chiall ʼs a th’ againn ann an Alba.

Mar sin, math dh’fhaodte gun robh na Sasannaich a’ faicinn mullock – ‘stuth gun fheum’ – agus gun robh na h-Albannaich ʼs na h-Èireannaich a’ faicinn mulagan air an dèanamh dhen stuth sin. Ach a’ dol air ais fada, saoil an tàinig facal Beurla a-steach don Ghàidhlig no an deach facal Gàidhlig a-steach don Bheurla? No a bheil iad neo-eisimeileach bho chèile, air an toirt còmhla ann an Astràilia?

ʼS e a thug an gnothach seo gu m’ aire gun robh mi a’ leughadh an leabhair A Hundred Years in the Highlands le Osgood MacCoinnich. Bha Gàidhlig aig Osgood agus tha e ag innse dhuinn gum fac’ e each na laighe air ‘mulcan (hillock)’. Ann an Litir ceud, caogad ʼs a còig (155) thug mi am facal sin dhuibh, mar eadar-theangachadh air drumlin.

Tha cuimhne agam air còmhradh a bh’ agam le Roy Wentworth nach maireann – sgoilear na Gàidhlig à Geàrrloch. Bha e ag innse dhomh gun robh ainm-àite air na mapaichean faisg air Beinn Eighe ceàrr. B’ e sin Maol-Cheannan. ʼS e a bu chòir a bhith air ach Na Mulcanan. Oir tha mulcanan an sin a chaidh fhàgail leis an deigh o chionn mìltean bhliadhnaichean. Agus nuair a tha thu a’ dol nam measg, tha iad uabhasach coltach ri mullock heaps ann an Astràilia!

Litir 1372 Litir 1372

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!