FaclairDictionary EnglishGàidhlig

‘Lann’

Dè a’ Ghàidhlig a th’ air ‘laboratory’?

Audio is playing in pop-over.

‘Lann’

Dè a’ Ghàidhlig a th’ air ‘laboratory’? Tha dà rud ann am faclairean an latha an-diugh – obair-lann agus deuchainn-lann. Tha obair a’ ciallachadh ‘work’. Agus ’s e sin bunait an fhacail laboratory ‘place of labour or work’. Tha deuchainn a’ ciallachadh ‘test, examination, trial, experiment’. Deuchainn-lann – a place for testing or experimentation.

Ach dè dìreach a tha an dàrna eileamaid lann a’ ciallachadh? O shean, bha lann a’ ciallachadh ‘enclosure’ no ‘enclosed land’. Tha am facal boireanta. Mar sin, bhiodh daoine ag ràdh gu traidiseanta ‘anns an lainn’ no ‘anns an loinn’, an àite ‘anns an lann’. Tha sin a’ fàgail ainmean-àite air a’ Ghàidhealtachd le loinn.

Tha eisimpleirean faisg air Inbhir Nis. Tha an Lainn Mhòr agus an Lainn Bheag faisg air a’ Mhòigh. Ann am Beurla, canaidh daoine Lynemore agus Lynebeg riutha.

Ann am Moireibh, faisg air Tom an t-Sabhail, tha Lynachork. Sin Lainn a’ Choirce ‘the enclosed field of the oats’. Cuideachd ann am Moireibh, faisg air Eilginn, tha Lhanbryde. Sin Lann Brìghde ‘St Bride’s enclosure or church’.

Ach, anns an latha an-diugh, tha lann mar as trice, ann an còmhradh no litreachas, ceangailte ri facal no eileamaid eile. Tha e a’ ciallachadh ‘àite’ gu sònraichte ‘àite far a bheil rudeigin a’ tachairt’. Bidh sibh eòlach air leabharlann ‘library’. Mar as trice, bidh sinn a’ cur tàthan – no hyphen – ron eileamaid lann. Ach tha leabharlann air a sgrìobhadh mar aon fhacal, gun tàthan. Tha tasglann ‘archive’ coltach ri sin. Tha e air a sgrìobhadh mar aon fhacal, gun tàthan – mar a tha an seann fhacal iodhlann ‘corn yard’ a tha a’ tighinn bho iodh ‘corn’ agus lann. Tha iodh a’ nochdadh ann an Tiriodh (Tiree) – ‘land of corn’.

Tha arm-lann a’ ciallachadh ‘arsenal’. Tha amharc-lann a’ ciallachadh ‘observatory’. Tha lèigh-lann a’ ciallachadh ‘doctor’s surgery’. Agus math dh’fhaodte gum bi sibh eòlach air biadh-lann ‘canteen, dining hall’.

Tha grunn eisimpleirean co-cheangailte ri beathaichean ann an seann fhaclair Dwelly. Mar eisimpleir, cearc-lann ‘henhouse’ no ‘poultry yard’ agus bò-lann ‘cow house, byre’. Tha beach-lann a’ seasamh airson ‘bee-hive’, tha fiadh-lann a’ ciallachadh ‘deer park’, agus ’s e gèadh-lann àite far an cumar geòidh.

Saoil an tuig sibh an fheadhainn a leanas? Suain-lann. Suain-lann. Càr-lann. Càr-lann. Long-lann. Long-lann. Broc-lann. Broc-lann. Agus sìol-lann. Sìol-lann.

Uill, seo na fuasglaidhean. Tha suain-lann a’ ciallachadh ‘dormitory’ – far am bi daoine a’ dol nan suain. Tha càr-lann a’ ciallachadh ‘carpark’. Long-lann? Uill, tha long a’ ciallachadh ‘ship’. Mar sin, ’s e long-lann ‘a dockyard’. Broc-lann ‘a badger’s den or sett’. Agus tha sìol-lann a’ ciallachadh ‘granary’, le sìol a’ ciallachadh ‘seed’.

Co-dhiù, mach à seo leam. Tha mi a’ dol a ghabhail srùbag anns a’ ghrian-lann!

Litir 1403 Litir 1403

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!