Bha mi ag innse dhuibh mun Urramach Alasdair Stiùbhart no, mar a b’ fheàrr a dh’aithnicheadh e, Nether Lochaber. Bha e ainmeil mar sgrìobhadair agus sgoilear na Gàidhlig.
Ann an Courier Inbhir Nis, anns an Fhaoilleach ochd ceud deug, seachdad ’s a dhà (1872), sgrìobh e colbh anns an robh fiosrachadh inntinneach mu shaobh-chràbhadh Gàidhealach. Bha cunntas aige dhen Phrionnsa Òg, Teàrlach Eideard Stiùbhart. An dèidh Blàr Chùil Lodair, bha am Prionnsa am falach còmhla ri Loch Iall, Ceann-cinnidh nan Camshronach. Bha iad a’ fuireach ann an uaimh eadar Loch Airceig agus Loch Lòchaidh.
Bha fios aig aon duine far an robh iad – fear air an robh MacCoinnich mar ainm. Bhiodh esan a’ toirt biadh dhaibh. Bha dùil aig a’ Phrionnsa agus Loch Iall gun robh MacCoinnich a’ cumail a’ ghnothaich dìomhair.
Ach, aon mhadainn, nochd e aig glasadh an latha, agus cha robh e leis fhèin. Thug e leis a mhac nach robh ach sia no seachd bliadhna a dh’aois. Bha Loch Iall feargach mu dheidhinn ach mhìnich MacCoinnich carson a thug e an gille ann.
Bha e a’ fulang le galar ris an canadh iad ‘tinneas an rìgh’. Ann am Beurla, ’s e scrofula no king’s evil a chanar ris. Bha daoine ann an grunn dùthchannan Eòrpach aig an àm sin a’ creidsinn gun robh comas aig rìgh an galar a leigheadh le bhith a’ cur a làmhan air an euslainteach.
Dh’iarr MacCoinnich air a’ Phrionnsa a làmhan a chur air a mhac. Rinn am Prionnsa sin agus thug e bonn airgid don ghille. A rèir na sgrìobh Nether Lochaber, thàinig feabhas air a’ ghille. Ghlèidh e am bonn agus bhiodh e ga chur timcheall amhaich dhaoine eile a bha a’ fulang le tinneas an rìgh airson leigheas a dhèanamh orra.
Chuala Nether Lochaber an naidheachd sin bho chuideigin eile ach tha e cuideachd ag innse dhuinn mu rud a thachair dha fhèin beagan làithean mus do sgrìobh e mu dheidhinn anns a’ phàipear-naidheachd. Thachair e ri caileag a bha mu dheich no dusan bliadhna a dh’aois. Bha e eòlach oirre agus bha fios aige gun robh a bràthair air a bhith gu math tinn.
‘Ciamar a tha e?’ dh’fhaighnich an Stiùbhartach.
‘Och, tha e mòran nas fheàrr on a fhuair e an spàin,’ fhreagair a’ chaileag.
‘On a fhuair e an spàin?!’ thuirt am ministear, ‘dè an spàin a tha sin?’
Bha a’ chaileag ro òg no ro dhiùid airson an gnothach a mhìneachadh. ’S ann nuair a chaidh Nether Lochaber dhachaigh a fhuair e a-mach dè an spàin a bh’ ann.
Bha cìoch-shlugain a bràthar air a dhol a dh’at. Bha na daoine a’ creidsinn – airson leigheas a dhèanamh air sin – gu feumadh an duine a bha tinn stuth-leighidh a ghabhail air spàin. Ach dh’fheumadh an spàin a bhith air a dèanamh de dh’adharc bà.
Chan e sin a-mhàin ach dh’fheumadh an adharc a bhith air tuiteam far na bà ann an tubaist. Dh’fheumadh a’ bhò co-dhiù aon laogh a bhith aice agus bhiodh an spàin na b’ èifeachdaiche buileach nam biodh i an dùil laogh eile. Agus aon rud eile – bhiodh draoidheachd na spàine ag obair a-mhàin fhad ’s a bha a’ bhò beò. Nuair a bhasaicheadh i, bhiodh an draoidheachd a’ falbh agus cha bhiodh an spàin ag obair tuilleadh.