Bha mi ag innse dhuibh mun òran Leòdhasach ‘Thugainn a Rùin’. Nuair a chuala mi e, thàinig e a-steach orm sa mhionaid gun robh mi air òran eile a chluinntinn air an aon fhonn. ’S e sin an t-òran ‘Doire na Smeòraich’.
Chaidh mi air ais don làraich-lìn, far an cuala mi ‘Thugainn a Rùin’, agus bha seo sgrìobhte ann: ‘Thugainn a Rùin air fonn “Doire na Smeòraich”’. Gu dearbh, bha ‘Doire na Smeòraich’ na bu shine na ‘Thugainn a Rùin’.
Tha an dà òran ceangailte ri chèile ann an dòigh, a bharrachd air an fhonn. Seo a’ chiad loidhne dhen òran tùsail – ‘Ò, tiugainn a rùin, a-null am bealach’. Tha tiugainn agus thugainn a’ ciallachadh an aon rud. Tha faclair Dwelly ga mhìneachadh mar seo: ‘tiugainn – come, let us go [from deaspirated thugainn, to us, for chugainn’ [le ‘ch’].
’S dòcha gur e as coireach ris an diofar gun robh Murchadh MacIlleMhoire, a sgrìobh am facal mar thugainn, à Leòdhas. Bha Niall MacLeòid, a sgrìobh tiugainn ann an ‘Doire na Smeòraich’, às an Eilean Sgitheanach.
A bheil sibh a’ tuigsinn an tiotail – ‘Doire na Smeòraich’? The copse of the thrush. Seo mar a tha a’ chiad rann dhen òran a’ dol:
Ò, tiugainn a rùin, a-null am bealach,
’S na lusan cho ùr fo dhriùchd na meala,
Nach cluinn thu na ciùil tha ’n dlùths a’ bharraich,
Le sùrd an Doire na Smeòraich?
’S e am bàrd Sgitheanach, Niall MacLeòid, a sgrìobh an dàn. Bhuineadh esan do Ghleann Dail ann an ceann an iar-thuath an eilein. Nise, nuair a bhios tu a’ dràibheadh gu ruige Gleann Dail, bidh thu a’ dol tarsainn bealach. Mar sin, a bheil Doire na Smeòraich na h-àite ann an Gleann Dail? An e fìor àite a th’ ann?
Thug mi sùil air na mapaichean. Cha do lorg mi coille no doire le ‘smeòrach’ anns an ainm ann an Gleann Dail. Thug mi sùil air an òran a-rithist airson tuilleadh fiosrachaidh mun àite:
Nach tric thug sinn sgrìob, mo rìghinn lurach,
A thional nan dìthean mìn fon duilleach,
’S a’ mireag leinn fhìn gun sgìos, gun mhulad,
A’ dìreadh Doire na Smeòraich.
Aha – a’ dìreadh Doire na Smeòraich. Bha an doire shuas àrd – air cnoc no druim math dh’fhaodte.
Thug mi sùil an uair sin na b’ fhaide a-mach na Gleann Dail – air feadh na Gàidhealtachd, gu dearbh. Agus lorg mi dìreach aon sgìre far a bheil ‘smeòrach’ a’ nochdadh ann an ainmean-àite.
Tha sin ann an Loch Aillse, faisg air Uachdar Thìre. Tha talamh àrd ann air a bheil Sròn na Smeòraich. Faisg air làimh tha Loch na Smeòraich. Tha allt a’ sruthadh às an loch. ’S e Allt Loch na Smeòraich a th’ air. Gu h-inntinneach, tha loch eile faisg air làimh air a bheil Loch a’ Bhealaich. Saoil an robh doire ann uaireigin ‘a-null am bealach’, agus ‘Doire na Smeòraich’ oirre mar ainm?
Chan urrainn dhomh sin a dhearbhadh – ach tha na h-ainmean-àite Aillseach sin gu math snog. ’S toigh leam àiteachan far a bheil eòin agus ainmhidhean a’ nochdadh anns an ainm. Saoilidh mi, ge-tà, nach ann a-mach air fìor àite a bha Niall MacLeòid nuair a sgrìobh e ‘Doire na Smeòraich’. Bha an t-àite sin mac-meanmnach. Bheir sinn sùil a bharrachd air an òran anns an ath Litir.