Anns an litir mu dheireadh, bha mi ag innse dhuibh mar a thrèig am Morair Leverhulme Eilean Leòdhais. Ach cha b’ e sin deireadh na sgeòil dha anns na
h-Eileanan Siar, oir bha e fhathast na uachdaran air na Hearadh. Agus bha e dhen bheachd gum b’ urrainn dha an aon seòrsa de phlana a bh’ aige airson
Steòrnabhagh a chur an sàs anns an t-Òb, ann an ceann a deas na Hearadh. Gu dearbh, ’s e Leverburgh a th’ air a’ bhaile sin fhathast ann am Beurla.
Thòisich Leverhulme air an obair-leasachaidh air cidhe an t-Òib, agus anns a’ bhaile fhèin, agus chuir e airgead mu choinneamh pròiseactan airson
rathaidean a thogail. Ach cha do mhair an obair sin fada oir chaochail e anns a’ Chèitean, naoi deug is còig ar fhichead (1925). Seachdain as dèidh a
bhàis, thug bòrd-stiùiridh ùr na companaidh, Lever Brothers, òrdugh seachad gu feumadh an obair anns an t-Òb sgur, ach a-mhàin air taighean ùra a bha faisg
air a bhith deiseil.
Cha robh ùidh sam bith aig càch air a’ bhòrd anns na h-Eileanan Siar. Gu dearbh, bha droch bheachd aig feadhainn aca orra. Thuirt an cathraiche ùr ri
Leòdhasach a bha càirdeach do Leverhulme tro phòsadh: “’S e an rud a b’ fheàrr a b’ urrainn dhut dèanamh leis na h-eileanan agad – an cur fodha anns a’
Chuan Siar airson ceithir uairean a thìde, agus an uairsin an togail suas a-rithist.” Cha robh spèis sam bith aige do mhuinntir nan eilean.
Tha e coltach nach robh mac Leverhulme mòran na b’ fheàrr. Thathar ag aithris gu robh e uaireigin a’ coimhead air map air balla, map de dh’Alba, a bha as
aonais nan Eilean Siar. “’S e sin,” thuirt e, “am map as fheàrr de dh’Alba a chunnaic mi a-riamh.”
nas lugha na sia mìosan as dèidh bàs Leverhulme, chaidh na Hearadh air a’ mhargaidh, aig rùp ann an Lunnainn. Cha robh e air a reic ann an aon chnap,
ge-tà, ach ann am pìosan agus cha d’ fhuair e prìs mhath idir. Tha e coltach gu robh cuid, a bha ag iarraidh oighreachd airson sealg, amharasach mun
t-suidheachadh as dèidh na thachair do Leverhulme ann an Leòdhas.
Dh’fhalbh na togalaichean mòra aig port an t-Òib airson còig mìle not – cuibhreann bheag de na chosg iad airson a thogail anns a’ chiad dol a-mach.
Cheannaich an sgrìobhadair Compton MacCoinnich na h-Eileanan Mòra. Agus chaidh Caisteal Amhuinnsuidhe a reic, cuide ri Loids Àird a’ Mhùlaidh, Taigh-òsta
na Hearadh agus sia mìle acaire de thalamh airson … uill … dè tha sibh a’ smaoineachadh…? Dà mhìle not. Seadh, agus thathar ag iarraidh còrr is ceithir gu
leth millean not airson oighreachd Cheann a Tuath na Hearadh, a’ gabhail a-staigh Caisteal Amhuinnsuidhe, an-diugh.
Bidh luchd-eachdraidh ag argamaid gu sìorraidh buan air buaidh Leverhulme air Leòdhas agus na Hearadh. An e droch rud neo deagh rud a bh’ ann gun do
dh’fheuch e ri tionnsgal mòr a chruthachadh anns na h-eileanan? An e an dòigh anns an do dh’fhàg e Leòdhas na dhearbhadh air misneachd nan eileanach nach
gabhadh mùchadh le duine sam bith, ge bith dè cho beartach ’s a bha e? No an robh e na dhearbhadh air a’ chasaid, a chualas bho mhòran, nach b’ urrainn do
chroitearachd agus dòigh-beatha ùr nodha a bhith beò còmhla?
Agus dè thachradh nan robh na h-eileanaich air an còraichean-fearainn a leigeil seachad, agus nan robh an gnìomhachas aig Leverhulme air tuiteam as a
chèile tro thìde co-dhiù? Mmm. Uill, tha aon rud cinnteach. Chan fhaic sinn a leithid tuilleadh anns na h-Eileanan Siar.