A bheil sibh math air amalaidhean-cainnt ann an Gàidhlig? Mar eisimpleir: dh’ith laogh òg ugh amh. Feuchaibh ri sin aithris grunn tursan gu luath:
dh’ith laogh òg ugh amh.
Seo fear eile: sop air poc is cop air poit; sop air poc is cop air poit. Agus fear as toigh leamsa gu mòr: Donnchadh Mòr is an cù is an cat, is a bhrù air at cho mòr ri poit. Donnchadh Mòr is an cù is an cat, is a bhrù air at cho mòr ri poit.
Ma tha ùidh agaibh ann an amalaidhean-cainnt, agus anns a’ bheartas de ghnàthsan-cainnt is faclan a th’ againn ann an Gàidhlig, ’s dòcha gum bi ùidh agaibh
ann an làrach-lìn ùr a tha co-cheangailte ri prògram-telebhisein air a’ BhBC – “Beul-chainnt”, a th’ air a bhith air BBC2 a h-uile feasgar Diardaoin
airson grunn seachdainean.
’S e prògram air leth math a th’ ann agus chanainn gu bheil mòran am measg luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, co-dhiù an fheadhainn a tha a’ fuireach ann an
Alba, a tha gu math measail air. Ach ’s e an duilgheadas a th’ ann le prògram-telebhisein gu bheil e a’ ruith seachad air an luchd-amhairc gu luath. Tha e
doirbh do dhuine greimeachadh air na faclan is abairtean anns an dol-seachad.
’S e sin as coireach gu bheil mi a’ moladh na làraich seo dhuibh – oir tha mòran oirre ann an cruth sgrìobhte, agus chan eil cabhag sam bith oirbh ruith
chun na h-ath-abairt. Bheir mi a seòladh dhuibh aig deireadh na Litreach.
Am measg nan rudan a thog m’ aire oirre, tha tòimhseachan. ’S e an t-ainm a th’ air “Àireamh Muinntir Fhinn agus Dhubhain” agus chuir e tachartas
inntinneach nam chuimhne. Bha mi anns an Eilean Sgitheanach o chionn grunn bhliadhnaichean agus fhuair mi cuireadh coimhead air fiolmadh a bhathar a’
dèanamh de sheann bhoireannach a bhuineadh do dh’Uibhist a Deas. Bha i ag aithris an dearbh thòimhseachain.
A rèir làrach-lìn Bheul-chainnt, tha lorg air an tòimhseachan seo, Ludus Sancta Petri, cho fada air ais ris an naoidheamh linn às dèidh Chrìosda, agus tha
e air innse ann an iomadh cànan. Ann an Alba is Eirinn, tha e co-cheangailte, mar as trice, ri dùbhlan eadar an gaisgeach Gaidhealach, Fionn MacCumhail,
agus fear eile, Dubhan. Tha muinntir Fhinn nan suidhe am measg muinntir Dhubhain, a rèir seann rann, agus tha Fionn a’ toirt seachad òrdugh gach naoidheamh
duine a thoirt air falbh is a mharbhadh. Agus, mar a chaidh an gnothach a chur air dòigh gu seòlta, ’s e fir Dhubhain air fad a tha a’ falbh, a’ fàgail a
h-uile fear de mhuinntir Fhinn aig a’ bhòrd no, mar a chuala mise e, air bòrd soitheach aig muir.
Nuair a chunnaic mise an tòimhseachan air aithris, ’s e clachan geala (airson gaisgich Fhinn) agus clachan dubha (airson muinntir Dhubhain) a bhathar a’
cleachdadh. Ach a-nise faodaidh sibhse tadhal air an làraich-lìn a tha seo agus an geam a chluich gu h-eleactronaigeach.
Anns a’ phrògram Beul-chainnt, bithear a’ cèilidh gach seachdain air Iain MacIlleathain ann an Eilean Leòdhais, aig a bheil stòras air leth de
ghnàthsan-cainnt is abairtean. Tha Iain uabhasach fiosrachail air ainmean airson tinneasan. Mar eisimpleir, a bheil fios agaibh dè a’ Ghàidhlig a th’ air bulimia nervosa, an tinneas a tha a’ toirt air daoine diathad mòr a ghabhail is an uair sin am biadh a chur a-mach? Uill, tha Iain ag innse dhuinn
gur e lon-chraois a th’ air. Lon-chraois.
Is iomadh rud eile air am faighear lorg air làrach-lìn Bheul-chainnt. ’S e an seòladh a th’ aice: www.bbc.co.uk/alba/beulchainnt. Tha mi an dòchas gun còrd e ribh.