Chaidh comataidh a chur air chois ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a còig (1875) leis an amas Ceilteis a stèidheachadh mar chuspair oilthigh ann an Dùn
Eideann fo stiùir proifeasair. Am measg nam ball, bha Iain Stiùbhart Blackie, Proifeasair na Greugais aig an dearbh oilthigh. ’S e Blackie, barrachd na
duine sam bith eile, a sheas a-mach gu poblach air a’ chùis.
Bha aca ri dusan mìle not a chruinneachadh agus, aig an toiseach, chaidh cùisean gu math leotha. Taobh a-staigh còig mìosan bha an treas cuid dhen airgead
aca. Bha e a’ tighinn bho iomadh ceàrn – à sliochd nan Gaidheal thall thairis, às uaislean na Gaidhealtachd fhèin, à buidhnean culturach is oifisean is
clubaichean thall ’s a-bhos.
Bhiodh an fheadhainn a bu bhochda a’ cur stampaichean-puist chun na comataidh oir cha robh airgead gu leòr aca airson barrachd. Ach bha cuid ann, daoine
beartach, a thug ceud not dhaibh – airgead mòr sna làithean ud. Agus nuair a chuala a’ Bhànrigh mun ghnothach bho Dhiùc is Ban-diùc Earra-Ghaidheal, thug i
fhèin dà cheud not seachad.
Bha Blackie cianail trang anns a’ Ghiblean is anns a’ Chèitean. Thug e òraidean mun t-suidheachadh ann am Birmingham is Lunnainn, thill e a Dhùn Eideann
airson àrd-sheanaidhean nan eaglaisean Clèireach, agus chaidh e air ais a Shasainn an uair sin, airson tuilleadh òraidean ann an Lunnainn is Oxford.
Bha e airson ’s gum biodh a charaid Iain F. Caimbeul, no Iain Òg Ìle, mar a b’ aithne do na Gaidheil e, na thagraiche airson na cathrach, oir bha e ainmeil
mar sgoilear Gàidhlig agus fear-cruinneachaidh beul-aithris. Cha robh Iain air a shon, ge-tà. Sgrìobh e gu Blackie, ag innse stòiridh dha a chruinnich e,
anns an do thachair an gaisgeach ri fear a bhiodh a’ briseadh chlachan le bhith a’ suidh orra. ’S e Tònchruaidh a chainte ris agus, eadhon nuair a
dh’fheuch droch rìgh ri cur às don ghaisgeach le cathair anns an robh bior iarainn, bha ar caraid sàbhailte oir bha e air Tònchruaidh fhastadh,
agus shuidh esan anns a’ chathair roimhe. Bha Iain dhen bheachd gum biodh feum aig Proifeasair na Ceilteis air Tònchruaidh dha fhèin mus gabhadh e
àite anns a’ chathair aige, leis na bhiodh aige de nàimhdean!
Bha Blackie a-nise ainmeil air feadh an t-saoghail ach bha cuid ann nach aithneachadh an diofar eadar e fhèin is am Proifeasair Blaikie à Colaiste na
h-Eaglaise Saoire. Nuair a bha Blaikie anns na Stàitean Aonaichte thàinig mòran ga ionnsaigh airson taing mhòr a thoirt dha airson Cathair na Ceilteis a
chur air chois ann an Dùn Eideann. B’ fheudar dha innse dhaibh nach b’ esan an duine!
Chaidh an stòras de dh’airgead a bhathar a’ cruinneachadh airson na cathrach a dhùnadh le còrr is ceithir mìle deug not ann, agus chaidh an dreuchd a
stèidheachadh anns an Dùbhlachd, ochd ceud deug, ochdad ’s a dhà (1882). ’S e Dòmhnall MacFhiongain à Colasa a fhuair i. Anns an dearbh bhliadhna sin, leig
Blackie dheth a dhreuchd mar Phroifeasair na Greugais.
Chaochail Blackie ann an ochd ceud deug, naochad ’s a còig (1895) agus bha seirbheis-tiodhlacaidh aige ann an Àrd-eaglais Ghill (no St. Giles Cathedral). B’ e a’ chiad duine a chuir teachdaireachd-bhròin ga ionnsaigh am Prìomhaire, am Morair Rosebery. Chuir esan blàth-fhleasg,
a fhuair prìomh àite air a’ chiste-laighe nuair a bha i air an rathad eadar an eaglais agus an cladh. Rinn na mìltean mòra caoidh air, agus thug iad urram
do chuimhne air an rathad a Chladh Dean. Bha làn-fhios aca nach fhaiceadh Alba a leithid tuilleadh.