Bha bàrd uaireigin a’ fuireach ann an Eilean Phabaigh, eadar na Hearadh agus Uibhist a Tuath, air an robh Niall Moireasdan mar ainm. Ann am fear de na
h-òrain aige, bha na faclan seo: “Gun agam ach a’ Ghàidhlig, ’s pàirt dhith nach eil uil’ agam..”
Bha am bàrd dhen bheachd, ged nach robh cànan sam bith aige ach a’ Ghàidhlig, agus ged a bha e math math air faclan a chur ri chèile ann am bàrdachd, nach
robh e eòlach air a’ chànan gu lèir. ’S e duine glic a bh’ ann. Cha leig sinn a leas ach sùil a thoirt air an fhaclair a rinn Eideard Dwelly airson tuigsinn
gu bheil mòran fhaclan ann an Gàidhlig nach bi aig a h-uile duine a-chaoidh. Tha an aon rud fìor mu na faclan anns a’ Ghreater Oxford Dictionary
ann am Beurla.
Agus tha e fìor ri ràdh cuideachd gu bheil mòran fhaclan air a dhol à bith, anns a h-uile cànan. Cha robh a’ Ghàidhlig anns an t-seann aimsir mar a tha i
an-diugh. Agus tha e gu math inntinneach coimhead air an leabhar as sine a th’ againn anns a bheil Gàidhlig na h-Alba sgrìobhte. ’S e sin Leabhar Dheir, neo
mar a chanas iad ris ann am Beurla – the Book of Deer.
Cha robh e air a sgrìobhadh faisg air Eilean Phabaigh. Cha robh idir. Fhuair e ainm bho Sgìre Dheir, neo Old Deer, ann an Siorrachd Obair
Dheathain anns an robh manachainn Cheilteach anns an t-seann aimsir. Sgrìobh manach, neo manaich, an leabhar ann an Deir anns an naoidheamh linn, o chionn
còrr is mìle bliadhna.
Ach chan eil an sgrìobhadh Gàidhlig cho sean sin. ’S ann an Laideann a bha an leabhar fhèin, a’ gabhail a-steach pàirtean dhen Bhìoball agus sgrìobhaidhean
eile co-cheangailte ri creideamh. Ach uaireigin anns an darna linn deug chuir duine eile barrachd ris – sgrìobhaidhean Gàidhlig aig oirean nan duilleag
agus ann am beàrnan bàna. Tha na faclan sin còrr is ochd ceud bliadhna a dh’aois, agus tha feadhainn aca doirbh dhuinn tuigsinn an-diugh.
Tha iad ag innse sgeul mu eachdraidh na manachainn’ ann an Deir agus eachdraidh t’èile air a’ chosta mu thuath – ann an Obair Dobhair. Seo mar a
thòisicheas e anns an t-seann Ghàidhlig: “Columcille agus Drostan mac Cosgreg a dalta tangator a hI mar ro alseg Dia doib gonic Abbordoboir...” Neo
rudeigin mar sin. Gu fortanach tha sgoilearan a’ chànain air eadar-theangachadh a dhèanamh air na seann fhaclan. “Thàinig Calum Cille agus Drostan mac
Choscraich, a dheisciobal, às I, mar a threòraich Dia iad, gu ruige Obair Dobhair…” Tha Drostan fhathast air a chuimhneachadh anns an ear-thuath, agus ann
an sgìrean eile, mar naomh. Agus tha sinn uile eòlach air Calum Cille, agus air Eilean I.
’S ann anns an leabharlann ann an Oilthigh Chambridge a tha Leabhar Dheir an-diugh. Ged a tha cuid a’ gearan gu bheil e ann an Sasainn seach Alba, ’s dòcha
gur e sin a chum an leabhar sàbhailte. Feumaidh sinn cumail nar cuimhne gu robh mòran seann leabhraichean air an sgrios aig àm an Ath-Leasachaidh ann an
Alba.
Agus feumaidh sinn cumail nar cuimhne cuideachd gu robh a’ Ghàidhlig uaireigin air a bruidhinn gu mòr ann an taobh sear na h-Alba, ann an Siorrachd Obair
Dheathain. Bha mi ann am baile Obair Dheathain o chionn ghoirid agus thuirt fear rium nach robh a’ Ghàidhlig air a bruidhinn anns an sgìre sin a-riamh.
Agus cha robh e airson beachd eile a chluinntinn air a’ chùis. Feumaidh nach cual’ e mu Leabhar Dheir. Agus feumaidh nach robh e dhen aon bheachd ri bàrd
glic Phabaigh, Niall Moireasdan - ge bith dè cho fiosrach ’s a tha sinn mu rud sam bith, gu bheil mòran ann air nach eil sinn eòlach.