FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Na h-Amhaisgean (4)

Tha mi a’ dol a chur crìoch air an t-seann

Audio is playing in pop-over.

Na h-Amhaisgean (4)

Tha mi a’ dol a chur crìoch air an t-seann sgeulachd Na h-Amhaisgean no Na Trì Saighdearan. Bha an saighdear air an rathad do Rìoghachd na Fuarachd airson a leannan a lorg. Bha e ann am bothan an dàrna bodaich. Bha am bodach a’ cìreadh fheusaig le badan giuthais.

“Nach garbh a’ chìr a th’ agad!” thuirt an saighdear.

“Chan eil nas mìne agam,” fhreagair am bodach.

“’S cinnteach gu bheil nas fheàrr agam fhìn,” thuirt an saighdear. Agus thug e an dàrna cìr-eich don bhodach.

“’S aithne dhomh fàth do thurais,” thuirt am bodach. “Tha thu air tòir do leannain, nighean an Rìgh, ann an Rìoghachd na Fuarachd. Cuiridh tu seachad an oidhche a-nochd cuide rium agus cha mhiste do thuras a-màireach e.”

An làrna-mhàireach, nuair a bha an saighdear a’ dèanamh deiseil airson falbh, thuirt am bodach ris, “’S e mo bhràthair as fheàrr a chuireas air do thuras thu. Tha e aig astar latha is bliadhna às a seo. Ach bheir mise dhut ceirsle snàtha. Caith romhad i agus bheir i ann thu.”

Dh’fhalbh an saighdear air an rathad. Bha e a’ caitheamh na ceirsle snàtha roimhe agus ga tharraing a-rithist. Aig ciaradh an fheasgair, ràinig e bothan. Bha bodach liath ann. Bha e a’ cìreadh fheusaig le sguab droighinn.

“Nach garbh a’ chìr a th’ agad!” thuirt an saighdear.

“Chan eil nas mìne agam,” fhreagair am bodach.

“Cha chreid mi nach eil nas fheàrr na sin agamsa,” thuirt an saighdear. Agus thug e a’ chìr-eich mu dheireadh aige don bhodach.

“’S math as aithne dhomh fàth do thurais,” thuirt am bodach. “Tha thu a’ dol do Rìoghachd na Fuarachd air tòir nighean an Rìgh. Cuiridh tu seachad an oidhche a-nochd còmhla riumsa. Cha mhiste do ghnothach a-màireach e.”

An làrna-mhàireach, thuirt am bodach ris, “Tha astar seachd latha ’s seachd bliadhna agad ri dhèanamh às a seo. Ach bheir mi dhut lorg agus bheir i thu astar mìle ann am mionaid. ’S i an iolaire a bhios gad aiseag a-null do Rìoghachd na Fuarachd.”

Rinn e fead agus nochd a h-uile eun air sgèith os a chionn, ach an iolaire. Dh’iarr am bodach air an t-saighdear seasamh pìos bhuaithe oir dh’fheumadh e fead anabarrach mòr a dhèanamh airson an iolaire a tharraing thuige.

“Gheibh thu biadh airson na h-iolaire gus nach ith i thusa,” thuirt e. “Nuair a ruigeas tu Rìoghachd na Fuarachd, bidh agad ri famhair a mharbhadh.”

Rinn am bodach fead mhòr agus thàinig an iolaire. Thog i an saighdear agus chuir i air talamh tioram e ann an Rìoghachd na Fuarachd. Chunnaic an Rìgh an saighdear aig a’ chaisteal agus bha e a’ dol ga leigeil a-steach. Ach bha an saighdear ag iarraidh am famhair a mharbhadh an toiseach. Agus mharbh e e le faobhar fuar a chlaidheimh. Chunnaic an nighean e agus ghlaodh i ri a h-athair, “O athair, sin an saighdear a shàbhail mi bho na h-Amhaisgean.”

Rinneadh banais mhòr aighearach a mhair seachd latha is seachd bliadhna. Agus dh’fhuirich an saighdear gu sona ann an Rìoghachd na Fuarachd gu deireadh a bheatha.

Litir 643 Litir 643 Litir 645 Litir 645

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!