Anns a’ phuing-ghràmair anns an Litir mu dheireadh, thug sinn sùil air an abairt “is coireach”. Anns an ochdamh linn deug, nuair a bha e anns a’ chùirt fo
chasaid de mhurt, chleachd Seumas Stiùbhart, neo Seumas a’ Ghlinne, mar as fheàrr a dh’aithnichear e, an abairt sin. “Cò air bith is coireach,” thuirt e,
“is mis’ an creanaiche.” ’S e creanaiche cuideigin a tha a’ fuiling ann an dòigh air choreigin. Bha Seumas a’ ciallachadh gur e cuideigin eile bu
choireach airson a’ mhuirt, ach gur e e fhèin a bhiodh ciontach a rèir na cùirte.
Tha e iongantach mar a tha deasbad ann fhathast mu dheidhinn ciont Sheumais Stiùbhairt. Tha mi a’ dèanamh dheth gur e is coireach airson sin gun do
chleachd an sgrìobhadair ainmeil, Raibeart Louis Stevenson, a’ chùis anns an nobhail aige, “Kidnapped”. Fàgaidh sinn an leabhar an darna taobh, ge-tà, is
bheir sinn sùil air na thachair, cho fad ’s is aithne dhuinn, ann am “Muirt Apainn” ann an seachd ceud deug, dà fhichead ’s a dhà dheug (1752).
Air a’ cheathramh latha deug dhen Chèitean, bha ceathrar a’ dol tro Choille an Leitir Mhòir ann an Apainn, ann an Earra-Ghaidheal. Chualas urchair-ghunna
agus thuit fear far an eich a bha e a’ marcachd, agus dà pheilear na dhruim. B’ esan Cailean Caimbeul à Gleann Iubhair.
Bha an Caimbeulach ag obair don riaghaltas mar bhàillidh air na h-oighreachdan a chaidh a ghabhail thairis an dèidh Blàr Chùil Lodair, air sgàth ’s gun tug
na cinn-chinnidh taic do Theàrlach Og Stiùbhart. Am measg nan oighreachdan sin, bha Ard Seile ann an Apainn, a bha le Stiùbhartach eile (nach robh
càirdeach don Phrionnsa). An dèidh Blàr Chùil Lodair, theich an ceann-cinnidh don Fhraing agus chaill e a chuid fearainn.
Sia bliadhna as dèidh sin, ’s e Cailean Caimbeul à Gleann Iubhair a bha a’ riaghladh na h-oighreachd, as leth an riaghaltais. Ach bha muinntir an àite gu
math mì-thoilichte. Bha an Caimbeulach a’ feuchainn ri cuid aca fhuadachadh bhon dachannan. Agus bha nàimhdeas air a bhith ann eadar na Stiùbhartaich agus
na Caimbeulaich airson uine mhòir co-dhiù.
Chan eil fios le cinnt cò mhuirt Cailean Caimbeul, ach bha amharas ann gur e Stiùbhartach eile, Ailean Breac, a bu choireach. Bha Ailean na shaighdear aig
an riaghaltas, ach chaidh e thairis do dh’arm nan Seumasach, agus theich e don Fhraing an dèidh Blàr Chùil Lodair. Thill e a dh’Alba bho àm gu àm, ge-tà,
ann an dìomhaireachd, agus tha e coltach gu robh e ann an Earra-Ghaidheal aig àm a’ mhuirt.
Cha d’ fhuair an riaghaltas greim air, ach bha iad airson cuideigin a pheanasachadh. Chuir iad casaidean as leth lethbhràthair a’ chinn-chinnidh, Seumas
Stiùbhart, Seumas a’ Ghlinne, gu robh esan an sàs anns a’ mhurt còmhla ri Ailean Breac. Mu dheireadh, nochd e anns a’ chùirt ann an … càite? Càite, ach
Inbhir Aora, prìomh bhaile nan Caimbeulach!
’S e Caimbeulach a bh’ anns an àrd-bhritheamh, agus bha Caimbeulaich anns a’ mhòr-chuid anns an diùraidh. Chan eil e na iongnadh, ma-thà, gun d’ fhuair a’
chùirt ciontach e. Chaidh Seumas a chrochadh air croich ann am Bail’ a’ Chaolais, agus chaidh a chnàmhan fhàgail ann a sin, air an cumail ri chèile le
ueir, airson bliadhnaichean, mar rabhadh do mhuinntir an àite.
Shaoileadh tu, nuair a bha e air ais anns an Fhraing, gu robh Ailean Breac air aideachadh don mhurt, ach cha do dh’aidich. Cò, ma-thà, a mhuirt Cailean
Caimbeul? ’S dòcha nach bi fios againn air a sin a-chaoidh.