Dè a’ Ghàidhlig a th’ agaibh airson “lunch”? Ceist dhoirbh, nach e? Chan eil aon fhacal ann a chleachdas a h-uile duine. Chithear tric am facal “ lòn”, gu h-àraidh aig co-labhairtean Gàidhlig. ’S e fìor sheann fhacal Gàidhlig a th’ ann agus, ann am faclair Dwelly, mar eisimpleir, thathar ag
innse dhuinn gur e sin a bh’ aig na Gaidheil o shean airson a’ bhìdh a dh’itheadh iad dìreach aon trup sa latha. Agus seallaibh air na faclan bracaist, dìnnear is suipear. Thàinig iad uile bhon Bheurla air sgàth ’s nach robh a leithid aig na Gaidheil o shean ann.
Ach ’s e an duilgheadas a th’ ann le lòn, gu bheil e cuideachd a’ ciallachadh biadh anns an fharsaingeachd agus, mar a chanar ann am Beurla, diet. Ma chluinneas sibh lòn, chan urrainn dhuibh a bhith cinnteach gu bheil e a’ ciallachadh biadh rudeigin aotrom timcheall meadhan
latha mar a bhios lunch a’ ciallachadh, mar is trice.
Mura h-e rud uabhasach sean a th’ anns an dìnnear air a’ Ghaidhealtachd, tha an lunch fada nas òige. Nuair a thàinig dinner a-steach don
Ghàidhlig mar dìnnear bha e a’ ciallachadh, mar bu trice, a’ bhìdh a ghabhadh daoine timcheall meadhan latha. B’ e sin àm dinnearach neotràth dìnnearach. Agus ’s e sin, gu dearbh, a tha e a’ ciallachadh fhathast do mhòran de sheann daoine air a’ Ghaidhealtachd. Canaidh iad teatha ris a’ bhiadh a ghabhas iad mu chòig uairean feasgar.
Ach tha an saoghal air atharrachadh. An latha an-diugh, tha a’ chuid mhòr a’ gabhail biadh mòr feasgar, as dèidh dhaibh tighinn dhachaigh airson na
h-oidhche. Nach e sin an dìnnear? Ann am meadhan an latha, chan eil iad a’ gabhail ach ceapaire neo rola neo rudeigin aotrom. An lunch.
Bha an gnothach seo a’ cuairteachadh nam cheann nuair a fhuair mi lorg air leabhran beag o chionn ghoirid anns an taigh agam, leabhran a bh’ aig m’ athair
airson ùine mhòir, agus nach fhaca mi airson bliadhnaichean. Eistibh ris an tiotal agus tuigidh sibh nach deach fhoillseachadh an-dè: The Tourist’s Handbook of Gaelic and English Phrases: with pronunciation. Nuair a chaidh a sgrìobhadh, bha mòran air a’ Ghaidhealtachd aig nach
robh Beurla choilionta. Uill, tha mòran an-diugh, gu mì-fhortanach, aig nach eil Gàidhlig choilionta.
Chaidh an iris agam fhìn a chur an clò ann an naoi ceud deug, is naoi ar fhichead (1929), ach tha mi a’ smaoineachadh gun deach an leabhran fhoillseachadh
an toiseach leth-cheud bliadhna roimhe sin, ann an ochd ceud deug, trì fichead ’s a naoi-deug (1879). Tha earrann ann air a bheil “ Luncheon on the Hill.” Bha e air a bhith feumail do na h-uaislean airson bruidhinn ris an fheadhainn a bha gan cuideachadh nuair a bha iad a’
sealg anns a’ mhonadh.
Tha abairtean feumail ann mar “come hither” – trobhad seo – agus “we will have a rest” – gabhaidh sinn anail. Ach làigh
mo shùil air an abairt seo: “we will have luncheon” – gabhaidh sinn ar greim-nòin. Uill, ’s toigh leam e. Tha e gu math nàdarrach, leis
gum bi daoine tric a’ cleachdadh “greim” airson biadh nach eil ro mhòr. Canaidh sinn rudan mar “an gabh thu greim?” nuair a tha sinn a’ tabhann biadh do
chuideigin. Agus ’s dòcha gum bi cuimhn’ agaibh air an fhacal nòin, a tha car coltach ri noon ann am Beurla. Thug sinn sùil air ann an
Litir dà fhichead ’s a còig (45) anns a’ Mhàrt.
Agus cò sgrìobh an leabhran beag seo? Uill, sàr-bhana-bhàrd a bha uaireigin gu math ainmeil am measg nan Gàidheal – Màiri NicEalair. Bheir sinn sùil air a
beatha an ath sheachdain.