FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Na Ceiltich (4)

Anns an treas linn an dèidh Chrìosda, bha crìonadh mòr eacanomaigeach anns a’ Ghaill.

Audio is playing in pop-over.

Na Ceiltich (4)

Anns an treas linn an dèidh Chrìosda, bha crìonadh mòr eacanomaigeach anns a’ Ghaill. Ann an Armorica, anns an fhìor iar-thuath dhen mhòr-thìr, chrìonaich an sluagh an cois a’ chrìonaidh eacanomaigich. An ceann greis, ghluais feadhainn ùra a-steach, a’ gabhail a’ chothruim air an fhearann a bha saor. ʼS ann à Breatainn a bha iad. Agus ʼs e sin as coireach gun can sinn A’ Bhreatainn Bheag ris an dùthaich sin an-diugh. Tha fios agaibh fhèin far a bheil A’ Bhreatainn Mhòr!

Tha cuid de sgoilearan dhen bheachd gun robh an seann chànan Ceilteach fhathast beò ann an Armorica nuair a thàinig na daoine ùra a-steach. ʼS e Ceiltich a bh’ anntasan cuideachd. Às an dà chànan, a bha dlùth ri chèile, dh’èirich a’ Bhreatannais, a th’ air a bruidhinn le feadhainn fhathast anns a’ Bhreatainn Bhig.

Chan eil e uile-gu-lèir soilleir carson a ghluais daoine à Breatainn gu ruige Armorica. Sgrìobh fear Cuimreach anns an dàrna linn deug gun tug ceannard Breatannach, Conan Meriadec, sluagh leis aig deireadh a’ cheathramh linn. Agus gun robh e a’ leantainn stiùireadh ceannard nan Ròmanach ann am Breatainn – Magnus Maximus.

Tha dùil an uair sin gun do ghluais barrachd Bhreatannach gu ruige a’ Bhreatainn Bheag anns a’ chòigeamh agus siathamh linn. Timcheall na bliadhna ochd ceud (800) b’ e Seann Bhreatannais cànan nan daoine eadar Brest is Rennes, ach a-mhàin gun robh sgìre faisg air Kemper far an robh Seann Fhraingis aca.

An dèidh dhaibh an neo-eisimeileachd a ghleidheadh an aghaidh nam Frangach agus nan Lochlannach, thug Rìgh na Breatainne Bige ùmhlachd do Rìgh na Frainge anns an deicheamh linn. Bha a’ Bhreatainn Bheag a-nise na diùcachd, seach na rìoghachd. Thugadh an diùcachd a-steach don Fhraing gu h-oifigeil anns an t-siathamh linn deug.

Tro thìde chaill a’ Bhreatainn Bheag a h-eaglais neo-eisimeileach agus a pàrlamaid. Thàinig i fo bhuaidh chultarail na Frainge agus an dèidh Ar-a-mach na Frainge, dh’fhuiling a cànan claon-bhàidh. Ach tha fèin-aithne làidir aig muinntir na Breatainne Bige chun an latha an-diugh.

Chan e eilthireachd aon-rathaideach a bh’ ann eadar Breatainn agus a’ mhòr-thìr, ge-tà. Tha aithrisean ann mu Ghaill – an dà chuid à Gallia Celtica agus Gallia Belgica – a chaidh a dh’fhuireach ann am Breatainn ri linn nan Ròmanach. Ach chan eil sgoilearan dhen bheachd gun robh gluasad mòr ann de shluagh eadar mòr-thìr na h-Eòrpa agus Breatainn. Agus, aig an ìre seo, chan eil sinn cinnteach cuin a thàinig na cànanan Ceilteach a Bhreatainn no ciamar.

Ann an ceann a deas Bhreatainn, far a bheil Sasainn an-diugh, thug na Ròmanaich buaidh mhòr air an t-sluagh. Thàinig riaghladh na Ròimhe gu crìch anns a’ bhliadhna ceithir cheud ʼs a deich (410). Goirid an dèidh sin, thòisich treubhan Gearmailteach air a dhol a Bhreatainn. B’ iad an fheadhainn a bu chumhachdaiche dhiubh na h-Anglaich agus na Sagsannaich.

Anns a’ bhliadhna sia ceud, bha dìreach ceithir sgìrean ann am Breatainn far an robh cultar is cànan nam Breatannach làidir. B’ iad sin Srath Chluaidh, Rheged, far a bheil Cumbria an-diugh, A’ Chuimrigh agus A’ Chòrn. Ceud bliadhna an dèidh sin, bha Rheged air a dhol a-steach a Shasainn. Bheir sinn sùil air na Breatannaich agus an sliochd an-ath-sheachdain.

Litir 972 Litir 972 Litir 974 Litir 974

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!