Bha mi ag innse dhuibh mun t-seann rìoghachd Cheiltich – Rheged. B’ e Urien
an rìgh ann aig deireadh an t-siathamh linn. Airson greis dh’obraich e
fhèin agus rìghrean Breatannach eile còmhla an aghaidh nan Anglach ann am
Bernicia. Cha mhòr nach do rinn iad a’ chùis air na Berniciaich. Ach bha
Urien air a mharbhadh le Ceilteach eile a bha dhen bheachd gun robh e a’
fàs ro chumhachdach.
Bha mac Urien, Owain map Urien, beò direach beagan bhliadhnaichean mus robh
esan air a mharbhadh cuideachd, agus le Ceilteach eile. Tha seann
làmh-sgrìobhainnean Cuimreach ag innse dhuinn mu oidhirp a rinn na
Breatannaich air buaidh a thoirt air na h-Anglaich ann an Catterick (a th’
ann an Siorrachd Iorc an-diugh). Ach chaill iad. Anns an t-seachdamh linn,
chaidh Rheged à bith mar rìoghachd Cheilteach. Chaidh a gabhail thairis le
Northumbria an dèidh pòsadh eadar Prionnsa Northumbrianach agus
bana-phrionnsa à Rheged.
Chan eil sin a’ ciallachadh gun do dh’fhalbh an cànan sa mhionaid. Thathar
a’ dèanamh dheth gun robh an t-Seann Bhreatannais air a bruidhinn san sgìre
airson greis mhòr an dèidh sin. Bha, agus ann an ceann a deas na h-Alba.
Bidh na Cuimrich a’ bruidhinn mun Hen Ogledd – an seann cheann a
tuath – an sgìre anns an robh an t-Seann Bhreatannais ga bruidhinn. Bha an
cànan beò gu timcheall an dàrna linn deug.
Ach dè thachair do na rìoghachdan Breatannach ann an ceann a deas na
h-Alba? Thàinig Lodainn – no Lobhdaidh – fo bhuaidh nan Anglach anns an t-siathamh linn. Ach lean
Srath Chluaidh mar rìoghachd Bhreatannach airson ùine às dèidh sin. Bha
prìomh àros nam Breatannach ann an Srath Chluaidh aig Dùn Breatann.
Aig deireadh an naoidheamh linn, chuir na Lochlannaich Dùn Breatann fo
shèist. Fad ceithir mìosan bha na Breatannaich beò anns an daingneach aca –
mus do thiormaich an tobar. Ghèill iad agus thug na Lochlannaich na ceudan
dhaoine air falbh a dh’Èirinn.
Bha na Gàidheil agus Cruithnich – a bha a-nise aonaichte mar Albannaich –
a’ toirt buaidh air Srath Chluaidh mun aon àm. An fheadhainn nach robh
deònach gabhail ri uachdranas nan Albannach, dh’fhalbh iad a dh’fhuireach
ann an Gwynedd ann an ceann a tuath na Cuimrigh. Tha cuid dhen bheachd gun
deach an rìgh Breatannach mu dheireadh aig Srath Chluaidh – Owain Maol – a
mharbhadh aig Blàr Charham anns na Crìochan anns a’ bhliadhna mìle ʼs
ochd-deug (1018). Bha e a’ sabaid às leth Alba an aghaidh Sasannaich
Northumbria.
Mean air mhean, bha na P-Ceiltich a’ dol à fianais ann am Breatainn. Bha
dìreach dà àite far an robh iad fhathast làidir – a’ Chòrn agus a’
Chuimrigh. Tro na meadhan-aoisean bha muinntir na Cùirn gu math Ceilteach.
Thathar a’ smaoineachadh gun robh suas ri dà fhichead mìle duine ann aig an
robh Còrnais mar chànan.
Ged a bha a’ Chòrn fo smachd Shasainn, lean an cànan ʼs an cultar, agus bha
ceanglaichean làidir eadar an dùthaich agus a’ Bhreatainn Bheag. Bha a’
Bhreatannais agus Còrnais an ìre mhath co-ionann aig an àm sin. An uair sin
thàinig na Tudoraich gu rìgh-chathair Shasainn. A dh’aindeoin ʼs gun robh
am freumhaichean anns a’ Chuimrigh, cha robh iad bàigheil ris na Còrnaich.
Bha dà ar-a-mach anns a’ Chòrn thairis air na bliadhnaichean an dèidh sin –
co-cheangailte ri cìsean agus cànan – mar a chì sinn an-ath-sheachdain.