FaclairDictionary EnglishGàidhlig

134: Boban Saor 134: Boban Saor

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Boban Saor

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh, thug mi earrann dhuibh de stòiridh. Tha an stòiridh à Miughalaigh. ’S e an t-ainm a tha air an stòiridh Boban Saor. Uill, tha an aon stòiridh – an ìre mhath co-dhiù – a’ nochdadh ann an Canada. Tha e anns an leabhar Tales until Dawn – Sgeul gu Latha leis an sgoilear Ghàidhlig, Iain Seathach. Fhuair Iain tòrr sgeulachdan is naidheachdan bho Eòs MacNìll ann an Ceap Breatainn. Agus tha an stòiridh seo aige mu Bhoban Saor ann an Sgeul gu Latha.

Latha a bha seo, thuirt Boban Saor ri a mhac gun robh iad a’ dol air thuras. Dh’fhaighnich a mhac dheth càite an robh iad a’ dol. Thuirt Boban Saor gun robh iad a’ dol a dh’fhalbh gus an ruigeadh iad an t-àite anns an robh an t-uisge a’ ruith an aghaidh a’ bhruthaich. Tha sin a’ ciallachadh “until they reached the place where the water was running against the slope ie uphill”. Gus an ruigeadh iad an t-àite anns an robh an t-uisge a’ ruith an aghaidh a’ bhruthaich.

Bha iad a’ marcachd. Bha dìreach aon each aca. Chaidh iad pìos agus thàinig iad gu allt. Bha am fear òg a’ coimhead airson àite anns an robh an t-uisge a’ ruith an aghaidh a’ bhruthaich.

Dh’iarr Boban Saor air a’ ghille e thighinn air làr. Leig iad leis an each a dhol sìos a ghabhail deoch anns an allt. Bha an gille na sheasamh, a’ coimhead air an each. Thuirt e ri athair, “Faodaidh sinn tilleadh.”

“Carson a dh’fhaodas sinn tilleadh?” thuirt athair.

“O,” ars’ am fear òg, “ràinig sinn an t-àite anns a bheil an t-uisge a’ ruith an aghaidh a’ bhruthaich. Seall mar a tha an t-uisge a’ dol suas ann an amhaich an eich.”

“Tha sin fìor” arsa Boban Saor. Thuig e gun robh an gille gu math seòlta.

Dè an stòiridh as fheàrr leibh, eadar Miughalaigh is Ceap Breatainn? Ann am fear Mhiughalaigh, bha an gille mì-fhortanach. Anns an stòiridh à Ceap Breatainn, tha e glic. Tha Boban Saor a’ nochdadh ann an grunn stòiridhean Gàidhlig, ann an Alba agus ann an Canada. Innsidh mi stòiridh eile dhuibh an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean: thug mi earrann dhuibh de stòiridh: I gave you part of a story; à Miughalaigh: from Mingulay; an aon stòiridh – an ìre mhath co-dhiù:the same story – pretty much, anyway; Iain Seathach: John Shaw; tòrr sgeulachdan is naidheachdan bho Eòs MacNìll ann an Ceap Breatainn: many stories and anecdotes from Joe (Neil) MacNeil in Cape Breton; thuirt Boban Saor ri a mhac: Boban Saor said to his son; a’ dol air thuras: going on a journey; gus an ruigeadh iad an t-àite: until they reached the place; anns an robh an t-uisge a’ ruith an aghaidh a’ bhruthaich: in which the water was running uphill; a’ marcachd: riding a horse; chaidh iad pìos: they went a distance; thàinig iad gu allt: they came to a burn; dh’iarr Boban Saor air a’ ghille e thighinn air làr: Boban Saor asked the lad to dismount; leig iad leis an each a dhol sìos a ghabhail deoch: they let the horse go down to get a drink; na sheasamh, a’ coimhead air an each: standing, watching the horse; faodaidh sinn tilleadh: we can return; carson a dh’fhaodas sinn tilleadh?: why can we return?; mar a tha an t-uisge a’ dol suas ann an amhaich an eich: how the water is going up in the horse’s neck; fìor: true; thuig e gun robh an gille gu math seòlta: he realised the lad was very clever; dè an stòiridh as fheàrr leibh?: what story do you prefer?; mì-fhortanach: unfortunate; glic: wise.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 438

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile