FaclairDictionary EnglishGàidhlig

People of Mingulay Muinntir Mhiughalaigh

Thàinig leabhar a-mach o chionn ghoirid. Tha e mu dheidhinn

Audio is playing in pop-over.

Muinntir Mhiughalaigh

Thàinig leabhar a-mach o chionn ghoirid. Tha e mu dheidhinn eilean. Chan eil duine a’ fuireach anns an eilean an-diugh. ’S e an t-eilean – Miughalaigh. Tha e deas air Barraigh. ’S e an t-ainm air an leabhar Muinntir Mhiughalaigh. Chuir Lisa Storey an leabhar ri chèile. Bha athair Lisa à Miughalaigh.

Seo earrann de stòiridh às an leabhar. ’S e an t-ainm a tha air – Boban Saor. ’S e sin ainm duine....

Bha fear ann ris an canadh iad Boban Saor. Bha triùir mhac aige. Bha a’ bhean aige tinn. Bha i faisg air a’ bhàs. Thuirt i ri Boban Saor nach ann leis-san a bha fear de na mic. Ach cha tuirt i cò fear. Chaochail i.

Thuirt Boban ris fhèin, “Gheibh mi a-mach cò am fear nach eil leam fhìn. Cuiridh mi bhuam e.”

Latha a bha seo, thug e a-mach trì eich. Thug e each an t-aon do na gillean. Thuirt e riutha, “Thallaibh is thoiribh deoch dha na h-eich. Na toiribh dhaibh boinne ach far a bheil sruth an aghaidh àird.” Tha sin a’ ciallachadh “Don’t give them a drop except where the water is running uphill.” Na toiribh dhaibh boinne ach far a bheil sruth an aghaidh àird.

Dh’fhalbh dithis de na mic. Chrom na h-eich aca airson òl. Leig na gillean leotha. Dh’fhalbh an treas fear. Bha e a’ siubhal gach àite. Bha e a’ coimhead airson àite far an robh sruth an aghaidh àird.

Thill an dithis dhachaigh. Thuirt Boban Saor riutha, “An tug sibh deoch dha na h-eich?”

“Thug,” fhreagair iad.

“An ann far an robh sruth an aghaidh àird?” dh’fhaighnich Boban Saor.

“’S ann,” fhreagair na gillean, “Bha sruth an aghaidh àird nuair a bha iad a’ sluigeadh an uisge.”

Thill an gille eile. Cha tug e deoch don each aige. Cha d’ fhuair e lorg air àite far an robh sruth an aghaidh àird. “An tug thu deoch dhan each?” dh’fhaighnich Boban Saor.

“Cha tug,” ars esan, “Cha d’ fhuair mi sruth an aghaidh àird.”

“O cha d’ fhuair,” thuirt Boban, “Ma-tà, faodaidh tu falbh às an seo.” Uill, bha sin cruaidh. Ach chuir Boban Saor an gille air falbh. An ath-sheachdain cluinnidh sinn an aon stòiridh, an ìre mhath. Ach bidh e a’ tighinn thugainn bho àite a tha na mìltean mhìltean air falbh bho Mhiughalaigh.

An Litir Bheag 132 An Litir Bheag 132 An Litir Bheag 134 An Litir Bheag 134

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!