FaclairDictionary EnglishGàidhlig

891: The Ship That Went to America (2) 891: An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh (2)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi ag aithris na sgeulachd ‘An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh’. Cha robh an cupall an dùil clann a bhith aca. Ach rugadh leanabh-gille dhaibh. Chuir iad ‘Iain’ air mar ainm.

Bha seachd bliadhna air a dhol seachad on a thug an duine an gealltanas don bhodach. Thuirt e ri a bhean, ‘Tha mi a’ falbh a thoirt a’ bhalaich seachad. ʼS e sin a gheall mi airson na tubhailt.’ Bidh cuimhne agaibh gun d’ fhuair an duine tubhailt dhraoidheil bhon bhodach.

Thòisich a bhean air caoineadh. ‘Feumaidh mi a dhèanamh,’ thuirt an duine. Dh’fhalbh e fhèin ʼs am balachan. An ceann ùine ràinig iad am bothan aig bonn na beinne. Bha am bòrd ann fhathast, le botal fìona agus lof arain air.

Nochd am bodach. ‘Thàinig thu mar a gheall thu,’ thuirt e.

‘Thàinig,’ dh’aontaich am fear eile.

‘Dè an t-ainm baistidh a tha air a’ bhalachan?’ dh’fhaighnich am bodach.

‘Iain,’ thuirt athair.

‘Gum meal e ainm,’ ars am bodach. ‘A bheil sgoil aige?’

‘Bha mi fhìn a’ toirt sgoil dha,’ fhreagair am fear eile.

‘Bheir mise deagh sgoil dha,’ ars am bodach. ‘Nì mi duine fortanach dheth.’

Dh’fhàs am balachan na ghille mòr, gasta. Bha e còrr is fichead bliadhna còmhla ris a’ bhodach. Fhuair e deagh sgoil bhuaithe. Latha a bha seo, dh’iarr am bodach air a dhol còmhla ris gu mullach na beinne. Dh’iarr am bodach air srian, a bha os cionn an dorais, a thoirt leis.

Ràinig iad mullach na beinne. ‘Crath an t-srian rium,’ ars am bodach. ‘Bidh mi a’ tionndadh nam each. Leum air mo mhuin an uair sin.’

Rinn Iain sin. Dh’fhalbh an t-each. Ràinig iad loch. Thuirt an t-each ri Iain, ‘Thalla suas gu uamh an sin. Gheibh thu trì famhairean nan sìneadh. Tha iad a’ dol bàs leis an acras. Seall a-steach nam chluais.’

Thug Iain sùil na chluais. Chunnaic e botal fìona agus trì lofan arain. ‘Thoir lof an duine do na famhairean,’ ars an t-each, ‘agus roinn am botal eatarra.’

Rinn Iain sin. Bha na famhairean toilichte. ‘Bidh cuimhne againn air seo,’ thuirt iad. Agus leanaidh an sgeul an-ath-sheachdain.

The Ship That Went to America (2)

English Beurla

I am telling the story ‘The Ship That Went to America’. The couple did not expect to have children. But a boy child was born to them. They called him ‘Iain’.

Seven years had gone past since the man gave the promise to the old man. He said to his wife, ‘I’m going in order to give the boy away. That’s what I promised for the tablecloth.’ You’ll remember that the man got the magic tablecloth from the old man.

His wife started to weep. ‘I must do it,’ said the man. He and the boy left. After a while they reached the hut at the base of the mountain. The table was still there, with a bottle of wine and a loaf of bread on it.

The old man appeared. ‘You came as you promised,’ he said.

‘Yes,’ agreed the other man.

‘What’s the boy’s given name?’ asked the old man.

‘Iain,’ said his father.

‘May he enjoy his name,’ said the old man. ‘Has he [had] an education?’

‘I was educating him myself,’ replied the other man.

‘I’ll give him a good education,’ said the old man. ‘I’ll make a lucky man of him.’

The boy grew into a fine big lad. He was more than twenty years with the old man. He got a good education from him. One day, the old man asked him to accompany him to the top of the mountain. The old man asked him to take a bridle, that was above the door, with him.

They reached the top of the mountain. ‘Shake the bridle for [in front of] me. ‘I’ll turn into a horse. Jump on my back then.’

Iain did that. The horse left. They reached a loch. The horse said to Iain, ‘Go up to a cave there. You’ll find three giants lying down. They are dying of hunger. Look into my ear.’

Iain looked in his ear. He saw a bottle of wine and three loaves of bread. ‘Give a loaf to each of the giants,’ said the horse, ‘and share the bottle out between them.’

Iain did that. The giants were pleased. ‘We’ll remember this,’ they said. And the story will continue next week.

An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh (2)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi ag aithris na sgeulachd ‘An Long a Chaidh a dh’Ameireagaidh’. Cha robh an cupall an dùil clann a bhith aca. Ach rugadh leanabh-gille dhaibh. Chuir iad ‘Iain’ air mar ainm.

Bha seachd bliadhna air a dhol seachad on a thug an duine an gealltanas don bhodach. Thuirt e ri a bhean, ‘Tha mi a’ falbh a thoirt a’ bhalaich seachad. ʼS e sin a gheall mi airson na tubhailt.’ Bidh cuimhne agaibh gun d’ fhuair an duine tubhailt dhraoidheil bhon bhodach.

Thòisich a bhean air caoineadh. ‘Feumaidh mi a dhèanamh,’ thuirt an duine. Dh’fhalbh e fhèin ʼs am balachan. An ceann ùine ràinig iad am bothan aig bonn na beinne. Bha am bòrd ann fhathast, le botal fìona agus lof arain air.

Nochd am bodach. ‘Thàinig thu mar a gheall thu,’ thuirt e.

‘Thàinig,’ dh’aontaich am fear eile.

‘Dè an t-ainm baistidh a tha air a’ bhalachan?’ dh’fhaighnich am bodach.

‘Iain,’ thuirt athair.

‘Gum meal e ainm,’ ars am bodach. ‘A bheil sgoil aige?’

‘Bha mi fhìn a’ toirt sgoil dha,’ fhreagair am fear eile.

‘Bheir mise deagh sgoil dha,’ ars am bodach. ‘Nì mi duine fortanach dheth.’

Dh’fhàs am balachan na ghille mòr, gasta. Bha e còrr is fichead bliadhna còmhla ris a’ bhodach. Fhuair e deagh sgoil bhuaithe. Latha a bha seo, dh’iarr am bodach air a dhol còmhla ris gu mullach na beinne. Dh’iarr am bodach air srian, a bha os cionn an dorais, a thoirt leis.

Ràinig iad mullach na beinne. ‘Crath an t-srian rium,’ ars am bodach. ‘Bidh mi a’ tionndadh nam each. Leum air mo mhuin an uair sin.’

Rinn Iain sin. Dh’fhalbh an t-each. Ràinig iad loch. Thuirt an t-each ri Iain, ‘Thalla suas gu uamh an sin. Gheibh thu trì famhairean nan sìneadh. Tha iad a’ dol bàs leis an acras. Seall a-steach nam chluais.’

Thug Iain sùil na chluais. Chunnaic e botal fìona agus trì lofan arain. ‘Thoir lof an duine do na famhairean,’ ars an t-each, ‘agus roinn am botal eatarra.’

Rinn Iain sin. Bha na famhairean toilichte. ‘Bidh cuimhne againn air seo,’ thuirt iad. Agus leanaidh an sgeul an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1195

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile