FaclairDictionary EnglishGàidhlig

132: Johann von Lamont 132: Johann von Lamont

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Johann von Lamont

Gaelic Gàidhlig

Bha Johann von Lamont – no John Lamont – ainmeil mar reuladair. Bha e cuideachd ainmeil mar eòlaiche air iùil-tharraing. Chruthaich e uidheamachd airson iùil-tharraing a thomhas. Rinn e obair mhòr air iùil-tharraing na Talmhainn. Rinn e rannsachadh air mar a ghluaiseas snàthad iùil-tharraingeach fo bhuaidh na gealaich. Bha e gu math ainmeil ann an saoghal saidheans – air feadh an t-saoghail.

Chaidh an reuladair, an t-Iarla Crawford, a chèilidh air von Lamont. Bhruidhinn e ris ann an Gearmailtis. Ghabh e iongnadh nuair a fhreagair von Lamont ann am Beurla, le blas Albannach.

Airson còrr is leth-cheud bliadhna, bha von Lamont a’ fuireach leis fhèin ann am baile beag faisg air Munich. Chaochail e an sin ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a naoi (1879). Bha airgead mòr aige sa bhanca. Cha do phòs e. Cha robh clann aige. Mar sin, thug e an t-airgead do dh’Oilthigh Mhunich. Bha sin mar thaic-airgid do dh’oileanaich.

Bha iomradh air a bhàs anns na pàipearan-naidheachd anns a’ Ghearmailt. Leugh Bana-phrionnsa na Gearmailt iomradh air. B’ ise nighean Banrigh Bhictoria. Sgrìobh i gu a màthair. Bha i ag iarraidh oirre faighinn a-mach an robh càirdean aig von Lamont fhathast beò ann am Bràigh Mhàrr.

Bha fear à Bràigh Mhàrr ag obair don Bhanrigh ann am Windsor. Dh’iarr Bhictoria air rannsachadh a dhèanamh. Rinn e sin. Fhuair e a-mach gun robh nighean agus oghaichean aig leth-phiuthar von Lamont fhathast beò.

Chaidh carragh-cuimhne do von Lamont a chur suas. Bha sin ann an Inbhir Èidh. Chaidh an carragh a chur suas ann an naoi ceud deug, trithead ’s a ceithir (1934).

Ach tha von Lamont air a chuimhneachadh ann an àite eile. Tha an t-àite sin fada air falbh. Tha e air a’ ghealaich! Tha toll air uachdar na gealaich air a bheil an t-ainm “Lamont”. Tha sin air Muir a’ Chiùineis – faisg air far an tàinig Apollo 11 gu tìr, leis na ciad daoine riamh a choisich air a’ ghealaich.

Faclan is abairtean: ainmeil mar reuladair: famous as an astronomer; eòlaiche air iùil-tharraing: an expert on magnetism; chruthaich e uidheamachd airson iùil-tharraing a thomhas: he created equipment to measure magnetism; na Talmhainn: of the Earth; rinn e rannsachadh air:he did research on; mar a ghluaiseas snàthad iùil-tharraingeach: how a magnetic needle moves; fo bhuaidh na gealaich:under the influence of the moon; chaidh X a chèilidh air Y: X went to visit Y; bhruidhinn e ris ann an Gearmailtis: he spoke to him in German; ghabh e iongnadh nuair a fhreagair von Lamont ann am Beurla: he was surprised when von Lamont replied in English; còrr is leth-cheud bliadhna: more than fifty years; a’ fuireach leis fhèin: living by himself; chaochail e: he died; bha airgead mòr aige sa bhanca: he had a lot of money in the bank; cha robh clann aige: he had no children; mar thaic-airgid do dh’oileanaich: as financial assistance to students; iomradh air a bhàs:a report on his death; Bana-phrionnsa na Gearmailt: The [Crown] Princess of Germany; nighean Banrigh Bhictoria:a daughter of Queen Victoria; ag iarraidh oirre faighinn a-mach an robh càirdean aig von Lamont fhathast beò:wanting to find out if there were relatives of von Lamont still alive; Bràigh Mhàrr:Braemar (properly in Gaelic it is an area, the “upland of Mar” – the village itself is Baile a’ Chaisteil); carragh-cuimhne:memorial stone; Inbhir Èidh: Invereye; tha von Lamont air a chuimhneachadh ann an àite eile:von Lamont is remembered in another place; air a’ ghealaich: on the moon; toll air uachdar na gealaich:a crater on the surface of the moon; Muir a’ Chiùineis: The Sea of Tranquility; faisg air far an tàinig Apollo 11 gu tìr: close to where Apollo 11 came to land; na ciad daoine riamh a choisich air a’ ghealaich: the first people ever who walked on the moon.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 436

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile