FaclairDictionary EnglishGàidhlig

43: Athnamulloch  43: Ath nam Muileach

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ath nam Muileach

Gaelic Gàidhlig

’S e àite sìtheil a th’ ann an Ath nam Muileach. Tha e faisg air ceann an iar Loch Afraig. Tha sin ann an Gleann Afraig. Bha daoine a’ dol tarsainn Abhainn Afraig aig Ath nam Muileach anns an t-seann aimsir. Tha drochaid ann an-diugh.

Cha robh Ath nam Muileach idir sìtheil air an dàrna là dhen Dàmhair, seachd ceud deug, is aon air fhichead (1721). Air an là sin, bha sabaid ann. Chaidh aon duine a mharbhadh. Bha an t-sabaid co-cheangailte ri Cogaidhean nan Seumasach. Seo mar a thachair e.

Bha ar-a-mach Seumasach ann ann an seachd ceud deug is còig-deug (1715). An dèidh sin, ghabh an riaghaltas thairis oighreachdan aig cuid de na cinn-chinnidh. Am measg sin bha Iarla Shìophoirt, An Siosalach agus Granndach Ghleann Mhoireastain. Bha na trì oighreachdan sin fo smachd choimiseanairean. Bha na coimiseanairean a’ faighinn a’ mhàil. Bha iad a’ toirt a’ mhàil don riaghaltas.

Ach bha na seann bhàillidhean fhathast a’ faighinn màl bho na daoine. Bha na bàillidhean a’ cur an airgid gu na cinn-chinnidh. Bha na cinn-chinnidh a’ fuireach thall thairis. Bha eagal air na coimiseanairean dhol gu na glinn sin. Bha na daoine fhathast a’ toirt taic do na Seumasaich.

Thàinig feachd Spàinnteach gu tìr. Bha sin ann an seachd ceud deug is naoi-deug (1719) ann an Cinn Tàile. Rinn an t-arm dearg a’ chùis air na Spàinntich. Ach bha na daoine fhathast dìleas do na Seumasach. Bha am màl fhathast a’ dol do na seann chinn-chinnidh.

Ann an seachd ceud deug is aon air fhichead (1721), chaidh feachd a chur ri chèile. Bha saighdearan dearga ann. Bha iad a’ dol a thional a’ mhàil. Bha iad a’ dol a thoirt an airgid don riaghaltas.

Chaidh iad a dh’Inbhir Moireastan. Bha mòd aca. Ach cha d’ fhuair iad sgillinn ruadh bho na daoine. Chaidh iad gu Srath Ghlais. Thachair an aon rud. Rinn iad deiseil airson a dhol tro Ghleann Afraig. Bha iad a’ dol gu Cinn Tàile. Sin far an robh oighreachd nan Sìophortach.

Chuala bàillidh nan Sìophortach, Dòmhnall MacCalmain, dè bha a’ tachairt. Chuir Dòmhnall feachd ri chèile. Bha trì cheud duine ann. Bha iad a’ dol a chur stad air na saighdearan dearga.

Chaidh iad tro Ghleann Afraig. Choinnich an dà fheachd ri chèile aig Ath nam Muileach. Loisg iad air a chèile. Chaidh an gille aig fear de na coimiseanairean a mharbhadh. Sguir an t-sabaid. Dh’aontaich an dà fheachd tarraing air ais. Bha am batail seachad. Agus bha Ath nam Muileach sìtheil a-rithist.

Faclan is abairtean: ’S e àite sìtheil a th’ ann an Ath nam Muileach: Athnamulloch is a peaceful place; Gleann Afraig: Glen Affric; anns an t-seann aimsir: in olden times; air an dàrna là dhen Dàmhair: on 2 October; chaidh aon duine a mharbhadh: one man was killed; bha an t-sabaid co-cheangailte ri Cogaidhean nan Seumasach: the fight was connected to the Jacobite Wars; ar-a-mach: rebellion; ghabh an riaghaltas thairis oighreachdan: the government confiscated estates; cuid de na cinn-chinnidh: some of the clan chiefs; Iarla Shìophoirt, An Siosalach agus Granndach Ghleann Mhoireastain: the Earl of Seaforth, Chisholm and Grant of Glenmoriston; bha na coimiseanairean a’ faighinn a’ mhàil: the commissioners were getting the rent; bha na seann bhàillidhean fhathast a’ faighinn màl:the old factors were still getting rent; a’ cur an airgid gu na cinn-chinnidh: sending the money to the clan chiefs; thall thairis:overseas; bha eagal air na coimiseanairean dhol gu na glinn sin: the commissioners were afraid to go to those glens; feachd Spàinnteach:a Spanish force; Cinn Tàile: Kintail; rinn an t-arm dearg a’ chùis air na Spàinntich:the British (red) army defeated the Spaniards; dìleas do na Seumasach: loyal to the Jacobites; chaidh feachd a chur ri chèile:a force was assembled; saighdearan dearga: redcoat soldiers; bha iad a’ dol a thional a’ mhàil:they were going to collect the rent; Inbhir Moireastan: Invermoriston; mòd: assembly; cha d’ fhuair iad sgillinn ruadh: they didn’t get a [red] penny; Srath Ghlais: Strathglass; thachair an aon rud: the same thing happened; chuala bàillidh nan Sìophortach, Dòmhnall MacCalmain, dè bha a’ tachairt: the Seaforths’ factor, Donald Murchison, heard what was happening; choinnich an dà fheachd ri chèile: the two forces met each other; chaidh an gille aig fear de na coimiseanairean a mharbhadh: the son of one of the commissioners was killed; dh’aontaich X tarraing air ais: X agreed to retreat.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 347

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile