FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Boiling your bannocks Air do bhonnagan a ghaoil

Nochd iomadh leabhar math Gàidhlig an-uiridh. ’S e deagh bhliadhna

Audio is playing in pop-over.

Air do bhonnagan a ghaoil

Nochd iomadh leabhar math Gàidhlig an-uiridh. ’S e deagh bhliadhna a bh’ ann airson leabhraichean Gàidhlig. Am measg nan leabhraichean bha fear a tha làn rannan cloinne. Tha e math do chloinn agus do phàrantan. Agus do luchd-ionnsachaidh!

’S e an tiotal a th’ air “Air do bhonnagan a ghaoil”. Chaidh a chur ri chèile le Tormod Caimbeul. Tha Tormod à Nis ann an Leòdhas. Tha dà cheud gu leth duilleag ann. Agus tha dealbhan brèagha ann.

Tha cuid de rannan coltach ri rannan Beurla. Mar eisimpleir an rann Beurla:

Seagull, seagull, sit on the sand,

It’s never good weather when you’re on land

Agus seo ann an Gàidhlig:

Fhaoileag, fhaoileag, taobh an cuan,

Na faiceam thu air talamh cruaidh:

Air talamh cruaidh ma nì thu fois,

Bidh gaoth is dìle tighinn na chois.

Canaidh mi sin a-rithist:

Fhaoileag, fhaoileag, taobh an cuan,

Na faiceam thu air talamh cruaidh:

Air talamh cruaidh ma nì thu fois,

Bidh gaoth is dìle tighinn na chois.

A bheil sibh eòlach air “Four and Twenty Blackbirds” ann am Beurla? Uill, seo an dearbh rud ann an Gàidhlig. Chan e blackbirds a th’ ann an Gàidhlig, ach starlings – druidean:

Seinn port na sia sg’inn,

Mo phòcaid làn sìol-cur;

Ann am broinn a’ bhonnaich mhòir

Bha còrr is fichead druid;

Nuair dh’fhosgladh am bonnach suas

’S a sheinn na h-eòin le spìd,

Nach b’ e siud an truinnsear brèagh’,

Ga chur air beulaibh rìgh.

Bha ’n rìgh an taigh an ionmhais

A’ cunntadh suas nan sgillinn;

Bha bhanrigh anns a’ chùlaist

Ag ithe mìr is mil air;

Bha ’n t-searbhant anns a’ ghàrradh

Cur aodach air an ròp –

Nuas druid dhubh le sgreuch

Is spìon i dhith an t-sròn.

Seo an rann a-rithist, rud beag nas luaithe. Bhuamsa, an t-seachdain seo, beannachd leibh:

Seinn port na sia sg’inn,

Mo phòcaid làn sìol-cur;

Ann am broinn a’ bhonnaich mhòir

Bha còrr is fichead druid;

Nuair dh’fhosgladh am bonnach suas

’S a sheinn na h-eòin le spìd,

Nach b’ e siud an truinnsear brèagh’,

Ga chur air beulaibh rìgh.

Bha ’n rìgh an taigh an ionmhais

A’ cunntadh suas nan sgillinn;

Bha bhanrigh anns a’ chùlaist

Ag ithe mìr is mil air;

Bha ’n t-searbhant anns a’ ghàrradh

Cur aodach air an ròp –

Nuas druid dhubh le sgreuch

Is spìon i dhith an t-sròn.

An Litir Bheag 43 An Litir Bheag 43 An Litir Bheag 45 An Litir Bheag 45

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!