FaclairDictionary EnglishGàidhlig

940: Reverend William Shaw (1) 940: An t-Urr. Uilleam Seathach (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An t-Urr. Uilleam Seathach (1)

Gaelic Gàidhlig

An latha eile, bha mi a’ leughadh seann aithris on phàipear-naidheachd ainmeil, Tìm Lunnainn. Nochd e sa phàipear anns an Fhaoilleach seachd ceud deug, ochdad ʼs a sia (1786). Thog e m’ aire, a chionn ʼs gun robh e mu dheidhinn faclair Gàidhlig. Bha connspaid ann mu dheidhinn.

Bha am faclair air fhoillseachadh – ann an dà phàirt – sia bliadhna roimhe sin. B’ e fear de na ciad fhaclairean Gàidhlig. ʼS e an tiotal a tha air Leabhar a h-Aon dheth ‘A Galic and English Dictionary containing all the words in the SCOTCH and IRISH dialects of the CELTIC, that could be collected from the VOICE, and Old Books and MSS’. Tha Galic air a litreachadh ‘G-A-L-I-C.’

B’ e deasaiche an fhaclair an t-Urramach Uilleam Seathach. Rugadh e ann an Eilean Arainn ann an seachd ceud deug, ceathrad ʼs a naoi (1749). Bha e ann an Oilthigh Ghlaschu. An dèidh sin, chaidh e a Lunnainn. Bha e am measg buidheann de dhaoin-uaisle ann an Lunnainn aig an robh ùidh ann an litreachas. Am measg buill na buidhne, bha am faclairiche ainmeil, an t-Oll. Somhairle MacIain. Bidh sibh nas eòlaiche air mar Dr Samuel Johnson.

Chan e am faclair a’ chiad leabhar a sgrìobh Uilleam Seathach. Sgrìobh e cuideachd ‘An Analysis of the Galic Language’. ʼS e nàdar de ghràmar a tha anns an leabhar sin.

Chan eil an anailis aige air a’ chànan buileach mar a th’ againn an-diugh. Tha e ag ainmeachadh sia tuisealan, mar eisimpleir. An-diugh, tha sinn ag aithneachadh ceithir.

Am measg eile, tha clisgearan aige – sin a’ Ghàidhlig air interjections. Mar eisimpleir: Grief: och! och! mo chreach! ‘my ruin!’ mo thruaidh! ‘my misery!’; Derision: mo nàir ort! ‘fy on you!’; Fatigue: heich ho! Agus tha eisimpleirean aige de litreachas Gàidhlig. Tha eadar-theangachadh gu Gàidhlig ann dhen dàn ainmeil Messiah le Alexander Pope.

Tha droch chliù aig Somhairle MacIain air a’ Ghàidhealtachd oir sgrìobh e rudan car nimheil mun Ghàidhlig. Ach fhuair Uilleam Seathach taic agus brosnachadh bho MhacIain am faclair Gàidhlig aige a dhèanamh. Tuilleadh air an fhaclair – agus air a’ chonnspaid mu dheidhinn – an-ath-sheachdain.

Reverend William Shaw (1)

English Beurla

The other day, I was reading an old report from the famous newspaper, Times of London. It appeared in the paper in January 1786. It grabbed my attention, because it was about a Gaelic dictionary. There was a controversy about it.

The dictionary was published – in two volumes – six years before that. It was one of the first Gaelic dictionaries. The title of Book 1 is ‘A Galic and English Dictionary containing all the words in the SCOTCH and IRISH dialects of the CELTIC, that could be collected from the VOICE, and Old Books and MSS’. Galic is spelled ‘G-A-L-I-C.’

The editor of the dictionary was the Reverend William Shaw. He was born on the Isle of Arran in 1749. He attended The University of Glasgow. After that, he went to London. He was among a group of gentlemen in London who were interested in literature. Among members of the group was the famous lexicographer, An t-Oll. Somhairle MacIain. You will know him better as Dr Samuel Johnson.

The dictionary is not the first book that William Shaw wrote. He also wrote ‘An Analysis of the Galic Language’. That book is a sort of grammar.

His analysis of the language is not exactly as we have it today. He names six noun cases, for example. Today, we recognise four.

Among other things, he has clisgearan – that’s the Gaelic for ‘interjections’. For example: Grief: och! och! mo chreach! ‘my ruin!’ mo thruaidh! ‘my misery!’; Derision: mo nàir ort! ‘fy on you!’; Fatigue: heich ho! And he has examples of Gaelic literature. There is a translation to Gaelic of the famous poem Messiah by Alexander Pope.

Samuel Johnson has a bad reputation in the Highlands because he wrote rather nasty things about the Gaelic language. But William Shaw got help and encouragement from Johnson to make his dictionary. More on the dictionary – and on the controversy about it – next week.

An t-Urr. Uilleam Seathach (1)

Gaelic Gàidhlig

An latha eile, bha mi a’ leughadh seann aithris on phàipear-naidheachd ainmeil, Tìm Lunnainn. Nochd e sa phàipear anns an Fhaoilleach seachd ceud deug, ochdad ʼs a sia (1786). Thog e m’ aire, a chionn ʼs gun robh e mu dheidhinn faclair Gàidhlig. Bha connspaid ann mu dheidhinn.

Bha am faclair air fhoillseachadh – ann an dà phàirt – sia bliadhna roimhe sin. B’ e fear de na ciad fhaclairean Gàidhlig. ʼS e an tiotal a tha air Leabhar a h-Aon dheth ‘A Galic and English Dictionary containing all the words in the SCOTCH and IRISH dialects of the CELTIC, that could be collected from the VOICE, and Old Books and MSS’. Tha Galic air a litreachadh ‘G-A-L-I-C.’

B’ e deasaiche an fhaclair an t-Urramach Uilleam Seathach. Rugadh e ann an Eilean Arainn ann an seachd ceud deug, ceathrad ʼs a naoi (1749). Bha e ann an Oilthigh Ghlaschu. An dèidh sin, chaidh e a Lunnainn. Bha e am measg buidheann de dhaoin-uaisle ann an Lunnainn aig an robh ùidh ann an litreachas. Am measg buill na buidhne, bha am faclairiche ainmeil, an t-Oll. Somhairle MacIain. Bidh sibh nas eòlaiche air mar Dr Samuel Johnson.

Chan e am faclair a’ chiad leabhar a sgrìobh Uilleam Seathach. Sgrìobh e cuideachd ‘An Analysis of the Galic Language’. ʼS e nàdar de ghràmar a tha anns an leabhar sin.

Chan eil an anailis aige air a’ chànan buileach mar a th’ againn an-diugh. Tha e ag ainmeachadh sia tuisealan, mar eisimpleir. An-diugh, tha sinn ag aithneachadh ceithir.

Am measg eile, tha clisgearan aige – sin a’ Ghàidhlig air interjections. Mar eisimpleir: Grief: och! och! mo chreach! ‘my ruin!’ mo thruaidh! ‘my misery!’; Derision: mo nàir ort! ‘fy on you!’; Fatigue: heich ho! Agus tha eisimpleirean aige de litreachas Gàidhlig. Tha eadar-theangachadh gu Gàidhlig ann dhen dàn ainmeil Messiah le Alexander Pope.

Tha droch chliù aig Somhairle MacIain air a’ Ghàidhealtachd oir sgrìobh e rudan car nimheil mun Ghàidhlig. Ach fhuair Uilleam Seathach taic agus brosnachadh bho MhacIain am faclair Gàidhlig aige a dhèanamh. Tuilleadh air an fhaclair – agus air a’ chonnspaid mu dheidhinn – an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1244

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile