FaclairDictionary EnglishGàidhlig

557: Robert Sibbald 557: Raibeart Sibbald

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Raibeart Sibbald

Gaelic Gàidhlig

An-uiridh chaidh urram sònraichte a bhuileachadh air an Àrd-ollamh Teàrlach Withers. Chaidh ainmeachadh mar Chruinn-eòlaiche Rìoghail na h-Alba.

Cha robh a leithid ann airson greis mhòr. Am fear mu dheireadh a bha na Chruinn-eòlaiche Rìoghail, bha an t-urram air a bhuileachadh air leis a’ Bhanrigh Bhictoria.

Dè bhios Cruinn-eòlaiche Rìoghail a’ dèanamh? Uill, bidh e na thosgaire airson Cruinn-eòlas aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Bidh e a’ toirt a bheachd air blàthachadh na cruinne, goireasan siubhail, mapaichean, in-imrich, teagasg cruinn-eòlais agus eile. Agus gu fortanach, tha Teàrlach Withers gu math fiosrachail mun Ghàidhlig. Sgrìobh e an leabhar ‘Gaelic in Scotland 1698-1981: The Geographical History of a Language’.

Chaidh an dreuchd – Cruinn-eòlaiche Rìoghail na h-Alba – a chruthachadh o chionn còrr is trì cheud bliadhna. Bha Teàrlach II air a’ chathair rìoghail aig an àm. B’ e a’ chiad duine san dreuchd Sir Raibeart Sibbald. Bhuineadh Sibbald do Dhùn Èideann. Bha e na Àrd-ollamh (a’ chiad fhear) ann an Eòlas-leigheis ann Oilthigh Dhùn Èideann. Bha e am measg stèidheadairean na dà chuid – Colaiste Rìoghail nan Lighichean agus an Lios Luibheach Rìoghail. Bha ùidh agus eòlas aige air lusan, ainmhidhean, eachdraidh – agus cruinn-eòlas.

Bhathar an dùil gun sgrìobhadh Sibbald trì leabhraichean. Bhiodh a’ chiad fhear – Scotia Illustrata – mu dheidhinn nàdar. Agus bhiodh dà leabhar ann mu chruinn-eòlas – Scotia Antiqua agus Scotia Moderna. Ach ’s e Scotia Illustrata a-mhàin a thàinig a-mach ann an clò.

Rinn Sibbald aon rud a tha fìor chudromach dhuinn an-diugh. Fhuair e grèim air mapaichean a rinn Timothy Pont aig deireadh an t-siathamh linn deug. Chaidh na pàipearan aige, agus stuth Phont nam measg, do Leabharlann an Luchd-tagraidh nuair a chaochail e. Tha iad againn ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a-nise. Abair gu bheil iad prìseil!

Ach rinn e aon rud nach robh cho math. Tha eun air am bi sibh eòlach – an tàrmachan no tormachan. Tha an t-ainm ciallach. Ach cha do thuig Sibbald gur ann bhon Ghàidhlig a thàinig ainm Beurla an eòin. Agus sgrìobh e e le ‘p’ aig an toiseach – ptarmigan. ’S iomadh rud math a rinn e, ach cha b’ e sin fear dhiubh!

Robert Sibbald

English Beurla

Last year Professor Charles Winters was given a special honour. He was named Geographer Royal for Scotland.

There wasn’t such a thing for a good period. The last man who was a Geographer Royal, he was granted the honour by Queen Victoria.

What does a Geographer Royal do? Well, he’s an ambassador for Geography at a national and international level. He’ll give his opinion on global warming, transport, mapping, immigration, the teaching of geography and other things. And fortunately Charles Withers is very knowledgable about Gaelic. He wrote the book ‘Gaelic in Scotland 1698-1981: The Geographical History of a Language’ .

The position – Geographer Royal for Scotland – was created more than three hundred years ago. Charles II was on the throne at the time. The first person in the post was Sir Robert Sibbald. Sibbald belonged to Edinburgh. He was a Professor (the first one) of Medicine at Edinburgh University. He was among the founders of both the Royal College of Physicians and the Royal Botanical Gardens. He had an interest in, and knowledge of, plants, animals, history - and geography.

He was expected to write three books. The first one – Scotia Illustrata – would be about nature. And two books would be about geography – Scotia Antiqua and Scotia Moderna . But only Scotia Illustrata was published.

Sibbald did one thing that is very important for us today. he got hold of maps that Timothy Pont made at the end of the sixteenth century. His papers, inluding Pont’s material, went to the Advocates’ Library when he died. We now have them in the National Library of Scotland. They are really valuable!

But he did one thing that wasn’t so good, There is a bird you’ll know – the tàrmachan or tormachan. The name is meaningful [‘murmuring one’]. But Sibbald didn’t understand that the bird’s English name came from Gaelic. And he wrote it with a ‘p’ at the beginning – ptarmigan. He did many good things, but that wasn’t one of them!

Raibeart Sibbald

Gaelic Gàidhlig

An-uiridh chaidh urram sònraichte a bhuileachadh air an Àrd-ollamh Teàrlach Withers. Chaidh ainmeachadh mar Chruinn-eòlaiche Rìoghail na h-Alba.

Cha robh a leithid ann airson greis mhòr. Am fear mu dheireadh a bha na Chruinn-eòlaiche Rìoghail, bha an t-urram air a bhuileachadh air leis a’ Bhanrigh Bhictoria.

Dè bhios Cruinn-eòlaiche Rìoghail a’ dèanamh? Uill, bidh e na thosgaire airson Cruinn-eòlas aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Bidh e a’ toirt a bheachd air blàthachadh na cruinne, goireasan siubhail, mapaichean, in-imrich, teagasg cruinn-eòlais agus eile. Agus gu fortanach, tha Teàrlach Withers gu math fiosrachail mun Ghàidhlig. Sgrìobh e an leabhar ‘Gaelic in Scotland 1698-1981: The Geographical History of a Language’.

Chaidh an dreuchd – Cruinn-eòlaiche Rìoghail na h-Alba – a chruthachadh o chionn còrr is trì cheud bliadhna. Bha Teàrlach II air a’ chathair rìoghail aig an àm. B’ e a’ chiad duine san dreuchd Sir Raibeart Sibbald. Bhuineadh Sibbald do Dhùn Èideann. Bha e na Àrd-ollamh (a’ chiad fhear) ann an Eòlas-leigheis ann Oilthigh Dhùn Èideann. Bha e am measg stèidheadairean na dà chuid – Colaiste Rìoghail nan Lighichean agus an Lios Luibheach Rìoghail. Bha ùidh agus eòlas aige air lusan, ainmhidhean, eachdraidh – agus cruinn-eòlas.

Bhathar an dùil gun sgrìobhadh Sibbald trì leabhraichean. Bhiodh a’ chiad fhear – Scotia Illustrata – mu dheidhinn nàdar. Agus bhiodh dà leabhar ann mu chruinn-eòlas – Scotia Antiqua agus Scotia Moderna. Ach ’s e Scotia Illustrata a-mhàin a thàinig a-mach ann an clò.

Rinn Sibbald aon rud a tha fìor chudromach dhuinn an-diugh. Fhuair e grèim air mapaichean a rinn Timothy Pont aig deireadh an t-siathamh linn deug. Chaidh na pàipearan aige, agus stuth Phont nam measg, do Leabharlann an Luchd-tagraidh nuair a chaochail e. Tha iad againn ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba a-nise. Abair gu bheil iad prìseil!

Ach rinn e aon rud nach robh cho math. Tha eun air am bi sibh eòlach – an tàrmachan no tormachan. Tha an t-ainm ciallach. Ach cha do thuig Sibbald gur ann bhon Ghàidhlig a thàinig ainm Beurla an eòin. Agus sgrìobh e e le ‘p’ aig an toiseach – ptarmigan. ’S iomadh rud math a rinn e, ach cha b’ e sin fear dhiubh!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 861

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile