FaclairDictionary EnglishGàidhlig

836: Redcastle (1) 836: An Caisteal Ruadh (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Caisteal Ruadh (1)

Gaelic Gàidhlig

Anns an Litir seo, tha mi airson ur toirt don Chaisteal Ruadh anns an Eilean Dubh. Carson as e An Caisteal Ruadh a tha air an àite – no Redcastle ann am Beurla? Uill, tha sin sìmplidh gu leòr. Tha seann chaisteal ann – agus tha e ruadh! Tha e air a thogail de chlach-ghainmhich ruadh. Tha an caisteal a-nise na thobhta. Ach tha e brèagha ann an cumadh agus coltas.

Tha An Caisteal Ruadh faisg air cladach a tuath Linne Fharair. Tha e dlùth ri ceann na linne. Tha e ann an suidheachadh sìtheil. Agus tha am fearann mu a thimcheall torrach.

Chaidh daingneach a thogail air an làraich seo o chionn fhada. Thog Rìgh na h-Alba, Uilleam Garbh mac Eanraig – William the Lion – e faisg air deireadh an dàrna linn deug. B’ e ainm caisteal Uilleim Edirdovar. Anns a’ Ghàidhlig an latha an-diugh, chanamaid Eadar Dà Dhobhar. Nochd e gu tric ann am Beurla mar Edradour. Tha sin a’ ciallachadh ‘eadar dà uisge’. Thug an t-eòlaiche, Uilleam MacBhàtair, sùil air an ainm seo airson an leabhair aige Place Names of Ross and Cromarty. Cho-dhùin e gum b’ iad an dà uisge Linne Fharair agus Linne Chrombaidh.

Tro thìde, ge-tà, dh’atharraich e a bheachd. Bha e a’ smaoineachadh gun robh an t-ainm a’ dèanamh iomradh air dà allt bheag faisg air a’ chaisteal. Co-dhiù, cha do mhair an t-ainm Eadar Dà Dhobhar. Mus robh an ceathramh linn deug a-mach, bha daoine a’ gabhail Reidcastell air ann am Beurla.

Thairis air na ceudan, bha an caisteal ann an làmhan diofar theaghlaichean. An toiseach bha e leis na Bissets. Bha fearann acasan air taobh thall na linne. An uair sin, bha e leis na Greumaich. An dèidh sin bha e le Iarlan Rois. Ghabh an teaghlach rìoghail, na Stiùbhartaich, grèim air an uair sin. Tha daoine a’ smaoineachadh gun deach Màiri, Banrigh na h-Alba, ann sa bhliadhna còig ceud deug, seasgad ’s a dhà (1562).

An ceann sia bliadhna eile, bha an Caisteal Ruadh gu bhith ann an làmhan Clann ’ic Coinnich. Agus sin far an tòisich mi mo chunntas an-ath-sheachdain.

Redcastle (1)

English Beurla

In this Litir, I want to take you to Redcastle in the Black Isle. Why is the place called An Caisteal Ruadh – or Redcastle ijn English? Well, that’s simple enough. There is an old castle there – and it’s red! It’s built of red sandstone. The castle is now a ruin. But it’s attractive in form and appearance.

Redcastle is near the northern shore of the Beauly Firth. It’s near the head of the firth. It’s in a peaceful situation. And the surrounding land is fertile.

A fortress was built on the site a long time ago. The King of Scotland, Uilleam Garbh mac Eanraig – William the Lion – built it near the end of the 12th century. William’s castle was called Edirdovar. In today’s Gaelic we’d say Eadar Dà Dhobhar. It often appeared in English as Edradour. That means ‘between two waters’. The expert, William Watson, looked at this name for his book Place Names of Ross and Cromarty. He concluded that the two waters were the Beauly Firth and Cromarty Firth.

Through time, however, he changed his opinion. He was thinking that the name was referencing two small burns near the castle. Anyway, the name Eadar Dà Dhobhar did not persist. Before the 14th century was past, people were calling it Reidcastell in English.

Over the centuries, the castle was in the hands of various families. To begin with, the Bissets owned it. They had land on the far side of the firth. Then the Grahams owned it. After that the Earls of Ross owned it. The royal family, the Stuarts, possessed it then. People reckon that Mary Queen of Scots went there in the year 1562.

In another six years, Redcastle would be in the hands of the Mackenzies. And that’s where I’ll commence my account next week.

An Caisteal Ruadh (1)

Gaelic Gàidhlig

Anns an Litir seo, tha mi airson ur toirt don Chaisteal Ruadh anns an Eilean Dubh. Carson as e An Caisteal Ruadh a tha air an àite – no Redcastle ann am Beurla? Uill, tha sin sìmplidh gu leòr. Tha seann chaisteal ann – agus tha e ruadh! Tha e air a thogail de chlach-ghainmhich ruadh. Tha an caisteal a-nise na thobhta. Ach tha e brèagha ann an cumadh agus coltas.

Tha An Caisteal Ruadh faisg air cladach a tuath Linne Fharair. Tha e dlùth ri ceann na linne. Tha e ann an suidheachadh sìtheil. Agus tha am fearann mu a thimcheall torrach.

Chaidh daingneach a thogail air an làraich seo o chionn fhada. Thog Rìgh na h-Alba, Uilleam Garbh mac Eanraig – William the Lion – e faisg air deireadh an dàrna linn deug. B’ e ainm caisteal Uilleim Edirdovar. Anns a’ Ghàidhlig an latha an-diugh, chanamaid Eadar Dà Dhobhar. Nochd e gu tric ann am Beurla mar Edradour. Tha sin a’ ciallachadh ‘eadar dà uisge’. Thug an t-eòlaiche, Uilleam MacBhàtair, sùil air an ainm seo airson an leabhair aige Place Names of Ross and Cromarty. Cho-dhùin e gum b’ iad an dà uisge Linne Fharair agus Linne Chrombaidh.

Tro thìde, ge-tà, dh’atharraich e a bheachd. Bha e a’ smaoineachadh gun robh an t-ainm a’ dèanamh iomradh air dà allt bheag faisg air a’ chaisteal. Co-dhiù, cha do mhair an t-ainm Eadar Dà Dhobhar. Mus robh an ceathramh linn deug a-mach, bha daoine a’ gabhail Reidcastell air ann am Beurla.

Thairis air na ceudan, bha an caisteal ann an làmhan diofar theaghlaichean. An toiseach bha e leis na Bissets. Bha fearann acasan air taobh thall na linne. An uair sin, bha e leis na Greumaich. An dèidh sin bha e le Iarlan Rois. Ghabh an teaghlach rìoghail, na Stiùbhartaich, grèim air an uair sin. Tha daoine a’ smaoineachadh gun deach Màiri, Banrigh na h-Alba, ann sa bhliadhna còig ceud deug, seasgad ’s a dhà (1562).

An ceann sia bliadhna eile, bha an Caisteal Ruadh gu bhith ann an làmhan Clann ’ic Coinnich. Agus sin far an tòisich mi mo chunntas an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1140

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile