Outdoor activities Cur-seachadan a-muigh
PersonNeach
          GaelicGàidhlig
          EnglishBeurla
        | Murchadh | A Nèill, an gabh thu isbean eile? | Neil, will you have another sausage? | 
| Niall | Gabhaidh. | Yes. | 
| Murchadh | Tha e teth.  A Dhoileag, an toir thu dhomh am forca?  |  It’s hot.  Dolly, can you give me the fork?  |  
| Niall | Siud an t-isbean mu dheireadh.  An cuir mi tuilleadh air?  |  That’s the last sausage.  Will I put more on?  |  
| Woman | Cha b’ fhiach bodraigeadh, a Mhurchaidh. Tha gu leòr agam.  |  It’s not worth bothering, Murdo. I have plenty.  |  
| Doileag | Agus agamsa. | Me too. | 
| Murchadh | B’ fhiach ge-tà.  Cha d’ fhuair mi fhìn gin fhathast. Smaoinichibh, an t-acras air a’ chòcaire.  |  Yes, though. I didn’t get any myself yet. Think, the cook’s hungry.  |  
| Niall | Seo sgian, a Mhurchaidh. Fosgail a’ phacaid agus gabh gu leòr.  |  Here’s a knife, Murdo.  Open a packet and take plenty. (i.e help yourself)  |  
| Doileag | B’ fhiach gu leòr ithe, a Mhurchaidh.  ’S dòcha nach fhaigh thu càil a-màireach – bidh Niall a’ còcaireachd.  |  It’s worth eating plenty, Murdo.  You may not get anything tomorrow – Neil will be cooking.  |  
| Woman | Teatha no cofaidh, a Nèill? | Tea or coffee, Neil? | 
| Niall | Teatha, le bainne agus dà spàinn siùcair. | Tea, with milk and two spoons of sugar. | 
| Doileag | Bu chòir nas lugha a ghabhail.  Chan eil dà spàinn siùcar math dhut.  |  You should have less.  Two spoons of sugar isn’t good for you.  |  
| Niall | ’S e muga mòr a th’ ann ge-tà. | It’s a big mug though. | 
| Woman | Cia mheud spàinn siùcair a tha thusa a’ gabhail, a Mhurchaidh? | How many spoons of sugar do you take, Murdo? | 
| Murchadh | Chan eil gin, a Fhlòraidh.  Tha mi milis gu leòr.  |  None, Flora.  I’m sweet enough.  |  
| Niall | Nach fhaod sinn smaoineachadh air dè nì sinn a-màireach ma-tà? | Shouldn’t we think about what we’ll do tomorrow then? | 
| Murchadh | Uill, thèid againn air snàmh co-dhiù.  Chan eil a’ mhuir ach ceud slat bhuainn.  |  Well, we can swim anyway.  The sea is only a hundred yards from us.  |  
| Doileag | Na bithibh a’ smaoineachadh air. | Don’t think of it. | 
| Flòraidh | Carson? | Why? | 
| Doileag | A chionn ’s gum bi i ro fhuar. | Because it will be too cold. | 
| Niall | Ach b’ fhiach fheuchainn co-dhiù, a Dhoileag. | But it would be worth trying anyway, Dolly. |