Talking about job prospects A’ bruidhinn mu chothroman cosnaidh
I wanted to be a...Bha mi airson a bhith nam...
Consolidate your learning with this clip.
PersonNeach
          GaelicGàidhlig
          EnglishBeurla
        | Driver | Mo chreach ’s a thàinig.  Tònaidh, Ross. Nuair a thuirt iad Mackenzie cha do thuig mi cò bh’ ann. Dotair Mackenzie, a bu chòir dhomh a ràdh.  |  My goodness.  Toni, Ross. When they said Mackenzie I didn’t realise who it was. Doctor Mackenzie, I should say.  |  
| Ross | Chan e dotair a th’ annam idir. ’S e nurs a th’ annam.  |  I’m not a doctor at all. I’m a nurse.  |  
| Driver | Nurse Mackenzie ma-tha.  Agus a bheil thusa nad nurs cuideachd, Tònaidh?  |  Nurse Mackenzie then.  And are you a nurse too, Toni?  |  
| Tònaidh | Chan eil.  Tha mise nam dhotair. Dotair MacAuley.  |  No. I’m a doctor. Doctor MacAuley.  |  
| Driver | Càit a bheil sibh a’dol ma-tha? | Where are you going then? | 
| Tònaidh | Eaglais Langlands, mas e do thoil e.  Tha sinn a' dol a dh’fhaicinn a’ mhinisteir.  |  Langlands Church, please.  We are going to see the minister.  |  
| Ross | Tha sinn a’ dol a phòsadh. | We are going to get married. | 
| Driver | Mealaibh ur naidheachd. | Congratulations. | 
| Fiona | Ross, Tònaidh.  Ciamar a tha sibh? Agus Philip cuideachd. Mo chreach ’s a thàinig!  |  Ross, Toni.  How are you? And Philip too. My goodness!  |  
| Tònaidh | Fiona!  Thuirt thu gun robh thu airson a bhith nad pheantair!  |  Fiona!  You said you wanted to be a painter!  |  
| Fiona | Ach dè tha sibh a’ dèanamh an seo co-dhiù? | But what are you doing here anyway? | 
| Ross | Tha sinn a' dol a dh’ fhaicinn a’ mhinisteir.  Tha sinn a' dol a phòsadh.  |  We are going to see the minister.  We going to marry.  |  
| Fiona | Tha ministear ùr ann.  An robh fhios agaibh?  |  There’s a new minister.  Did you know?  |  
| Tònaidh | Bha.  Ach chan fhaca sinn fhathast e.  |  Yes.  But we haven’t seen him yet.  |  
| Iain | A bheil thu ceart gu leòr, a Sheonag, a ghràidh? | Are you alright, Joan, dear? | 
| Seonag | Och, tha. | Och, yes. | 
| Norman | A bheil thu cinnteach? | Are you sure? | 
| Seonag | Och tha.  Bha mi dìreach a’ leughadh mu dheidhinn dithis charaid a bh’ agam anns an sgoil. Ross Mackenzie agus Tònaidh MacAuley. Phòs iad an t-seachdain seo chaidh.  |  Och yes.  I was just reading about two friends from school. Ross Mackenzie and Toni MacAuley. They got married last week.  |  
| Iain | An do phòs?  Tha sin snog, a ghràidh.  |  Did they?  That’s nice, dear.  |  
| Seonag | Tha cuimhne agam nuair a bha mi anns an sgoil.  Bha mi airson a bhith beairteach. Bha mi airson a bhith nam bhancair. No nam chunntasair.  |  I remember when I was at school. I wanted to be rich. I wanted to be a banker. Or an accountant.  |  
| Norman | An robh gu dearbh? | Did you indeed? | 
| Seonag | Bha. | Yes. | 
| Iain | Agus a bheil thu a’ faireachdainn duilich? | And are you feeling sad? | 
| Seonag | Duilich?  Carson?  |  Sad?  Why?  |  
| Iain | Uill, chan eil thu beairteach, a ghràidh. | Well, you aren’t rich, dear. | 
| Seonag | Beairteach Ist, a dhuine. Tha mise cho beairteach ri boireannach sam bith ann an Alba. Fad ’s a tha caraidean matha agam, chan eil càil a dhìth orm.  |  Rich. Wheesht, man. I’m as rich as any woman in Scotland. As long as I have good friends, I don’t want for anything.  |