FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Confirming and emphasising things A’ daingneachadh agus a’ cur cuideam air nithean

Càirdeas (Friendship)Càirdeas

Consolidate what you have learnt in this episode of Càirdeas.

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Murchadh A Cheit, nach bruidhinn thu rium? Kate, won’t you talk to me?
Ceit Chan eil dad agam ri ràdh riut, a Mhurchaidh. I’ve nothing to say to you, Murdo.
Murchadh Na bi cho gòrach, a Cheit.
A bheil cuimhne agad idir cho toilichte ’s a bha sinn?
Don’t be so silly, Kate.
Do you remember at all how happy we were?
Ceit Tha e seachad, a Mhurchaidh. It’s over, Murdo.
Murchadh Gabhaidh a chur ceart, ge-tà. It can be put right, though.
Ceit Cluinn seo.
Dh’iarr Iain orm fònadh thugad.
Dh’fhòn mi a-raoir aig leth-uair an dèidh naoi, ’s cha robh thu a-staigh.
Nis, saoil càit an robh thu?
Listen to this.
John asked me to phone you.
I phoned you last night at half past nine, and you weren’t in.
Now, I wonder where you were?
Murchadh Bha mi dìreach air a dhol a-mach.
Bha mi air innse do dh’Eòghann gum faicinn anns an taigh-òst’ e.
I had just gone out.
I had told Ewan that I’d see him in the hotel.
Ceit Tapadh leat, a Mhurchaidh.
Bha mi a’ smaoineachadh sin.
Tha e leth-uair an dèidh ochd, bidh Eòghann a’ feitheamh riut.
’S dòcha gu bheil taigh-òsta fosgailte ann an àiteigin.
Thank you, Murdo.
I thought that.
It’s half past eight, Ewan will be waiting for you.
There’s maybe a hotel open somewhere.
Murchadh Uill, tha do leannan ùr a’ feitheamh riutsa.
Chan urrainn dhomh a chreidsinn.
Chan eil Anna fuar fhathast ’s tha thusa a’ ruith an dèidh Iain.
Well, your new sweetheart is waiting for you.
I can’t believe it.
Anne isn’t cold yet and you are running after John.
Ceit Dè thuirt thu? What did you say?
Murchadh An ann bodhar a tha thu? Are you deaf?
Iain A Cheit, a Mhurchaidh!
Dè idir a tha sibh a’ dèanamh?
Kate, Murdo!
What on earth are you doing?
Murchadh Bi faiceallach, a bhalaich.
Chan aithne dhut an tè seo idir.
Be careful, boyo.
You don’t know this girl at all.
Bill Tha Coinneach air seo fhàgail a-rithist. Kenneth has left this again.
Seonag ’S fheàrr leis an cù againne co-dhiù. He prefers our dog anyway.
Bill Tha mi air sguir a dh’obair aig Càirdeas.
Feumaidh mi bruidhinn ri Iain.
Agus gheibh mi cuideigin a choimheadas an dèidh Choinnich an ath-sheachdain.
I’ve stopped working at Càirdeas.
I need to speak to John.
And I’ll get someone to look after Kenneth next week.
Seonag Tha mi glè thoilichte mu dheidhinn Càirdeas.
Agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil mi air cuideigin fhaighinn dhut airson Choinnich.
I’m very happy about Càirdeas.
And I think that I have found someone for you for Kenneth.
Bill Cò? Who?
Seonag Nurs chloinne.
’S ann às na Hearadh a tha i.
A children’s nurse.
She’s from Harris.
Bill A Sheonag, bhiodh sin sgoinneil! Joan, that would be great!
Seonag Tiugainn a-steach.
Tha mise ag iarraidh mo bhracaist.
Let’s go in.
I want my breakfast.
Bill Glè mhath. Very good.
Iain Ach b’ àbhaist do Mhurchadh a bhith cho socair, gasta. But Murdo used to be so easy-going and friendly.
Ceit B’ àbhaist, Iain.
Ach chan eil Murchadh mar a bha e.
Chunnaic thu fhèin sin.
Bha e airson mo bhualadh.
Yes, John.
But Murdo isn’t as he was.
You saw that yourself.
He wanted to hit me.
Iain Cha robh, a Cheit.
Ach bhuail thusa esan.
No, Kate.
But you hit him.
Ceit Cha chuala tusa an rud a thuirt e ge-tà. You didn’t hear what he said though.
Iain Dè thuirt e? What did he say?
Ceit Thuirt e rud grod. He said something awful.
Iain Thuirt e nach aithne dhomh thu, agus thuirt e gum bu chòir dhomh a bhith faiceallach.
Dè bha e a’ ciallachadh, a Cheit?
He said that I don’t know you, and he said that I should be careful.
What did he mean, Kate?
Ceit Chan eil fhios agam idir, Iain. I have no idea, John.
Seonag Tha Calum Iain agus Mairead a’ dol a-mach a-nochd, agus tha mise gan coinneachadh.
Fàg Coinneach còmhla ris an teaghlach an seo, agus thig còmhla rium.
Calum John and Margaret are going out tonight, and I’m meeting them.
Leave Kenneth with the family here, and come with me.
Bill Aidh.
Chì mi an còrdadh Mairead ri Coinneach.
Aye.
I can see if Kenneth would like Margaret.
Seonag Sin agad sin, ma-thà. That’s decided, then.
Bill Tha Iain agus Ceit gu bhith ag obair leotha fhèin aig Càirdeas a-nise.
Ciamar a tha mi a’ dol a dh’innse sin dhaibh?
John and Kate are going to be working by themselves at Càirdeas now.
How am I going to tell them?
Seonag Cuir fòn gu Iain, agus cuir cuireadh dha tighinn a-mach còmhla rinn. Phone John, and invite him to come out with us.
Iain Gabh air do shocair, a Mhurchaidh, agus ’s dòcha gum faigh thu Ceit air ais. Take it easy, Murdo, and maybe you will get Kate back.
Murchadh Carson a thàinig thu an seo, Iain? Why did you come here, John?
Iain Thàinig airson do chuideachadh. I came to help you.
Murchadh ’S e fìor Mother Teresa a th’ annaibh, nach e? You are real Mother Teresas, aren’t you?
Iain Carson a tha thu mar seo, a Mhurchaidh?
B’ àbhaist dhuinn a bhith cho càirdeil.
Why are you like this, Murdo?
We used to be so friendly with each other.
Murchadh Chan eil thu a’ faicinn dè tha Ceit a’ dèanamh, a bheil? You don’t see what Kate is doing, do you?
Iain Dè tha i a’ dèanamh? What is she doing?
Murchadh Chan eil dad a dh’fhios agad.
Uill, fuirich thusa, fuirich thusa a bhalaich.
You don’t have a clue.
Well, you wait, just you wait boyo.
Seonag Mus falbh thu, cuir fòn gu Iain. Before you leave, phone John.
Bill Dhìochuimhnich mi.
Bill an seo.
A Cheit, ciamar a tha thu?
Tha mi fhìn ’s mo phiuthar a’ dol a-mach a-nochd.
Saoil am biodh Iain airson ar coinneachadh?
Agus thu fhèin ’s Murchadh?
Cuin a bhios Iain air ais ma-thà?
Ceart.
Can ris fònadh thugam, agus ’s dòcha gum faic sinn a-nochd sibh.
Ceit a bha sin, aig taigh Iain.
I forgot.
Bill here.
Kate, how are you?
My sister and I are going out tonight.
I wonder if John would want to meet us?
And yourself and Murdo?
When will John be back then?
Right.
Tell him to phone me, and maybe we will see you tonight.
That was Kate, at John’s house.