FaclairDictionary EnglishGàidhlig

948: Kilravock Castle (1) 948: Caisteal Chill Ràthaig (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Caisteal Chill Ràthaig (1)

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air Caisteal Chill Ràthaig? Tha e eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narann. Ann am Beurla, canaidh daoine ‘Kilravock Castle’ ris. Tha e air fhuaimneachadh ‘kil-ROK’, ach tha e air a sgrìobhadh K-I-L-R-A-V-O-C-K.

Anns an treas linn deug, bha e air a sgrìobhadh ‘Culravock’. Mar sin, ged a chanas sinn ‘Cill Ràthaig’ – ‘the church at the small circular fort’ - ʼs dòcha gur e ‘Cùl’ a bu chòir a bhith ann an àite ‘Cill’ – ‘the place behind the small circular fort’. Tha sin ciallach. Chan aithne dhomh gun robh eaglais no cill a-riamh ann.

Tha e coltach gun robh ‘bh’ anns an dàrna eileamaid, air fhuaimneachadh mar ‘v’. Tro thìde dh’fhalbh am ‘v’. Tha mapa ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Chaidh a dhèanamh goirid an dèidh Blàr Chùil Lodair. Air a’ mhapa sin, tha an caisteal air a chomharrachadh, le ainm air a sgrìobhadh C-U-L-R-A-I-C-K. Chan eil sgeul air ‘v’. Tuilleadh mun mhapa sin ann am mionaid no dhà.

Ach beagan mun chaisteal an toiseach. Tha e na thogalach drùidhteach. Tha tùr còig-ùrlarach ann. Tha e suidhichte air druim gu tuath air Uisge Narann. Tha an oighreachd torrach. Tha measgachadh de dh’achaidhean, pàircean agus coille oirre.

Tha an caisteal fhathast na sheasamh. Tha daoine fhathast a’ fuireach ann. Ach tha an togalach a’ dol air ais gu ceithir cheud deug is seasgad (1460). Gu o chionn ghoirid, bha e ann an làmhan an aon teaghlaich fad na h-ùine sin – na Ròsaich no Roses.

Dh’fhàs Caisteal Chill Ràthaig ainmeil ann an co-cheangal ri Blàr Chùil Lodair. Tha e air a shealltainn air a’ mhapa a bha mi ag ainmeachadh. Chaidh am mapa a tharraing ri chèile ann an seachd ceud deug, ceathrad ʼs a sia (1746) le fear Iain MacFhionnlaigh.

Mar a tha MacFhionnlaigh a’ sealltainn air a mhapa, air an oidhche ron bhatail, chaidh armailt Sheumasach a dh’ionnsaigh Inbhir Narann. Sin far an robh armailt mhòr an riaghaltais a’ campachadh.

Bha na Seumasaich a’ dol a thoirt ionnsaigh orra. Ach stad iad mus do ràinig iad Inbhir Narann agus thill iad a Chùil Lodair. Agus thionndaidh iad faisg air Caisteal Chill Ràthaig.

Kilravock Castle (1)

English Beurla

Do you know Kilravock Castle? It’s between Inverness and Nairn. In English, people call it ‘Kilravock Castle’. It’s pronounced ‘kil-ROK’, but it’s written K-I-L-R-A-V-O-C-K.

In the thirteenth century, it was written ‘Culravock’. Thus, although we say ‘Cill Ràthaig’ – ‘the church at the small circular fort’ – perhaps ‘Cùl’ should be there instead of ‘Cill’ – ‘the place behind the small circular fort’. That makes sense. I don’t know that there was ever a church or cell there.

It appears there was a ‘bh’ in the second element, pronounced ‘v’. Through time, the ‘v’ disappeared. There is a map in the National Library of Scotland. It was made shortly after the Battle of Culloden. On that map, the castle is marked, with its name written C-U-L-R-A-I-C-K. There is no sign of a ‘v’. More about that map in a minute or two.

But a bit about the castle to begin with. It’s an impressive building. There is a tower there with five storeys. It’s situated on a ridge north of the River Nairn. The estate is fertile. There is a mixture of fields, pasture and woodland on it.

The castle is still standing. People are living there. But the building goes back to 1460. Until recently, it was in the hands of the same family all that time – the Ròsaich or Roses.

Kilravock Castle became famous in connection with the Battle of Culloden. It’s shown on the map that I was mentioning. The map was drawn up in 1746 by a John Finlayson.

As Finlayson shows on the map, on the night before the battle, a Jacobite army went towards Nairn. That’s where the great government army was camped.

The Jacobites were going to attack them. But they stopped before they reached Nairn and they returned to Culloden. And they turned near Kilravock Castle.

Caisteal Chill Ràthaig (1)

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air Caisteal Chill Ràthaig? Tha e eadar Inbhir Nis agus Inbhir Narann. Ann am Beurla, canaidh daoine ‘Kilravock Castle’ ris. Tha e air fhuaimneachadh ‘kil-ROK’, ach tha e air a sgrìobhadh K-I-L-R-A-V-O-C-K.

Anns an treas linn deug, bha e air a sgrìobhadh ‘Culravock’. Mar sin, ged a chanas sinn ‘Cill Ràthaig’ – ‘the church at the small circular fort’ - ʼs dòcha gur e ‘Cùl’ a bu chòir a bhith ann an àite ‘Cill’ – ‘the place behind the small circular fort’. Tha sin ciallach. Chan aithne dhomh gun robh eaglais no cill a-riamh ann.

Tha e coltach gun robh ‘bh’ anns an dàrna eileamaid, air fhuaimneachadh mar ‘v’. Tro thìde dh’fhalbh am ‘v’. Tha mapa ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba. Chaidh a dhèanamh goirid an dèidh Blàr Chùil Lodair. Air a’ mhapa sin, tha an caisteal air a chomharrachadh, le ainm air a sgrìobhadh C-U-L-R-A-I-C-K. Chan eil sgeul air ‘v’. Tuilleadh mun mhapa sin ann am mionaid no dhà.

Ach beagan mun chaisteal an toiseach. Tha e na thogalach drùidhteach. Tha tùr còig-ùrlarach ann. Tha e suidhichte air druim gu tuath air Uisge Narann. Tha an oighreachd torrach. Tha measgachadh de dh’achaidhean, pàircean agus coille oirre.

Tha an caisteal fhathast na sheasamh. Tha daoine fhathast a’ fuireach ann. Ach tha an togalach a’ dol air ais gu ceithir cheud deug is seasgad (1460). Gu o chionn ghoirid, bha e ann an làmhan an aon teaghlaich fad na h-ùine sin – na Ròsaich no Roses.

Dh’fhàs Caisteal Chill Ràthaig ainmeil ann an co-cheangal ri Blàr Chùil Lodair. Tha e air a shealltainn air a’ mhapa a bha mi ag ainmeachadh. Chaidh am mapa a tharraing ri chèile ann an seachd ceud deug, ceathrad ʼs a sia (1746) le fear Iain MacFhionnlaigh.

Mar a tha MacFhionnlaigh a’ sealltainn air a mhapa, air an oidhche ron bhatail, chaidh armailt Sheumasach a dh’ionnsaigh Inbhir Narann. Sin far an robh armailt mhòr an riaghaltais a’ campachadh.

Bha na Seumasaich a’ dol a thoirt ionnsaigh orra. Ach stad iad mus do ràinig iad Inbhir Narann agus thill iad a Chùil Lodair. Agus thionndaidh iad faisg air Caisteal Chill Ràthaig.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1252

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile