Mo bheannachd aig Timothy Pont nach maireann, oir dh’fhàg e dìleab phrìseil às a dhèidh. B’ e Pont fear dhen luchd-tarraing mhapaichean a b’ ainmeile a bh’
againn a-riamh. Tha mapaichean a rinn e de mhòran sgìrean ann an Alba air an glèidheadh aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Eideann. Agus nas
fheàrr na sin, gabhaidh a h-uile gin dhiubh faicinn air an eadar-lìon, air làrach an Leabharlainn Nàiseanta. Mo bheannachd acasan cuideachd airson goireas
air leth a chruthachadh.
Tha mi a’ fuireach faisg air allt ann an Inbhir Nis air a bheil the Mill Burn ann am Beurla. Canaidh na Gaidheil Allt a’ Mhuilinn ris,
ach bha mi a-riamh airson dearbhadh dè an t-ainm a bh’ air o shean. Eadar an taigh agam agus a’ mhuir tha an t-allt a’ sruthadh tro sgìrean ris an canar
ann am Beurla Kingsmills agus Diriebught.
Uill, lorg mi e air map a rinn Timothy Pont faisg air deireadh an t-siathamh linn deug. Agus ’s e ainm Gàidhlig a bh’ air aig an àm – Allt Muileann an Rìgh. Cha robh guth air ainm Beurla aig an àm sin. Agus bha Diriebught sgrìobhte mar Deirbocht. Thathar a’ smaoineachadh
gun tàinig sin à Doire nam Bochd.
Bha mi a’ coimhead air map a rinn Pont de Ghlaschu an là eile agus chunnaic mi Rutherglen, a bha na bhaile fa leth aig an àm. Bha e air a
litreachadh Ruglan – RUGLAN – uabhasach coltach ris an dreach Ghàidhlig “Ruadh Ghleann”.
B’ e Timothy Pont mac a’ mhinisteir ainmeil, an t-Urramach Raibeart Pont. Cheumnaich Timothy à Oilthigh Chill Rìmhinn ann an còig ceud deug is ochdad
(1580) agus tha e coltach gun do thòisich e air mapaichean a dhèanamh goirid às dèidh sin. Thathar a’ smaoineachadh gun d’ fhuair e misneachd airson a’
phròiseict bhon obair mhòir aig Crìsdean Saxton ann an Sasainn – Atlas of England and Wales, a chaidh a chur an clò ann an còig ceud deug,
seachdad ’s a naoi (1579).
Ach, leis cho beag ’s a bha sluagh na h-Alba, an coimeas ri Sasainn, cha bhiodh e furasta idir do Phont a chuid mhapaichean a reic aig prothaid. Gu
fortanach dha, thug athair taic dha, an dà chuid airgead a fhuair e bho Eaglais na h-Alba ann an Dùn Eideann, agus le bhith a’ lorg coitheanal dha ann an
Gallaibh, às an d’ fhuair e tuarastal.
Chan eil daoine buileach cinnteach mar a chruinnich Pont a chuid fiosrachaidh airson a mhapaichean ach tha e coltach gun do choisich e ann am mòran
àiteachan. Thathar a’ smaoineachadh gun do chaochail e aig aois rudeigin òg agus gur ann sna bliadhnaichean mu dheireadh dhen t-siathamh linn deug a chaidh
a’ chuid mhòr dhen obair aige a dhèanamh.
An là an-diugh, tha seasgad mapaichean tùsail aige air fhàgail againn agus, a bharrachd orra sin, dh’fhàg Pont làmh-sgrìobhainnean againn, le tuairisgeul
sgrìobhte de phàirtean dhen dùthaich. Tha iad le chèile air leth prìseil. Nochd na mapaichean aige anns an Novus Atlas aig Joannis Blaeu ann an
Amsterdam ann an sia ceud deug, leth-cheud ’s a ceithir (1654), agus chleachd am fear-mhapaichean Raibeart Gòrdan iad nuair a bha e fhèin ag ullachadh
càirtean-dùthcha de dh’Alba.
Agus, a’ tilleadh a dh’Inbhir Nis, ceud gu leth bliadhna ron bhlàr ainmeil, dè bh’ aig Pont air Cùil Lodair? Uill, ’s e Coulloddinn a bh’
aige, a’ sealltainn mar as e an t-ainm Beurla, Culloden, a tha nas coltaiche ris an ainm thùsail Ghàidhlig, seach dreach an ainm Ghàidhlig an là
an-diugh. Adhbhar eile airson a bhith toilichte gun do rinn Timothy Pont a chuid obrach ainmeil o chionn ceithir cheud bliadhna.