FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Puingeachadh

Fhuair mi leabhar inntinneach mar phrèasant bho Bhodach na Nollaig.

Audio is playing in pop-over.

Puingeachadh

Fhuair mi leabhar inntinneach mar phrèasant bho Bhodach na Nollaig. ’S ann air puingeachadh a tha e a-mach. Puingeachadh. ’S e sin a’ Ghàidhlig air punctuation, ged a tha mi an amharas gum bi mòran a-muigh sin, aig a bheil Beurla, a chanas, “mmm, punctuation ... an e stoidhle ciùil a th’ ann?” Tha mi a’ fealla-dhà. Cha bhi luchd-leughaidh Litir do Luchd-ionnsachaidh mar sin co-dhiù!

’S e ùghdar an leabhair Lynne Truss, agus ’s e an t-ainm a th’ air “Eats, Shoots and Leaves: The Zero Tolerance Approach to Punctuation.” Tha e mu dheidhinn mar a tha droch phuingeachadh ann am Beurla a’ cur sgreamh air an ùghdar, agus mar a dh’fhaodas na dearbh fhaclan diofar chiall a bhith aca ma bhios puingeachadh eadar-dhealaichte air a chur an sàs eatarra. Mar eisimpleir: A woman, without her man, is nothing; agus A woman: without her, man is nothing.

Nuair a chuir mi crìoch air an leabhar, thòisich mi air meòmhrachadh air suidheachadh na Gàidhlig. An gabhadh an aon seòrsa leabhair sgrìobhadh mun chànan againne? Uill, saoilidh mi, ged a tha gu leòr ann a bhios a’ dèanamh mhearachdan le puingeachadh ann an Gàidhlig, nach biodh leabhar Gàidhlig buileach cho inntinneach, leis gu bheil e nas dorra dà chiall a dhèanamh leis na h-aon fhaclan ’s a tha e ann am Beurla.

’S e as coireach ri sin gum bi dreach fhaclan, gu h-àraidh ainmearan agus buadhairean, ag atharrachadh ann an Gàidhlig, a-rèir na tha iad a’ dèanamh anns an t-seantans. Mar eisimpleir, ma chanas tu Thilg iad an nathair fada, tha sin eadar-dhealaichte bho Thilg iad an nathair fhada. ’S e an sèimheachadh de fada a tha ag innse dhuinn dè as ciall dha. Agus tha iad le chèile eadar-dhealaichte bho Thilg iad an athair fada!

Agus seo: Cha robh an sgian air a’ bhòrd mòr. ’S i an sgian a bha mòr. Ach nan canamaid, Cha robh an sgian air a’ bhòrd mhòr, bhiodh fios agaibh gur e am bòrd a bha mòr.

Ach tha puingeachadh cudthromach. Èistibh ri seo. Tha luchd-dhrugaichean air bòrd an t-soithich. Nise, le tàthan, no hyphen, eadar luchd is dhrugaichean, tha sin a’ ciallachadh gu bheil buidheann de dhaoine air bòrd a tha a’ ceannach is a’ reic dhrugaichean. As aonais an tàthain, chan eil agaibh air bòrd ach na drugaichean fhèin.

Tha stràcan cudthromach. Bidh fios agaibh gu bheil dìofar mòr ann eadar bas is bàs, agus eadar cloimh (no cloimh) agus clòimh. Agus dè thachras ma chanas mi: tha Iain is Eairdsidh sna h-oghaichean, ach ma chuireas mi asgair ron “s” agus beàrn às a dèidh? Bidh an neach-leughaidh a’ smaoineachadh gu bheil rudeigin a dhìth. Tha Iain is Eairdsidh ’s na h-oghaichean ... dè? Dè tha iad a’ dèanamh?

Agus tha litreachadh ceart cudthromach. Tha mi a’ dol a ruith an t-sabhail. Dè? Am bi sabhal a’ gluasad? Ciamar a bhios mi ga ruith? No an robh mi a’ ciallachadh, “Tha mi a’ dol a Ruigh an t-Sabhail” ― “I am going to Rhintoul”?

Bha an duine sòlaimte ann an Lunnainn . A bheil sin a’ ciallachadh gun do thachair e gu robh an duine a bha seo, a bha an-còmhnaidh sòlaimte, ann an Lunnainn, no gu robh an duine dìreach sòlaimte aig an àm sin air sgàths ’s gu robh e anns a’ bhaile mhòr? Chan eil puingeachadh a nì sin soilleir dhuinn, tha eagal orm.

Agus, uaireannan bidh thu a’ smaoineachadh gu bheil fios agad dè tha rud a’ ciallachadh nuair a thig teagamh nad inntinn. ’S e sin an duine a bhreab mi an là eile. Cò bhreab cò? Bidh mi air ais an ath-sheachdain.

Litir 236 Litir 236 Litir 238 Litir 238

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!