Tha mòran sluaigh am beachd an-diugh
Nach eil ar cànan slàn,
Nach fhada cluinnear fuaim a guth,
Nach tèid i chaoidh nas fheàrr,
Gu bheil a’ bhuaidh a bh’ aic’ air ruith,
Nach tog i ceann gu bràth;
’S a dh’aindeoin buaidh MhicIlledhuibh,
Gum faigh a’ Ghàidhlig bàs.
Tha mi an dòchas nach eil sibh aontachadh ri sin. Chaidh am pìos bàrdachd sin a sgrìobhadh le bàrd às an Eilean Sgitheanach, Niall MacLeòid, a bha beò anns
an dàrna leth dhen naoidheamh linn deug agus aig toiseach an fhicheadamh linn. Tha daoine air a bhith a’ dèanamh ro-aithris air bàs na Gàidhlig airson ùine
mhòir!
Tha mi airson ’s gun èist ribh ris a-rithist agus, an turas seo, èistibh airson ainm duine – cinneadh:
Tha mòran sluaigh am beachd an-diugh
Nach eil ar cànan slàn,
Nach fhada cluinnear fuaim a guth,
Nach tèid i chaoidh nas fheàrr,
Gu bheil a’ bhuaidh a bh’ aic’ air ruith,
Nach tog i ceann gu bràth;
’S a dh’aindeoin buaidh MhicIlledhuibh,
Gum faigh a’ Ghàidhlig bàs.
An cuala sibh MhicIlledhuibh? Sin MacIlledhuibh anns an tuiseal ghinideach. Mar as trice, chanadh tu gur e Black a bhiodh air
ann am Beurla, ach an turas seo tha e a’ seasamh airson Blackie.
Tha cunnart ann gu bheil mòran an là an-diugh a’ dìochuimhneachadh an ainm – Iain Stiùbhart Blackie – ach, anns an dàrna leth dhen naoidheamh linn deug,
bha e ainmeil air feadh Alba. Agus, eucoltach ris a’ chuid mhòir de dh’Albannaich ainmeil an-diugh, bha e na fhìor dheagh charaid don Ghàidhlig. Rinn e
barrachd na duine sam bith eile airson dèanamh cinnteach gum biodh cathair Cheilteis ann an Oilthigh Dhùn Eideann. An-diugh, agus anns na beagan
seachdainean romhainn, bu toigh leam rud beag innse dhuibh mu dheidhinn.
Rugadh Iain Stiùbhart Blackie ann an Glaschu ann an ochd ceud deug ’s a naoi (1809). Bha a chuideachd às na Crìochan. Bha athair na mhanaidsear banca, agus
bha athair a mhàthar na innleadair a dhealbh dà dhrochaid thar Abhainn Chluaidh.
Nuair a bha Iain trì bliadhna a dh’aois, ghluais a theaghlach a dh’Obar Dheathain. As dèidh dha sgoil fhàgail, chuir athair gu oifis-lagh ann an Obar
Dheathain e airson ’s gum biodh e ag ionnsachadh mun lagh. Ann an litir gu phiuthar, sgrìobh e, “Tha an dreuchd a’ còrdadh rium, ach chòrdadh e rium na b’
fheàrr nam faighinn dheth aig dà uair feasgar.” Bha e follaiseach nach leanadh Iain le obair-oifis fad a bheatha.
Bha ùidh mhòr aige anns na cànanan clasaigeach – Laideann agus an t-seann Ghreugais – agus nuair a bha e na oileanach ann an Oilthigh Obair Dheathain,
dh’fhàs e air leth comasach ann an Laidinn. Bhiodh e ag argamaid gu fileanta innte leis a’ phroifeasair. Ach, nuair a chaidh e a-null thairis airson
ionnsachadh mu chànan is litreachas, chan ann don Ròimh no don Àithne a chaidh e, ach a Ghöttingen anns a’ Ghearmailt, ged nach robh aige de Ghearmailtis
ach corra fhacal. Uaireannan, aig an toiseach, bhiodh e a’ bruidhinn ri daoine foghlamaichte ann an Laidinn!
Chaidh e a-null còmhla ri dithis eile à Obar Dheathain ach sgrìobh athair thuige, ag ràdh nach fhaodadh e fuireach còmhla riutha oir bha e air a dhol ann
airson an cànan ionnsachadh. Fhreagair Iain an litir, ag ràdh gu robh iad ag ionnsachadh a’ chànain còmhla. Agus, sgrìobh e, leis gu robh buinteanas aca do
dh’Obar Dheathain, gu robh iad ag ionnsachadh cunntadh an airgid gu luath, gus nach gabhadh fear-bùtha sam bith brath orra! Bhiodh dà fhichead bliadhna ann
mus fhaigheadh Iain greim air a’ Ghàidhlig ach cha b’ fhada gus an robh e fileanta ann an cànan na Gearmailt.